The Member has provided the following Gaelic translation: Ceud bliadhna de BBC Gàidhlig Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ moladh gu bheil ceud bliadhna ann o chaidh a’ chiad chraoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh leis a’ BhBC air 2 Dùbhlachd 1923 ann an Obar Dheathain; a’ toirt fa-near gun do thòisich craoladh Gàidhlig le ùrnaigh Chrìosdail agus òrain, agus a’ leantail le dealbhan-cluiche, leasanan fuaimneachaidh agus naidheachdan; ag aithneachadh an leasachaidh mhòir ann an craoladh Gàidhlig rè na ceud bliadhna sin, a’ gabhail a-steach stèidheachadh an stèisein làn-Ghàidhlig BBC Radio nan Gàidheal ann an 1985; ag aithneachadh cuideachd stèidheachadh na seanail TBh, BBC ALBA, ann an 2008, an co-bhonn ri MG ALBA, a bhios a’ craoladh prògraman chloinne, filmichean aithriseach, naidheachdan, spòrs, ceòl agus dràma; a’ toirt fa-near gu bheil susbaint Ghàidhlig cuideachd air loidhne le seirbheis fa leth; ag aithneachadh cuideachd dìleab a’ BhBC ann an leudachadh àireamh luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tro stuth ionnsachaidh agus foghlaim a leithid SpeakGaelic, a chuireadh air bhonn an 2021 fo chompàirteachas eadar MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig agus am BBC, cuide ri Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, le susbaint ri fhaighinn air an rèidio, TBh, pod-chraolaidh, meadhanan sòisealta, air loidhne agus ann an sgrìobhadh; a’ toirt fa-near cuideachd gu bheil susbaint SpeakGaelic agus Radio nan Gàidheal ri fhaighinn gu cruinneil; agus a’ guidhe gach uile soirbheachais don BhBC anns an dàrna ceud bliadhna aca.