Tapadh leibhse a' Chinn-Chomhairle, agus tha mi toilichte cha rìribh gu bheil mi a' faighinn a' chothrom airson an treas turas mo chànan fhein a' chleachdadh a's a' Phàrlamaid a tha seo. Mar a tha cuimhne againn, bha deasbad againn agus ann an Gàidhlig agus mu dheidhinn na Gàidhllig, agus anns an deasbad mu dheireadh a bha a's a' Phàrlamaid a tha seo, deasbad dhe'n t-aon seòrsa, bha sinn cuideachd a'cleachdadh, chleachd mi faclan Gàidhlig.Bha dùil agam dìreach togail an toiseach puingean a chaidh a thogail le grunn dha na buill a tha làthair.