The Member has provided the following translation Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur fàilte air toiseach tachartasan co-chomhairleachaidh Bhòrd na Gàidhlig air an ath Phlana Nàiseanta Gàidhlig; a’ tuigsinn gu bheil na planaichean seo a’ toirt stiùireadh ro-innleachdail do leasachadh na Gàidhlig; ag aithneachadh na tha i a’ creidsinn a bhith na shuidheachadh cugallach don chànan anns na coimhearsnachdan dùthchasach a tha air fhàgail anns na h-Eileanan an Iar agus ann an àiteachan eile ann an Alba; gu bheil i a’ toirt fa-near foillseachadh san Iuchar 2020 de làn sgrùdadh sòisio-chànanach air cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan dùthchasach eileanach; gu bheil i a’ tuigsinn gun do cho-dhùin an sgrùdadh seo, The Gaelic Crisis in the Vernacular Communities, gu bheil cleachdadh sòisealta agus tar-chur na Gàidhlig an impis mòr-chrìonadh; a’ toirt fa-near don bheachd gum b’ urrainn agus gum bu chòir do phoileasaidh poblach barrachd a dhèanamh gus taic agus dìon a thoirt don chànan; a’ creidsinn gum bi leasachaidhean thairis air na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn deatamach don chànan san àm ri teachd, agus gu bheil i a’ toirt fa-near an dòchais a chaidh a chur an cèill gun cleachd Buill Bile Cànanan na h-Alba a tha ri thighinn agus cothroman eile gus am pàirt fhèin a ghabhail ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig.