Tha na BPA air Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs a’ toirt sùil air mion-phuingean a’ Bhile, agus tha iad airson fios fhaighinn air dè tha daoine a’ smaointinn orra. Bidh eòlas air ur beachdan a’ cuideachadh nam Ball gus measadh a dhèanamh air mar as urrainnear piseach a thoirt air an lagh a thathar a’ moladh, agus am bu chòir gun tèid an dreachd Bile a sgrìobhadh ann an reachdas le Pàrlamaid na h-Alba.