The Member has provided the following translation: Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a’-naidheachd air Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit air dhaibh an dàrna àite a ghlèidheadh san fharpais Freestyle, sam bheil measgachadh de dh’innealan is stoidhlichean cuide ri dannsa Gàidhealach, aig Farpaisean Còmhlain-phìoba nan Sgoiltean Albannach; a’ toirt fa-near gun do thachair an fharpais bhliadhnail seo, a thaisbeanas agus a bhrosnaicheas inneal nàiseanta na dùthcha am measg sgoilearan bun-sgoile is àrd-sgoile, air 8 Màrt 2020 le 65 còmhlain an làthair; a’ moladh Còmhlan-pìoba Baile Dhùn Dè a fhuair Duais Eilidh NicLeòid airson Seasmhachd, Coimhearsnachd, Càirdeas no In-ghabhaltas, agus a’ guidhe gach soirbheachas air Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit le bliadhna nam farpaisean a tha rompa.