Air cuspair na gaoithe, seo an dàn “Ceithir Gaothan na h-Albann”, a sgrìobh am bàrd Deòrsa Mac Iain Deòrsa mu na bha an dùthaich àlainn againn a’ ciallachadh dhàsan: M’ oiteag cheòlmhor chaoin teachd deiseil nam bheitheach Samhraidh i, mo stoirm chuain le dìle cur still ’s gach alltan domh, a’ ghaoth tuath le cathadh sneachda nì dreachmhor beanntan domh, a’ ghaoth tha ’g iomain m’ fhaloisg earraich ri leathad ghleanntaichean.