This website is using cookies. We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website.
Please choose whether to accept cookies.
13 May 2025
Tha BPA bho Chomataidh Chùisean na Dùthcha is nan Eileanan Pàrlamaid na h-Alba air tadhal air trì oighreachdan ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh agus air tachartas conaltradh coimhearsnachd a chumail gus an sgrùdadh aca air Bile na h-Àrainneachd Nàdarra (Alba) a leudachadh.
Thòisich an turas fiosrachaidh aig oifisean Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta ann am Baile nan Granndach feasgar Didòmhnaich 11 Cèitean le tachartas conaltradh coimhearsnachd.
Choinnich BPA ri raon de riochdairean coimhearsnachd bho Phàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh gus beachdachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig molaidhean sa Bhile, a tha ag amas air nàdar ath-nuadhachadh agus bith-iomadachd ann an Alba a dhìon.
Chuala buill beachdan air toirt a-steach targaidean bith-iomadachd a bhiodh ceangaltach fon lagh ann an Alba; atharrachaidhean air amasan agus adhbharan phàircean nàiseanta; agus cumhachd a thoirt do Ùghdarrasan Phàircean Nàiseanta peanas stèidhichte a lìbhrigeadh airson fo-laghan a bhriseadh.
Air Diluain 12 Cèitean, thadhail Buill air oighreachdan Seafield, Doirbeag agus Obar Neithich gus barrachd ionnsachadh mu dhiofar iomairtean airson dèiligeadh ri call bith-iomadachd agus an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh, a’ gabhail a-steach leudachadh choilltean dùthchasach, riaghladh fhiadh, ath-nuadhachadh nàdarra, ath-bheothachadh aibhnichean agus tasgadh ann an calpa nàdarra.
B’ e Fionnlagh Carson BPA, Tim Eagle BPA, Emma Harper BPA, Mark Ruskell BPA, Rhoda Ghrannd BPA agus Elena Whitham BPA Buill na Comataidh a bha aig an tachartas.
A’ meòrachadh air an turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Fionnlagh Carson BPA;
“Tha coinneachadh ri daoine agus buidhnean a tha a’ fuireach agus ag obair sa phàirc nàiseanta air tuigse nas doimhne a thoirt dhuinn air na cùisean agus draghan air inntinn muinntir an àite mu mar a dh’fhaodadh am Bile seo buaidh a thoirt orra agus air am beatha obrach làitheil.
“Nuair a thadhail sinn air na h-oighreachdan, fhuair sinn beachdan ùra agus mion-fhiosrachadh practaigeach cudromach mu mar a dh’fhaodadh ceumannan sa Bhile buaidh a thoirt air riaghladh fearann oighreachdan agus dè a bharrachd a dh’fhaodte a dhèanamh gus dèiligeadh ri call bith-iomadachd agus an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh.
“Cuidichidh na beachdan ùra seo uile sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil molaidhean a’ Bhile freagarrach airson taic èifeachdach a thoirt do dh’amasan na h-Alba a thaobh bith-iomadachd a dhìon agus sgaoilidhean carboin cronail a lughdachadh.”
Thuirt Grant Moir, Àrd-oifigear, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh;
“Tha e cudromach gum bi leasachadh Bile na h-Àrainneachd Nàdarra (Alba) air a stiùireadh le measgachadh de bheachdan, gu h-àraidh beachdan dhaoine a tha a’ fuireach agus ag obair anns na pàircean nàiseanta againn. Bha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Comataidh nan Cùisean Dùthchail agus nan Eileanan anns a’ Mhonadh Ruadh agus bha sinn taingeil airson na chuir a h-uile duine a bha an làthair ris an tachartas agus a stiùir na cuairtean làraich.”
Chuir a’ Chomataidh a-mach gairm bheachdan a dhùin air 9 Cèitean agus tha dùil gun tèid freagairtean fhoillseachadh anns na seachdainean a tha romhainn.
Gabhaidh buill fianais beòil a-nis anns na mìosan a tha romhainn mus cuir iad aithisg gu Pàrlamaid na h-Alba nas fhaide am-bliadhna.
Thèid geàrr-chunntas de chòmhraidhean an tachartas coimhearsnachd fhoillseachadh anns na seachdainean a tha romhainn.
Chaidh am Bile a thoirt a-steach air 19 Gearran 2025. Faodaidh tu adhartas rannsachadh na Comataidh a leantainn agus sgrìobhainnean a’ Bhile fhaighinn an seo
Gheibhear geàrr-chunntas SPICe airson Bile na h-Àrainneachd Nàdarra (Alba) an seo
Tha am Bile a’ cur dleastanas air Ministearan na ciad thargaidean ath-nuadhachadh nàdair a tha ceangailteach fon lagh a shuidheachadh ann an Alba, ag aithneachadh nach do shoirbhich le dòighean-obrach neo-reachdail roimhe gus stad a chur air crìonadh nàdair.
Tha e cuideachd a’ toirt chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba reachdas measadh buaidh àrainneachdail agus riaghailtean àrainnean atharrachadh; reachdas Phàircean Nàiseanta atharrachadh gus an dòigh ’s a bheil iad air an riaghladh ùrachadh; agus atharrachaidhean mionaideach a dhèanamh air reachdas mu fhèidh fhiadhaich, gus an dòigh ’s a bheil iad air an riaghladh ùrachadh agus freagairt a thoirt do dh'èiginn na gnàth-thìde agus nàdair.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh, “gu bheil na h-ullachaidhean sa Bhile seo, còmhla, ag amas air taic a thoirt don obair a tha mar-thà ga dèanamh le manaidsearan fearainn, tuathanaich, buidhnean nàdair, carthannasan agus stiùbhardan ar fearainn, gus an àrainneachd nàdarra air a bheil sinn uile an urra ath-bheothachadh agus a dhìon.
Hilda Stewart: 07583 107104