Leis gum bi grunn cheumannan sa Bhile a’ gabhail a-steach co-chomhairle le buidhnean iomchaidh, mar eisimpleir, air bun-inbhean agus stiùireadh a thaobh na Scots agus foghlam Scots, tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dearbhadh gun cuir iad co-chomhairlean ri chèile uiread ’s as urrainn dhaibh, gus a’ bhuaidh air goireasan a lùghdachadh air buidhnean poblach agus buidhnean le ùidh sa chùis bho iomadh co-chomhairle, agus tha iad a’ faighneachd cuin a bhiodh iad am beachd na co-chomhairlean sin a chumail.