Is e cànan a tha sa Ghàidhlig a tha a' buntainn don chuid mhòr de dh'Alba. Mar sin, bhiodh sinn a' dèanamh dì-meas air luchd-labhairt agus luchd-taic na Gàidhlig ann an ceàrnaidhean eile de dh'Alba nam biodh bile ann nach robh a' comharrachadh còirichean luchd na Gàidhlig ach do sgìre mar a' Ghaidhealtachd agus na h-Eileanan.Tha sinn cuideachd a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn an cothrom math seo le Bile Cànan na Gàidhlig (Alba) a ghabhail airson inbhe laghail a thoirt do bhòrd Gàidhlig na h-Alba.