Luach as Fheàrr – tro cho-dhùnaidhean fiosraichte, a tha ciallach ann an cùisean malairteach Leasachadh Seasmhach – a thèid a fhreumhachadh anns gach raon den obair solarachaidh agus pròiseasan co-dhùnaidh Riaghladh na Sèine Solair – a’ dèanamh cinnteach à riaghladh cùmhnaint làidir agus foghainteachd sèine solair gus soirbheachas fad-ùine a thoirt gu buil Gèilleadh – a’ dèanamh cinnteach gu bheil solarachadh ga dhèanamh a rèir dleastanasan reachdail agus poileasaidhean SPCB Bidh na gnìomhan a rinneadh gus Ar Ro-innleachd Solarachaidh Chorporra a lìbhrigeadh a’ toirt dhuinn seirbheis solarachaidh adhartach agus spionnmhor, a’ cuideachadh le bhith a’ ruigsinn nan amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Ro-innleachdail na buidhne againn agus a’ coileanadh feumalachdan Pàrlamaid na h- Alba.