Ùghdarrasan foghlaim a' cur foghlam Gàidhlig air adhart 14A Dleastanas foghlam Gàidhlig a chur air adhart ann a bhith a’ coileanadh uallaichean fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 Ann a bhith a’ coileanadh a chuid uallaichean fo Phàirtean 1 agus 2 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, feumaidh ùghdarras foghlaim— (a) a bhith a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic do— (i) dh’fhoghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, (ii) dh’fhoghlam tron Ghàidhlig, agus (iii) theagasg na Gàidhlig ann an solar foghlaim adhartaich, (b) feart a thoirt do dh’fheumalachdan agus leas gach sgoileir, agus sgoilearan a dh’fhaodadh a bhith ann, a tha a’ faighinn foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig no foghlaim tron Ghàidhlig, no a tha airson a fhaighinn. 15 Dleastanas a bhith a’ cur air adhart foghlaim agus ionnsachaidh tron Ghàidhlig (1) Feumaidh a h-uile ùghdarras foghlaim na dh’fhaodadh a bhith ann de sholar foghlam sgoile ann an sgìre an ùghdarrais a chur air adhart — (a) a thaobh foghlaim tron Ghàidhlig, le bhith a’ foillseachadh, anns an dòigh a mheasas e iomchaidh, na còrach tagradh a dhèanamh fo earrainn 7(1) don ùghdarras, agus (b) a thaobh foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, anns an dòigh a mheasas e iomchaidh. (2) Nuair a tha fo-earrann (3) no (4) ri a coileanadh, feumaidh ùghdarras foghlaim, cho fad ’s a ghabhas dèanamh gu reusanta, a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taic do— (a) dh’fhoghlam tron Ghàidhlig a tha ga sholarachadh anns an sgìre aige, (b) dh’foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ga sholarachadh anns an sgìre aige, no (c) (mar a dh’fhaodas e a bhith) an dà chuid. (3) Tha an fho-earrann seo ri a coileanadh nuair a bhios ùghdarras foghlaim, ann a bhith a’ coileanadh a dhleastanais fo earrainn 1(1) de dh’Achd 1980 (dleastanas ùghdarrasan foghlaim solar foghlaim a chur air dòigh) chun na h-ìre ’s a bhuineas e ri foghlam sgoile, a’ cur air dòigh anns an sgìre aige solar — (a) foghlaim tron Ghàidhlig, (b) foghlaim luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no (c) an dà chuid. (4) Tha an fho-earrann seo ri a coileanadh nuair a bhios ùghdarras foghlaim a’ cleachdadh a’ chumhachd ann an earrainn 1(1C) de dh’Achd 1980 le bhith a’ cur air dòigh anns an sgìre aige solar— (a) foghlaim tron Ghàidhlig, (b) foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no (c) an dà chuid. (5) Ann a bhith a’ coileanadh a dhleastanais adhartachaidh fo fho-earrainn (2), feumaidh ùghdarras foghlaim ceumannan reusanta a ghabhail gus dèanamh cinnteach gum bi e a’ foillseachadh, anns an dòigh a mheasas e iomchaidh, na tha e a’ solarachadh anns an sgìre aige— (a) de dh’fhoghlam tron Ghàidhlig, (b) de dh’fhoghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no (c) (mar a dh’fhaodas e a bhith) den dà chuid. (6) Ann a bhith a’ coileanadh a dhleastanais taice fo fho-earrainn (2) a thaobh foghlaim air a bheil iomradh anns an fho-earrainn sin, feumaidh ùghdarras foghlaim— (a) ceumannan reusanta a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan, an trèanadh agus na cothroman aig luchd-teagaisg ann an clas sam bith anns a bheilear a’ toirt seachad an fhoghlaim, a tha a dhìth gu reusanta gus am foghlam a sholarachadh gu freagarrach agus gu h-èifeachdach, (b) ceumannan reusanta a ghabhail gus dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan aig sgoilearan ann an clas sam bith den t-seòrsa sin a tha a dhìth gu reusanta gus am foghlam fhaighinn agus buannachd fhaighinn às gu freagarrach agus gu h- èifeachdach, agus (c) feart a thoirt do stiùireadh sam bith fo earrainn 9 6C de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. (7) Nuair a tha fo-earrann (8) ri a coileanadh, feumaidh ùghdarras foghlaim, cho fada ’s as reusanta gu practaigeach, taic a thoirt do phàiste a tha a’ còmhnaidh anns an sgìre aige cothrom fhaighinn air foghlam tron Gàidhlig a tha air a sholarachadh ann an sgìre ùghdarrais foghlaim eile. (8) Tha an fho-earrann seo ri a coileanadh— (a) nuair nach bi an t-ùghdarras foghlaim a’ cur solar foghlaim tron Ghàidhlig air dòigh anns an sgìre aige a tha iomchaidh airson aois a’ phàiste, no (b) nuair a bhios an t-ùghdarras foghlaim a’ cur a leithid de sholar air dòigh ach nach eil e reusanta gu practaigeach don phàiste cothrom fhaighinn air. 15A Dleastanas sgìre-sgoile a stèidheachadh airson sgoiltean a tha a’ solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (1) Feumaidh ùghdarras foghlaim sgìre-sgoile a stèidheachadh airson a h-uile sgoil a tha fo a stiùir anns a bheil foghlam tron Gàidhlig ga sholarachadh, airson an adhbhair leigeil le sgoilearan a dhol gu foghlam tron Ghàidhlig anns an sgoil. (2) Faodaidh sgìre-sgoile a stèidhicheadh fo fho-earrainn (1) a bhith (ach chan fheum i a bhith) co-ionnan ri sgìre-sgoile no sgìrean-sgoile sam bith eile. (3) Nuair a bhios foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam tron Bheurla gan solarachadh anns an aon sgoil, faodaidh an sgìre-sgoile a tha air a stèidheachadh fo fho-earrainn (1) a bhith (ach chan fheum i a bhith) co-ionnan ris an sgìre-sgoile airson an t-solair Bheurla. (4) Feumar cumail ri fo-earrainn (1) mus bi 2 bhliadhna seachad, a’ tòiseachadh air an latha air an tig earrann 20(2) de dh’Achd nan Cànan Albannach 2024...