Tha Riaghaltas na h-Alba an geall air lagh croitearachd a dhèanamh nas sìmplidhe. Bidh a’ chiad phasgan de reachdas ag iarraidh air “neo-riaghailteachdan aithnichte a chur ceart” san reachdas a th’ ann an-dràsta. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag aithneachadh gum feum còmhradh tachairt san àm ri teachd gus beachdachadh air atharrachaidhean nas bunaitiche a dh’fhaodas a bhith a dhìth.
Bidh a’ chiad phasgan de reachdas ag amas air:
- cuideachadh a thoirt do bharrachd dhaoine a bhith nan croitearan agus taic nas fheàrr a thoirt do chroitearan a th’ ann an-dràsta agus do na gnothachasan aca;
- a’ leigeil le barrachd ghnìomhachdan agus gnìomhachdan diofaraichte a ghabhail àite air feurach coitcheann, a’ gabhail a-steach ath-stèidheachadh mhòintichean agus iomairtean àrainneachdail eile;
- a’ cumhachdachadh Coimisean nan Croitearan a bhith a’ dèiligeadh ri brisidhean dleastanais tro phròiseasan a tha nas èifeachdaiche; agus
- a’ fuasgladh chùisean riaghlaidh croitearachd nas luaithe tro chumhachdan ùra agus ath-sgrùdaichte airson Coimisean nan Croitearan.
Bidh am Bile cuideachd a’ co-aonachadh Cùirt Fearainn na h-Alba agus Tribiunal Fearainn na h-Alba.
A’ cur na gairm bheachdan air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Finlay Carson BPA:
“Tha Riaghaltas na h-Alba soilleir, ged a dh’fhaodas ath-leasachadh nas bunaitiche a bhith a dhìth air reachdas croitearachd san àm ri teachd, gum bi am Bile seo, aig a bheil fòcas nas teinne, “a’ ceartachadh neo-riaghailteachdan aithnichte” ann an reachdas croitearachd.
“Bidh an rannsachadh againn a’ toirt sùil air na ceartachaidhean seo a thathar a’ moladh, agus tha sinn ag iarraidh oirbh ur beachdan a thoirt seachad a thaobh am bi iad a’ dèiligeadh ri cuid de na duilgheadasan làithreach ann an lagh croitearachd. Am bi na molaidhean a’ fuasgladh nan duilgheadasan air a bheil iad ag amas? Dè na h-atharrachaidhean eile a dh’fheumar nach eilear a’ gabhail a-steach? Agus am bi co-aonachadh Cùirt Fearainn na h-Alba agus Tribiunal Fearainn na h-Alba a’ toirt gu buil atharrachadh deimhinneach agus riatanach?”
Tha a’ Chomataidh an dùil a bhith a’ gabhail fianais fhoirmeil air a’ Bhile aig Taigh an Ròid bhon t-Sultain gus an t-Samhain, le aithisg don Phàrlamaid ga sùileachadh ro dheireadh na bliadhna.
Tha Buill cuideachd an dòchas a bhith a’ tadhal air coimhearsnachd croitearachd mar phàirt den sgrùdadh aca, gus faighneachd de chroitearan mar a bhios molaidhean a’ Bhile a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan croitearachd.
Tha a’ ghairm bheachdan fosgailte gus Dihaoine 5 Sultain 2025 agus faodar cothrom fhaighinn air an seo.