(S6O-03549) Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air an àrdachadh air luchd-labhairt na Gàidhlig sa chunntas-shluaigh—a’ chiad uair bho 1971 nach fhacar ìsleachadh san àireimh sin. Tha seo a’ sealltainn an adhartais a rinneadh le obair às leth na Gàidhlig ann am foghlam, craoladh agus planadh coimhearsnachd is cànain.