Ùghdarrasan foghlaim a' cur foghlam Gàidhlig air adhart 14A Dleastanas foghlam Gàidhlig a chur air adhart ann a bhith a’ coileanadh uallaichean fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 Ann a bhith a’ coileanadh a chuid uallaichean fo Phàirtean 1 agus 2 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, feumaidh ùghdarras foghlaim— (a) a bhith a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic do— (i) dh’fhoghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, (ii) dh’fhoghlam tron Ghàidhlig, agus (iii) theagasg na Gàidhlig ann an solar foghlaim adhartaich, (b) feart a thoirt do dh’fheumalachdan agus leas gach sgoileir, agus sgoilearan a dh’fhaodadh a bhith ann, a tha a’ faighinn foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig no foghlaim tron Ghàidhlig, no a tha airson a fhaighinn. 15 Dleastanas a bhith a’ cur air adhart foghlaim agus ionnsachaidh tron Ghàidhlig (1) Feumaidh a h-uile ùghdarras foghlaim na dh’fhaodadh a bhith ann de sholar foghlam sgoile ann an sgìre an ùghdarrais a chur air adhart — (a) a thaobh foghlaim tron Ghàidhlig, le bhith a’ foillseachadh, anns an dòigh a mheasas e iomchaidh, na còrach tagradh a dhèanamh fo earrainn 7(1) don ùghdarras, agus (b) a thaobh foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, anns an dòigh a mheasas e iomchaidh. (2) Nuair a tha fo-earrann (3) no (4) ri a coileanadh, feumaidh ùghdarras foghlaim, cho fad ’s a ghabhas dèanamh gu reusanta, a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taic do— (a) dh’fhoghlam tron Ghàidhlig a tha ga sholarachadh anns an sgìre aige, (b) dh’foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ga sholarachadh anns an sgìre aige, no (c) (mar a dh’fhaodas e a bhith) an dà...