Gun toir a' Phàrlamaid an aire gur e Bliadhna Eòrpach nan Cànain a bhios ann an 2001; gun toir i an aire gum faodar taic-airgid an Aonaidh Eòrpaich a bhuileachadh air pròiseactan a ghabhas a-steach mion-chànainean is cànainean roinneil a tha air an sònrachadh le Stàitean a tha 'nam ball; gun iarr i air Riaghaltas na h-Albann tagradh a dhèanamh do Riaghaltas na Rìoghachd as leth na h-Albais agus na Gàidhlig a dhèanamh cinnteach gun tairgear cànainean dùthchasach na h-Albann le Riaghaltas na Rìoghachd airson taic-airgid an Aonaidh Eòrpaich agus gun cuir Riaghaltas na h-Albann, mar phàirt de Bhliadhna Eòrpach nan Cànain, a làn-thaic ri prògram gnìomha airson an dà chànain.