Skip to main content
Loading…

Enric Miralles: A’ cruthachadh Pàrlamaid na h-Alba agus sgeulachdan eile le Benedetta Tagliabue agus EMBT

A' toirt urram do dhìleab Miralles agus a lèirsinn airson Pàrlamaid na h-Alba tro thasglann nach fhacas riamh roimhe

Tha a’ Phàrlamaid ùr freumhaichte san fhearann – b’ e seo an t-amas a bh’ againn. Bha sinn a’ faireachdainn gum bu chòir don togalach a bhith coltach ris an fhearann, a' fàs a-mach às an fhearann agus air a shnaigheadh anns an fhearann, a' samhlachadh dhaoine a’ tighinn còmhla.”

— Enric Miralles, 1998

Ro-ràdh

Tha an taisbeanadh seo a’ meòrachadh air cruthachadh Pàrlamaid na h-Alba agus a dìleab maireannach, tro shealladh stiùidio ailtireachd EMBT ann am Barcelona, a stèidhich Enric Miralles agus Benedetta Tagliabue, agus mar a tha an stiùidio aca a’ toirt dìleab Mhiralles air adhart an-diugh tro phròiseactan ùra san raon phoblach a tha a’ freagairt ri coimhearsnachdan, co-theacsan cultarail agus bailteil.

Bhuannaich EMBT+ RMJM, fo stiùir Enric Mhiralles, farpais eadar-nàiseanta ann an 1988 gus togalach a thogail le beachd air togalach a bhiodh a’ riochdachadh nan àrd-mhiannan deamocratach airson dachaigh do Phàrlamaid na h-Alba - àite de chruinneachadh catharra, freumhaichte na cruth-tìre, na dualchas agus na sluagh. Air a dhealbhadh a bhith a’ co-chòrdadh gu dlùth ris an làraich aige ann an Taigh an Ròid, chaidh an togalach a mholadh le Rafael Moneo mar aon de na h-obraichean ailtireachd as cudromaiche den 20mh linn. Tha e fhathast na riochdachadh cumhachdach de lèirsinn phoilitigeach agus bàrdachd-sùla.

Ann an compàirteachas le RMJM Alba Earranta, a’ chompanaidh stèidhichte ann an Dùn Èideann a thug taic ionadail don phròiseact, leasaich EMBT a’ Phàrlamaid mar eadar-chluich iom-fhillte de chruth, cruinn-eòlas, stuth agus samhlaidhean. Leig an co-obrachadh seo leis an stiùidio an lèirsinn inntinn aca a thionndadh gu fìrinn chruaidh air talamh na h-Alba.

Tha mòran de na sgrìobhainnean dealbhaidh tùsail san taisbeanadh seo air an sealltainn ann an Alba airson a’ chiad uair. Nam measg tha ìomhaighean bun-bheachdail air an tarraing le làmh, sgeidsichean, collage, sgrùdaidhean làraich agus bùird farpais – uile nam pàirt den phròiseas chruthachail bheairteach air a stiùireadh le Enric Miralles agus air a thoirt air adhart le sgioba EMBT fo Benedetta Tagliabue às dèidh a bhàis an-tràthaich ann an 2000.

Tha an taisbeanadh cuideachd a’ sealltainn taghadh de dh’obair eile EMBT, leithid Margaidh Santa Caterina (1997-2005), Hafencity (2002-2024), Ionad Maggie Kálida Sant Pau (2010-2019) agus Parco del Mare Rimini (2017-air adhart), a tha uile a’ leantainn sgrùdadh an stiùidio air an raon phoblach – àiteachan a tha a’ frithealadh choimhearsnachdan, ag ath-nuadhachadh àrainneachdan bailteil, agus a’ brosnachadh dearbh-aithne ionadail. Tha na pròiseactan seo a rèir luachan dealbhaidh togalach Pàrlamaid na-Alba, uile air am fighe ann an seanchas ailtireil an stiùidio – còmhradh eadar àite, daoine agus adhbhar.

Geàrr-chunntas

Tha Enric Miralles: Cruthachadh Pàrlamaid na h-Alba agus Sgeulachdan Eile a’ sgrùdadh tùs Pàrlamaid na h-Alba mar phròiseact lèirsinneach de dh'ailtireachd chatharra, air a chumadh le Enric Miralles agus air a thoirt air adhart le Benedetta Tagliabue agus EMBT. Tro dhealbhan tùsail agus obraichean o chionn ghoirid, tha an taisbeanadh a’ cur an cèill cànan ailtireil a tha a’ sìor atharrachadh agus a tha freumhaichte ann an àite, coimhearsnachd agus cruthachd bhàrdail.