The Member has provided the following Gaelic translation: Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a-naidheachd air Dòmhnall Bàn Dòmhnallach, à Beinn na Faoghla, neach-teagaisg pìobaireachd aig Comhairle nan Eilean Siar, ’s e air ainmeachadh mar Neach-teagaisg na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2023, no “Na Trads”; a’ tuigsinn gu bheil an duais, le taic bho Iomairt Chiùil Òigridh Alba Chruthachail, air a bhuileachadh le bhòt poblach gus comharrachadh neach-teagaisg dealasach comasach ann an ceòl traidiseanta; a' moladh Dhòmhnaill Bhàin airson na chuir e, ann am beachd na pàrlamaid, ri saoghal na pìobaireachd anns an latha an-diugh; a’ toirt fa-near gu bheil Dòmhnall Bàn air na ceudan de sgoilearan à Uibhist is Barraigh a theagasg bho chaidh e na thidsear pìobaireachd don ùghdarras ionadail ann an 2002, agus grunnan a bha e roimhe fo ’stiùir a’ dol air adhart gu bhith a’ farpais ann an còmhlain pìoba Ìre 1 neo mar phàirt de chòmhlain-chiùil thraidiseanta, a’ gabhail a- steach Trail West agus Beinn Lee; a' moladh na h-obrach a rinn e ann a bhith a' stèidheachadh Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit ann an 2006, còmhlan a tha air a bhith a' farpais gu soirbheachail aig farpaisean nàiseanta is eadar-nàiseanta; a’ moladh an luchd-oideachaidh eile a bha air a’ gheàrr-liosta, a bharrachd air na daoine agus na buidhnean cliùiteach eile a chaidh aithneachadh aig Na Trads, a chaidh a chumail air 3 Dùbhlachd 2023 ann an Dùn Dèagh, agus a’ guidhe soirbheachas leantainneach dha Dòmhnall Bàn san obair aige gus dualchas pìobaireachd Innse Gall a thoirt air adhart.