The Member has provided the following Gaelic translation: Mgr Cailean a’ comharrachadh 50 bliadhna na shagart Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a’-naidheachd air Mgr Cailean MacAonghais à Uibhist a Deas agus e a’ comharrachadh 50 bliadhna o chaidh e na shagart; a’ tuigsinn ged a leig Mgr Cailean dheth a dhreuchd mar shagart paraiste san Iuchar, 2020, air an 75mh co-là-breith aige, nach robh e comasach dha an ceann-bliadhna a chomharrachadh gu poblach an-uiridh ri linn mòr- sgaoileadh COVID-19; a’ tuigsinn cuideachd gun d’fhuair e fiathachadh dhan Ròimh mar aoigh na Bhatican gus an leth-cheudamh bliadhna a chomharrachadh air Là Fhèill Anndrais; ag aithneachadh na seirbheise fada a thug e don Eaglais Caitligeach ann an Alba agus ann an Ecuador, far an do choisinn e cliù ag obair an aghaidh coirbeachd agus cealgaireachd sa phoilis agus san riaghaltas; ag aithneachadh cuideachd na saothrach aige às leth cànan agus dualchas na Gàidhlig, mar eisimpleir mar fhear-stèidheachaidh Fèis Bharraigh, a bhrosnaich iomairt nam Fèisean air feadh na h-Alba, agus a’ guidhe gach soirbheachas agus e air chluaineas.