Tha mo nighean, Iona, dà bhliadhna an-diugh. Bhiodh m' athair, an t-Urramach Ruairidh Dòmhnallach—"Ruairidh eile"—moiteil aisde.Mar bhàrd agus sgoilear Gàidhlig, agus mar mhinistear ann an Eaglais na h-Alba, bhiodh e moiteil cuideachd a bhith a' cluinntinn deasbad mu dheidhinn na Gàidhlig ann am Pàralamaid na h-Alba anns an togalach seo, an-diugh.