Pròiseas sònrachaidh
Ged a bha luchd-ùidh taiceil san fharsaingeachd don bheachd mu sgìrean cànain sònraichte, bha cuid ag iarraidh atharrachadh air a’ phròiseas sònrachaidh.
Thuirt cuid de bhuidhnean, a’ gabhail a-steach Fèisean nan Gàidheal, Comann nam Pàrant (Nàiseanta) agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba, gum bu chòir Bòrd na Gàidhlig a bhith an sàs an...