Ann an 2024-25, den £25.6 millean de mhaoineachadh ghoireasan ann am buidseat ghoireasan Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig, tha mu dàrna leth, £12.6 millean, a’ dol gu Craoladh Gàidhlig – is e sin na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur ri MG Alba. ’S e £5.1 millean am maoineachadh do Bhòrd na Gàidhlig.