Measaidhean: foghlam bun-sgoile agus tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne 7 Tagraidhean measaidh (1) Faodaidh neach a tha na p(h)àrant do phàiste a tha fo aois sgoile agus nach eil air tòiseachadh air bun-sgoil a fhrithealadh iarraidh air ùghdarras foghlaim na sgìre anns a bheil am pàiste a’ còmhnaidh measadh a dhèanamh air an fheum air foghlam bun- sgoile tron Ghàidhlig (anns a’ Phàirt seo, “FBG”) no tràth-ionnsachadh agus cùram- chloinne tron Ghàidhlig (anns a’ Phàirt seo, “TICCG”). (2) Feumaidh tagradh fo fho-earrainn (1) — (a) buntainn ri aon phàiste a-mhàin (anns a’ phàirt seo, am “pàiste a tha air a s(h)ònrachadh”), agus (b) fianais a chur an cèill, no fianais a thoirt seachad na chois, gu bheil iarrtas ann airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, bho phàrantan cloinne eile — (i) a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre an ùghdarrais don do rinneadh an tagradh, agus (ii) a tha, air neo a tha buailteach a bhith, anns an aon bhliadhna sgoile ris a’ phàiste a tha air a s(h)ònrachadh. (3) Faodaidh tagradh fo fho-earrainn (1) fianais a chur an cèill, no fianais a thoirt seachad na chois, gu bheil iarrtas ann airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, bho phàrantan cloinne eile — (a) a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre an ùghdarrais don do rinneadh an tagradh, agus (b) a tha, no a tha buailteach a bhith, ann am bliadhna sgoile eadar-dhealaichte ris a’ phàiste a tha air a s(h)ònrachadh. (4) Anns a’ Phàirt seo, tha “bliadhna sgoile”, co-cheangailte ri ùghdarras foghlaim, a’ ciallachadh na buidhne de chloinn fo aois sgoile a bhios uile, nuair a thòisicheas iad air foghlam bun-sgoile ann am bun-sgoil ann an sgìre an ùghdarrais, air an aon bhliadhna ann am foghlam bun-sgoile; agus tha iomraidhean anns a’ Phàirt seo air pàiste a bhith anns an aon bhliadhna sgoile no ann am bliadhna sgoile eadar- dhealaichte ri cloinn eile, no an coimeas ri cloinn eile, rim mìneachadh a rèir sin. (5) Faodaidh Ministearan na h-Alba le riaghlaidhean tuilleadh solair a dhèanamh mu thagraidhean fo fho-earrainn (1). (6) Faodaidh riaghlaidhean fo fho-earrainn (5) gu sònraichte a bhith a’ toirt a-steach solair airson no co-cheangailte ri— (a) cruth an tagraidh agus an dòigh anns am bi e ri dhèanamh, (b) fiosrachadh (a’ gabhail a-steach fianais a bharrachd air na air a h-ainmeachadh ann am fo-earrainn (2)) a tha gu bhith air a chur an cèill anns an tagradh, no an cois an tagraidh, (c) fianais air a bheil iomradh ann am fo-earrannan (2) agus (3). 8 Sgìrean measaidh FBG no TICCG s (1) Tha an earrann eo ri a coileanadh nuair a gheibh ùghdarras foghlaim tagradh fo earrainn 7(1). (2) Feumaidh an t-ùghdarras sgìre a comharrachadh taobh a-staigh sgìre an ùghdarrais anns a bheil am feum air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, gu bhith air a mheasadh. (3) Bithear a’ toirt iomradh anns a’ Phàirt seo air sgìre a tha ainmichte fo fho-earrainn (2) mar “sgìre-mheasaidh FBG bhuntainneach”. (4) Ann a bhith a’ beachdachadh air dè an sgìre a bu chòir comharrachadh mar sgìre- mheasaidh FBG bhuntainnich, feumaidh ùghdarras— (a) cho fada ’s a tha e reusanta, feuchainn ri frithealadh air— (i) iarrtas airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a tha air a dhearbhadh le fianais anns an tagradh no ann am fianais an cois an tagraidh, no (ii) iarrtas sam bith eile airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, air a bheil an t-ùghdarras mothachail a thaobh cloinne a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre an ùghdarrais a tha fo aois sgoile agus nach eil air tòiseachadh air bun- sgoil a fhrithealadh, agus (b) ealla a ghabhail ris na nithean a bheir buaidh, no a dh’fhaodadh buaidh a thoirt, air mar a ghabhadh iarrtas airson FBG a bhith air a choileanadh gu reusanta no TICCG, mar dh’fhaodas e a bhith, a bhith air a choileanadh gu reusanta anns an sgìre- mheasaidh bhuntainnich. (5) Ann a bhith a’ gabhail ealla ris na factaran sin, feumaidh an t-ùghdarras feart sònraichte a thoirt do— (a) stiùireadh sam bith fo earrainn 9 6C de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, (b) ruigsinneachd co-cheangailte ri solar (no solar a dh’fhaodadh a bhith ann) FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich, agus (c) àite-còmhnaidh cloinne a tha fo aois sgoile agus nach eil air tòiseachadh air bun- sgoil a fhrithealadh dha bheilear a’ nochdadh iarrtas airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (4)(a) . 9 Ciad mheasaidhean s (1) Tha an earrann eo ri a coileanadh nuair a gheibh ùghdarras foghlaim tagradh fo earrainn 7(1) bho phàrant pàiste a tha air a s(h)ònrachadh. (2) Feumaidh an t-ùghdarras measadh a dhèanamh (“ciad mheasadh”) air an fheum air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith— (a) a thaobh na sgìre-measaidh FBG buntainniche a tha air a sònrachadh fo earrainn 8(2), agus (b) air bliadhna sgoile a’ phàiste a tha air a s(h)ònrachadh. (3) Ann a bhith a’ dèanamh a’ chiad mheasaidh, feumaidh an t-ùghdarras ealla a ghabhail ri fiosrachadh sam bith a th’ aige — (a) a bhuineas ris an iarrtas airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich bho phàrantan cloinne— (i) a tha a’ còmhnaidh anns an sgìre-measaidh FBG bhuntainnich, agus (ii) a tha, no a tha buailteach a bhith, air an aon bhliadhna sgoile ris a’ phàiste a tha air a s(h)ònrachadh, agus (b) a nochdas gu bheil iarrtas ann air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich bho phàrantan cloinne— (i) a tha a’ còmhnaidh anns an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich, agus (ii) a tha, no a dh’fhaodas a bhith, air bliadhna sgoile eadar-dhealaichte ris a’ phàiste a tha air a s(h)ònrachadh. (4) Tha am fiosrachadh air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (3) a’ gabhail a-steach fiosrachaidh a tha air a chur anns an tagradh no an cois an tagraidh. (5) Nuair, an dèidh ciad mheasaidh co-cheangailte ri sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich — (a) a bhios an t-ùghdarras riaraichte gu bheilear a’ coileanadh a’ chumha ann am fo- earrainn (6), feumaidh an t-ùghdarras co-dhùnadh gum faodadh feum a bhith ann air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre, (b) nach eil an t-ùghdarras riaraichte gu bheilear a’ coileanadh a’ chumha sin, feumaidh an t-ùghdarras co-dhùnadh nach eil feum ann air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre. (6) Is e an cumha gum bi còignear no barrachd cloinne ann, a' gabhail a-steach a' phàiste agus na cloinne, mu bheil am pàrantan air fiosrachadh a thoirt don ùghdarras, air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (3)(a). (7) Faodaidh Ministearan na h-Alba le riaghlaidhean— (a) fo-earrann (6) atharrachadh gus àireamh eile a chur an àite na h-àireimh cloinne a tha air a sònrachadh an-dràsta, (b) cumha a stèidheachadh gus am faodar an àireamh cloinne a tha air a sònrachadh anns an fho-earrainn sin a leughadh mar àireamh eadar-dhealaichte ann a bhith a’ cur na fo-earrainn sin an gnìomh ann an ùghdarrasan foghlaim sgìrean de dh’ùghdarrasan foghlaim, no ann am pàirtean de na sgìrean sin, a dh’fhaodar sònrachadh ann an riaghlaidhean. (7A) Nuair a bhios an àireamh a tha air a sònrachadh ann am fo-earrainn (6) ri leughadh mar àireimh eadar-dhealaichte airson diofar phàirtean de sgìre-mheasaidh bhuntainnich mar thoradh air riaghlaidhean a rinneadh fo fho-earrainn (7)(b), leughar an àireamh as ìsle gu bhith a’ buntainn ris an sgìre-mheasaidh bhuntainnich gu lèir. (8) Tha an earrann seo fo rian earrainn 11. 10 Dleastanasan ùghdarrais fhoghlaim (1) Nuair a bheir ùghdarras foghlaim breith fo earrainn 9(5)(a) co-cheangailte ri sgìre- mheasaidh FBG bhuntainnich, feumaidh an t-ùghdarras— (a) measadh iomlan a dhèanamh air an fheum air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre a rèir earrainn 12, no (b) na ceumannan a ghabhail a tha riatanach gus am FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a mheasas e iomchaidh a chur air dòigh anns an sgìre. (2) Nuair a bheir ùghdarras foghlaim breith fo earrainn 9(5)(b) co-cheangailte ri sgìre- mheasaidh FBG bhuntainnich, feumaidh an t-ùghdarras— (a) gun a bhith a’ dèanamh tuilleadh ghnìomhan gus solar FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a chur air dòigh anns an sgìre chun na h-ìre ’s a tha e co- cheangailte ris an tagradh air a bheil a’ bhreith air a toirt, (b) measadh iomlan a dhèanamh air an fheum air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre a rèir earrainn 12, no (c) na ceumannan a ghabhail a tha riatanach gus am FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a chur air dòigh anns an sgìre a mheasas e iomchaidh. (3) Feumaidh ùghdarras foghlaim, taobh a-staigh 6 seachdainean bho fhuaras an tagradh air a bheil breith aig a bheil iomradh ann am fo-earrainn (1) no (2) air a dèanamh, fios a chur chun nan daoine air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (4)–– (a) mun bhreith aige, (b) mun cho-dhùnadh aige mu na nì e a rèir fo-earrainn (1)(a) no (b) no, mar a dh’fhaodas e a bhith, fo-earrainn (2)(a), (b) no (c), agus ` (c) mu na h-adhbharan aige airson na breithe aige agus a’ cho-dhùnaidh aige. (4) Is iad na daoine— (a) am pàrant a rinn an tagradh, (b) pàrantan cloinne eile air a bheil iomradh ann an earrainn 7(2), agus (c) nuair a tha an tagradh a’ cur fianais an cèill, no a’ toirt seachad fianais na chois, bho phàrantan cloinne eile air a bheil iomradh ann an earrainn 7(3), na pàrantan sin. (5) Feumaidh ùghdarras foghlaim, ro dheireadh na h-ùine a tha air a h-ainmeachadh ann am fo-earrainn (3), na leanas fhoillseachadh air an làraich-lìn aige— (a) a’ bhreith aige air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (1) no (2), (b) an co-dhùnadh aige mu na nì e a rèir fo-earrainn (1)(a) no (b) no, mar a dh’fhaodadh ea...