meeting=15851&iob=135336
Thog COSLA dragh mu na buaidhean a dh’fhaodadh a bhith air ùghdarrasan foghlaim mura coinnich iad ris na h-inbhean stèidhichte air sgàth nach urrainn dhaibh luchd-obrach fhastadh ann an cuid de chuspairean agus ann an cuid de sgìrean, ag ràdh—
Gu tric chan eil smachd aig an ùghdarras ionadail air sruth solar thidsearan Gàidhlig, agus às aonais gnìomh eadar Riaghaltas na h-Alba agus com-pàirtichean gus an àireamh de thidsearan Gàidhlig a chur am meud, cha bhiodh leudachadh sam bith comasach….