Skip to main content
Loading…
Subjects: Culture and Sport | Education

Bile nan Cànan Albannach: beachdachadh air ro Ìre 3

Author(s): Ned Sharratt

Tha am brath-ullachaidh seo a’ toirt taic do Bhuill ann a bhith a’ beachdachadh air Bile nan Cànan Albannach aig Ìre 3. Tha am brath-ullachaidh a’ toirt geàrr-chunntas air ullachaidhean a’ Bhile mar a chaidh a thoirt a-steach, cuid de na prìomh dheasbadan aig Ìre 1, mar a chaidh am Bile atharrachadh aig Ìre 2, agus grunn leasachaidhean eile bho chaidh am Bile a thoirt a-steach.

Geàrr-chunntas

Chaidh Bile nan Cànan Albannach a thoirt a-steach don Phàrlamaid air 29 Samhain 2023. Chaidh brath-ullachaidh SPICe air a' Bhile fhoillseachadh ro bheachdachadh aig Ìre 1.

Tha am Bile ann an dà phàirt shusbainteach a’ dèiligeadh ri ullachaidhean co-cheangailte ri Gàidhlig agus Scots.  Anns an dà phàirt sin tha Caibideilean a’ buntainn ri taic do na cànanan agus foghlam.

Tha Pàirt 1 – Caibideil 1 den Bhile mu thaic don Ghàidhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:

  • inbhe oifigeil don Ghàidhlig ann an Alba

  • gnìomhan Bòrd na Gàidhlig atharrachadh

  • cumhachd a chruthachadh gus sgìrean ainmeachadh mar “sgìrean cànain sònraichte”

  • dleastanas air Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Nàiseanta Gàidhlig ullachadh, a thèid an àite nam Planaichean Nàiseanta Gàidhlig

  • barrachd chumhachdan a thoirt do Mhinistearan na h-Alba (an Riaghaltas) a thaobh dleastanasan a chur air buidhnean poblach gus a’ Ghàidhlig adhartachadh, a chuideachadh agus taic a thoirt dhi.

Tha Pàirt 1 – Caibideil 2 den Bhile mu fhoghlam Gàidhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:

  • iarraidh air Ministearan na h-Alba foghlam Gàidhlig a chur air adhart

  • cumhachd a thoirt do Mhinistearan le h-Alba inbhean a shuidheachadh agus stiùireadh ullachadh airson ùghdarrasan ionadail a thaobh foghlam Gàidhlig

  • am mìneachaidh reachdail air foghlam sgoile atharrachadh

  • iarraidh air ùghdarrasan ionadail foghlam Gàidhlig a chur air adhart

  • diofar atharrachaidhean eile co-cheangailte ri Fòghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh a’ gabhail a-steach pròiseas airson pàrantan a bhith ag iarraidh Tràth-ionnsachadh agus Cùram-cloinne tro Mheadhan na Gàidhlig.

Pàirt 2 – Tha Caibideil 1 mu thaic do Scots. Am measg nan ullachaidhean anns a’ chaibideil tha:

  • inbhe oifigeil a bhith aig Scots ann an Alba

  • iarraidh air Ministearan na h-Alba ro-innleachd Scots a chruthachadh agus aithris a thoirt air adhartas sam bith;

  • ullachadh gus an urrainn do Mhinistearan na h-Alba stiùireadh a dheasachadh do bhuidhnean poblach a thaobh adhartachadh agus taic do Scots agus do leasachadh cultar na Scots.

Pàirt 2 – Tha Caibideil 2 mu fhoghlam sgoile a thaobh Scots. Tha seo a’ gabhail a-steach ullachaidhean a bhiodh:

  • a’ toirt air Ministearan na h-Alba foghlam Scots a bhrosnachadh agus taic a thoirt dha ann an sgoiltean

  • leigeil le Ministearan na h-Alba stiùireadh ullachadh agus inbhean a shuidheachadh do dh'ùghdarrasan ionadail co-cheangailte ri foghlam Scots ann an sgoiltean.


Ìre 1

S i a’ phrìomh Chomataidh aig Ìre 1 den Bhile a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga a thug aithisg a-mach air 24 Iuchar 2024.

Rinn Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich sgrùdadh air a' Mheòrachan Ionmhais agus conaltradh le Riaghaltas na h-Alba agus a' phrìomh Chomataidh. Uile gu lèir, thathas a’ meas gun cosg am Bile timcheall air £700,000 thairis air còig bliadhna. Tha a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh seo na obair a bharrachd dha na seirbheisich phoblach a th’ ann mar-thà. Bhiodh seo, mar eisimpleir, a’ cur ri ro-innleachdan nàiseanta. Dh'fhaighnich Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich an adhbhraicheadh ullachaidhean a' Bhile cosgaisean eile a bharrachd no atharrachadh bhuidseatan.

Dh'fhoillsich a' Chomataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha an aithisg aca air a' Bhile air 23 Giblean 2024.


Aithisg na Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga

Chaidh aithisg Ìre 1 na Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga fhoillseachadh air 24 Iuchar 2024. Thuirt co-dhùnadh na Comataidh:

Tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gur e amasan a’ Bhile taic agus brosnachadh na Gàidhlig agus Scots a neartachadh. Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh an luach shamhlachail a th' aig inbhe oifigeil a thoirt do na cànanan, agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig ceumannan sa Bhile co-cheangailte ri foghlam, stiùireadh agus inbhean. Ach, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt fa-near dùbhlain a thaobh ghoireasan airson na ceumannan sin a lìbhrigeadh agus mì-chinnt mu na bhios ann an stiùireadh agus inbhean. Tha dragh air a’ Chomataidh cuideachd mu mhìneachaidhean air Scots agus mar a thèid dèiligeadh ri eadar-dhealachaidhean.

Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile, sin, "tuilleadh taic a thoirt do chànanan dùthchasach na h-Alba, a’ Ghàidhlig agus Scots'’; ach chan eil iad den bheachd, leis fhèin, gun cruthaich am Bile na suidheachaidhean riatanach gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gàidhlig no gus an taic agus an dìon a tha a dhìth a thoirt don Ghàidhlig agus do na cànanan is dual-chainntean a thig fon ainm Scots. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum feum Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh na tha air a mhìneachadh sa Bhile ma tha iad gu bhith a’ coileanadh an amasan gus taic èifeachdach a thoirt do na cànanan agus na dual-chainntean sin agus ma tha am Bile gu bhith a’ dèanamh eadar-dhealachadh brìoghmhor sam bith seach dìreach a bhith samhlachail.

Tha dragh air a’ Chomataidh mun dìth soilleireachd sa Bhile, gu h-àraidh a thaobh dè na dleastanasan a chuireas na ro-innleachdan, inbhean agus stiùireadh, a thèid a chruthachadh a rèir a’ Bhile, air buidhnean poblach, agus na cosgaisean co-cheangailte ri bhith a’ coileanadh nan dleastanasan sin. Bidh na cosgaisean sin gu sònraichte dùbhlanach leis gu bheil mòran chuideaman eadar-dhealaichte air buidseatan ùghdarrasan ionadail an-dràsta. Tha a’ Chomataidh an dùil ris an t-soilleireachd a tha a dhìth fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, ro Ìre 2 aig a’ char as fhaide.

Fhreagair Riaghaltas na h-Alba a' Chomataidh air 10 Sultain 2024.


Deasbad Ìre 1

Thachair deasbad Ìre 1 air 17 Sultain 2024.

Anns an òraid fosglaidh aice san deasbad, mhìnich an Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Eaconamaidh is Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis BPA, co-theacsa a’ Bhile ann an deicheadan de thaic aig ìre coimhearsnachd is poileasaidh airson na Gàidhlig agus Scots.

Thuirt iomadh Ball san deasbad nach toireadh am Bile leis fhèin no mar a chaidh a thoirt a-steach taic do na builean ris am biodh dùil ann a bhith a’ toirt taic don Ghàidhlig agus Scots. Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robhar a’ toirt air adhart am Bile:

Leis an tuigse nach toir am bile fhèin freagairt dhuinn airson gach ceist. Bidh am bile a’ cur taic ri iomairtean a tha gan cur an sàs aig ìre an Riaghaltais, nan ùghdarrasan poblach agus na coimhearsnachd. Tha feum orra uile agus gu tric thig adhartas mar thoradh air coimhearsnachdan is ùghdarrasan a bhith ag obair còmhla gus structairean cudromach a chur air bhonn a bheir cothrom do dhaoine na h-iomairtean seo a chur an sàs.

Scottish Parliament. (2024, September 17). Official Report, Col 16. Retrieved from https://www.parliament.scot/api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995

Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robh an Riaghaltas airson ullachaidhean a' Bhile a neartachadh tro atharrachaidhean aig Ìre 2. Thog i air mar a tha barrachd choimhearsnachdan an sàs anns a’ phròiseas airson àiteachan ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Sònraichte agus thuirt i gun robh i a’ beachdachadh air “còir air sgoiltean làn-Ghàidhlig fa leth” (Col 16) fhaighinn.

A' bruidhinn air a' Ghàidhlig, mhìnich an Leas-phrìomh Mhinistear cò ris a bhiodh soirbheachas coltach. Thuirt i:

S e a’ chiad chomharra a bhios againn air soirbheachadh, ma bhios cothrom aig cuideigin, a tha fileanta ann an Gàidhlig an-dràsta, a’ bheatha air fad aca a chur seachad tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre ionadail aca. An dàrna comharra, ma bhios sinn, aig àm an ath chunntais-shluaigh, air stad a chur air a’ chrìonadh a tha air tighinn air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig sna sgìrean traidiseanta – na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach agus coimhearsnachdan eile sna h-eileanan agus air a’ chosta.

Scottish Parliament. (2024, September 17). Official Report, Col 16. Retrieved from https://www.parliament.scot/api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995

Dh’aontaich Pàrlamaid na h-Alba ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile.


Ìre 2

Ro Ìre 2, sgrìobh Riaghaltas na h-Alba chun na prìomh Chomataidh a-rithist agus mhìnich iad na freagairtean aca do chuid de na gearanan nas fharsainge air a’ Bhile a bharrachd air na h-amasan tùsail aca airson atharrachaidhean a chur a-steach aig Ìre 2. Thug seo fa-near gur e rùn a’ Bhile cumail a’ cuimseachadh air ceumannan practaigeach gus taic a thoirt don Ghàidhlig an dà chuid gu nàiseanta agus gu sònraichte ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig nas cumanta.

Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear nach robh an Riaghaltas air a bhith an dùil leudachadh air a' mhìneachadh air Scots sa Bhile gus iomradh sònraichte a thoirt air dualchainntean no cànanan roinneil, ach gum beachdaicheadh iad air seo tuilleadh.

Chomharraich an litir cuideachd raointean far an robh an Leas-phrìomh Mhinistear air iarraidh air oifigich molaidhean a dhèanamh airson atharrachaidhean:

  • ullachadh airson beachdan coimhearsnachd a ghabhail air comharrachadh sgìrean cànain sònraichte

  • liostadh nan roinnean farsaing de ghnìomhachd ris am faod luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a bhith an dùil ann an Sgìrean Cànain Sònraichte

  • liostadh nan roinnean farsaing a bhios air an gabhail a-steach ann an Inbhean agus Ro-innleachd na Gàidhlig agus air am feum ùghdarrasan poblach Albannach beachdachadh

  • cumail taic ri agus suidheachadh fòcas gnìomhachd oifigearan leasachaidh na Gàidhlig

  • ullachadh gum bi an Ro-innleachd Ghàidhlig a' gabhail a-steach builean agus targaidean

  • dèanamh cinnteach gu bheil e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach diofar ghnìomhan leasachadh coimhearsnachd a chuideachadh

  • leudachadh a’ phrionnsapail gu bheil spèis cho-ionann aig a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla gu earrannan eile den Bhile

  • taic do sgoiltean làn-Ghàidhlig fa leth

  • dèiligeadh ri draghan mu chleachdadh an fhacail Scots agus a’ toirt aithne do chruthan is atharrachaidhean roinneil.


Atharrachaidhean Ìre 2

Bheachdaich a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga air 97 atharrachadh aig Ìre 2 air 11 Dùbhlachd 2024. Tha na leanas na gheàrr-chunntas den bheachdachadh air cuid de na h-atharrachaidhean a chaidh a mholadh.

Chuir Ross Greer BPA grunn atharrachaidhean a-steach gus am prionnsapal de "spèis co-ionann ris a' Bheurla" a thaobh na Gàidhlig agus Scots a chur air aghaidh a' Bhile. Tha seo a’ nochdadh cànan earrainn 1 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Chaidh aontachadh ris na h-atharrachaidhean sin uile ach a dhà; Cha do ghluais Mgr Greer dà atharrachadh a bhiodh air a' phrionnsapal seo a chur an sàs anns na h-earrannan a' dèanamh Gàidhlig agus Scots nan cànanan oifigeil na h-Alba. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gum faodadh “cion soilleireachd a bhith ann mu bhuaidh laghail nan aithrisean air inbhe oifigeil” nan cuirear am prionnsapal an sàs anns na h-earrannan air inbhe oifigeil. Thuirt i gun robh e na b' fheàrr am prionnsapal a chur an sàs ann an dleastanasan sònraichte a tha air am mìneachadh sa Bhile.

Chaidh atharrachaidhean a chur a-steach co-cheangailte ris a’ phròiseas a bhith a’ comharrachadh sgìrean cànain sònraichte (SCS) Chuir Riaghaltas na h-Alba a-steach atharrachadh mar a leanas: ma tha ùghdarras ionadail den bheachd gu bheil “àireamh shusbainteach de dhaoine le sgilean Gàidhlig” anns an sgìre aca gu lèir no ann am pàirt dheth, a' roghnachadh gun a bhith a’ moladh a chomharrachadh mar SCS, feumaidh iad innse carson. Chuir an Riaghaltas a-steach atharrachadh cuideachd gus cumhachd a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarras ionadail beachdachadh air sgìre ainmeachadh mar SCS. Chaidh aontachadh ri atharrachaidhean an Riaghaltais.

Chuir Pam Duncan-Glancy BPA atharrachaidhean a-steach gus a bhith a’ toirt a-steach comhairlean coimhearsnachd agus “daoine eile a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas a tha a’ riochdachadh choimhearsnachdan” mar chomhairlichean reachdail sa phròiseas sònrachaidh. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh am Bile mar-thà a' ceadachadh co-chomhairle a chumail ri comhairlean coimhearsnachd ach gum faodadh suidheachadh èirigh far nach biodh comhairlean coimhearsnachd "neo-gnìomhach". Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh i taiceil don phrionnsapal ge-tà agus thug i cuireadh dha Pam Duncan-Glancy BPA a bhith ag obair leis an Riaghaltas air atharrachaidhean gus conaltradh coimhearsnachd sa phròiseas seo a neartachadh tuilleadh ro Ìre 3. Dh'aontaich Pam Duncan-Glancy BPA agus cha tug i na h-atharrachaidhean na b’ fhaide.

Chuir dithis Bhall atharrachaidhean a-steach a thaobh adhartas a thomhas ann an taic don Ghàidhlig. Chuir Mìcheal Marra BPA atharrachadh a-steach a chuireadh dleastanas air Ministearan targaidean reachdail a mhìneachadh ann an riaghailtean, agus dleastanas a bhith ag aithris “air cùisean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig”. Chuir Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach a dhèanadh cinnteach gum biodh mion-fhiosrachadh anns an Ro-innleachd Ghàidhlig air mar a thèid adhartas a thomhas. Bha deasbad anns a’ Chomataidh air dè cho ro-òrdachail ’s a bu chòir don Bhile a bhith air na targaidean airson suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba a leasachadh agus nàdar nan targaidean sin (m.e. ionadail no nàiseanta agus àireamh luchd-labhairt no comharraidhean nas fharsainge). Gheall an Leas-phrìomh Mhinistear a bhith ag obair còmhla ri Mìcheal Marra BPA gus coimhead ri “atharrachadh ìre 3 a bheir air an Riaghaltas targaidean a stèidheachadh”. Cha tug Mìcheal Marra BPA na h-atharrachaidhean aige na b’ fhaide; chaidh aontachadh ri atharrachaidhean Ross Greer BPA.

Chuir Ross Greer BPA atharrachadh a-steach airson cumhachd a thoirt do Mhinistearan na h-Alba òrdughan a dhèanamh gus toirt air ùghdarrasan poblach dleastanasan sam bith fo Achd 2005 a choileanadh (mar a chaidh atharrachadh leis a’ Bhile seo). Chaidh aontachadh ri seo.

Chuir Riaghaltas na h-Alba agus Mìcheal Marra BPA atharrachaidhean a-steach leis an rùn an dàta a tha ri fhaighinn a leasachadh. Bhiodh atharrachadh Mhìcheil Marra BPA air dleastanas a chur air Riaghaltas na h-Alba aithris a dhèanamh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba gach dà bhliadhna. Bha deasbad ann mu atharrachaidhean Mhìcheil Marra BPA a thaobh nàdar nan seòrsaichean dàta a b’ fheàrr a chruinneachadh. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh i fosgailte, ro Ìre 3, coimhead ri atharrachaidhean gus dleastanasan an Riaghaltais a neartachadh a bhith ag aithris don Phàrlamaid, gu h-àraid “air adhartas anns na sgìrean cànain sònraichte". Cha tug Mìcheal Marra BPA na h-atharrachaidhean aige na b’ fhaide. Chuir Riaghaltas na h-Alba atharrachaidhean a-steach gus cumhachdan a thoirt do Mhinistearan rannsachadh a dhèanamh agus dàta a chruinneachadh air Scots agus Gàidhlig. Chaidh aontachadh riutha sin.

Chuir Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach gus taic a thoirt do dh’eadar-theangachadh phàipearan le Foghlam Alba gu Scots is Gàidhlig. Chuir Pam Duncan-Glancy BPA atharrachadh a-steach gus dleastanas a chur air an SQA gus “stuthan a dhealbh an t-ùghdarras airson sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith air eadar-theangachadh gu Gàidhlig”. Bha an Leas-phrìomh Mhinistear a’ tuigsinn nan rùintean air cùl nan atharrachaidhean sin ach thuirt i gum feumadh an sgrìobhadh a bhith teann; thuirt i gum biodh an Riaghaltas dualtach “taic a thoirt do dh’atharrachaidhean aig ìre 3 mas iad, gu bunaiteach, [na h-atharrachaidhean sin] le beagan ath-sgrìobhaidh." Air an stèidh seo, cha tug Ross Greer BPA no Pam Duncan-Glancy BPA na h-atharrachaidhean sin na b’ fhaide.

Bha dà atharrachadh susbainteach ann an co-cheangal ri dleastanasan ùghdarrasan ionadail fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a thaobh beachdachadh air iarrtasan airson foghlam Gàidhlig. Thug Riaghaltas na h-Alba atharrachaidhean a-steach gus pròiseas a chruthachadh airson ùghdarrasan ionadail beachdachadh air iarrtasan airson sgoiltean làn-Ghàidhlig a stèidheachadh. Dh’aontaich a’ Chomataidh ris an atharrachadh seo.

Tha pròiseas dà ìre ann an Achd 2016 an-dràsta airson ùghdarrasan ionadail gus measadh a dhèanamh air an fheum air foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig. Chuir Miles Briggs BPA atharrachaidhean a-steach airson am pròiseas seo a sgioblachadh gu measadh aon-ìre. Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robh i a' tuigsinn "a' bheachd a bha air cùl nan atharrachaidhean" agus gum bu toil leatha "tuilleadh beachdachaidh a thoirt air a' chùis, ann an co-chomhairle le Mgr Briggs, gus dèanamh cinnteach gun obraicheadh an dreachdadh ann an dòigh theicnigeach agus gun leasaicheadh e an suidheachadh  airson phàrantan, daoine òga agus a h-uile duine a tha an sàs ann an lìbhrigeadh FtG”. Cha tug Miles Briggs BPA na h-atharrachaidhean na b’ fhaide.

Chuir Willie Rennie BPA agus Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach a thaobh inbhe agus neo-eisimeileachd Sabhal Mòr Ostaig. B' e am prìomh eadar-dhealachadh gun do mhol atharrachadh Ross Greer BPA gun rannsaicheadh an Riaghaltas am bu chòir Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh na bhuidheann foghlam àrd-ìre neo-eisimeileach. Chuireadh atharrachadh Willie Rennie BPA dleastanas air Ministearan “leasachadh Shabhal Mòr Ostaig a bhrosnachadh agus a chuideachadh mar ionad speisealta beag le cumhachdan ceuman a bhuileachadh”. Bha an Leas-phrìomh Mhinistear a’ tuigsinn rùn an dithis bhall agus thuirt i gun robh an Riaghaltas a' cur taic ri atharrachadh Ross Greer BPA agus, aig an ìre seo, nach cuireadh iad an aghaidh atharrachadh Willie Rennie BPA. Dh’aontaich a’ Chomataidh ri atharrachadh Ross Greer BPA agus, às dèidh bhòt far an do sheachain Buill Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba bhòtadh, dh’aontaich iad ri atharrachadh Willie Rennie BPA cuideachd. Ged a tha an dà atharrachadh ag amas air an aon bhuil san fharsaingeachd, chan eil e soilleir am faodadh na dhà a bhith sa Bhile. Thuirt Ross Greer BPA “gur dòcha gum bi feum air beagan rèite a dhèanamh air a’ chùis aig ìre 3”.

Chuir Emma Harper BPA atharrachaidhean a-steach gus iomradh a thoirt air “na diofar dhualchainntean Scots a tha air an cleachdadh ann an diofar phàirtean de dh’Alba” a thaobh: amasan Ro-innleachd na Scots; adhbhar stiùireadh sam bith a thèid a chur gu ùghdarrasan poblach; agus a thaobh mar a bhios ùghdarrasan ionadail ag adhartachadh foghlam na Scots. Chaidh aontachadh ris na h-atharrachaidhean sin.


Tachartasan buntainneach eile

Bho chaidh am Bile a thoirt a-steach, chaidh toraidhean Cunntas-sluaigh 2022 air cleachdadh cànain fhoillseachadh. A bharrachd air sin, tha an Riaghaltas air am freagairt fhoillseachadh do aithisg na Buidhne-obrach Gheàrr-ùinich air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.


Cunntas-sluaigh 2022

Chaidh dàta cunntas-sluaigh 2022 air cleachdadh Scots is Gàidhlig a ghabhail a-steach san fhoillseachadh a’ còmhdach “creideamh, buidheann cinnidh, cànan agus fèin-aithne nàiseanta”. Chaidh am fiosrachadh seo a sgaoileadh air 21 Cèitean 2024.

Airson Scots agus Gàidhlig, tha àrdachadh air a thighinn air an àireamh dhaoine le sgilean sam bith sa chànan, biodh e leughadh, sgrìobhadh, labhairt no èisteachd.

Mheudaich a’ cho-roinn de dhaoine ann an Alba a thuirt gun robh sgilean sam bith aca ann an Gàidhlig agus Scots eadar 2011 agus 2022.

  • Chaidh Gàidhlig an-àirde bho 1.7% gu 2.5%

  • Chaidh Scots an-àirde bho 37.7% gu 46.2%.

Ann an 2011 bha 1.9 millean neach le sgilean ann an Scots; agus bha seo air a dhol an-àirde gu 2.4 millean ro 2022. Airson na Gàidhlig, bha 87,000 neach le sgilean Gàidhlig ann an 2011, bha seo air a dhol an-àirde gu 130,000 ro 2022.

Is e na h-Eileanan Siar fhathast an t-ùghdarras ionadail leis a’ chuibhreann as àirde de dhaoine le sgilean Gàidhlig. Bha 57% de luchd-còmhnaidh nas sine na 3 aig an robh sgilean Gàidhlig (i.e. measgachadh sam bith de thuigse, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig). Ann an 2011, b’ i an àireamh cho-fhreagarrach 61%.

A’ bruidhinn ris a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga, thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear:

Sheall [Cunntas-sluaigh 2022] gu bheil àrdachadh iomlan air a bhith ann an sgilean Gàidhlig. Tha sin mìorbhaileach agus bu chòir gàirdeachas a dhèanamh ris. Ach, airson a’ chiad uair, tha a’ Ghàidhlig a-nis air a bruidhinn le nas lugha na 50% de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar, agus bu chòir sin a bhith na rabhadh a thaobh mar a tha sinn a’ toirt taic do choimhearsnachdan den leithid.

Scottish Parliament. (2024). Education, Children and Young People Committee, Official Report. Retrieved from https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/official-report/search-what-was-said-in-parliament/ECYP-22-05-2024?meeting=15884&iob=135614#orscontributions_M5621E413P749C2592131

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Chunntas-sluaigh ann am Blog a chaidh fhoillseachadh le SPICe san Lùnastal 2024.


Buidseat na h-Alba 2025 gu 2026

Bha £5 millean a bharrachd ann am Buidseat na h-Alba 2025-26 gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus Scots.

Thuirt sgrìobhainn a’ Bhuidseit:

Seallaidh sinn ar dealas do Bhile nan Cànan Albannach le bhith a’ cur maoineachadh san roinn an-àirde gu £30.5 millean, a’ togail air ceumannan làithreach ann am foghlam, na h-ealain agus beatha coimhearsnachd agus poblach, agus a’ cur ri fàs in-ghabhalach, foghlam agus mealtainn còraichean cànain do luchd-labhairt na Gàidhlig agus Scots.

Scottish Government. (2024). Scottish Budget 2025 to 2026. Retrieved from https://www.gov.scot/publications/scottish-budget-2025-2026/pages/10/

Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Ann an 2022, stèidhich Ceit Fhoirbeis BPA, Rùnaire a’ Chaibineit aig an àm airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-ùineach air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig (an SLWG). Bha obair na buidhne seo a’ cuimseachadh air feuchainn ris “a’ Ghàidhlig a neartachadh le fòcas air cothroman eaconamach agus an eaconamaidh a neartachadh le bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr de chothroman Gàidhlig”. Chaidh an SLWG a bharantachadh fo Ro-innleachd Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba airson Atharrachadh na h-Eaconamaidh.

Thug an SLWG fa-near—

Chan urrainn sgaradh a dhèanamh eadar gnìomhan eaconamach is cultarail. Tha tachartasan cultarail a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba agus ri dàimh shòisealta choimhearsnachdan is cothroman cleachdaidh na Gàidhlig. Tha an canan gu sònraichte tarraingeach do dhaoine a tha tadhal air Alba is cuideachd a’ cur ris an eaconamaidh. A thaobh planadh cànain, tha buaidh aig inbhe na Gàidhlig air a’ mhiann a th’ aig daoine gus Gàidhlig a chleachdadh. Gu tric ’s urrainn cothroman eaconamach is cur-seachadan sòisealta misneachd a thoirt do dhaoine sgilean Gàidhlig a thogail no barrachd feum a dhèanamh dhiubh.

Thug an SLWG fa-near an raon de dh’eadar-theachdan poileasaidh ach thuirt iad “Cha eil teagamh aig a’ bhuidhinn gu bheil Gàidhlig fhathast ann an suidheachadh fìor chugallach. Tha cruaidh fheum, am measg nam buidhnean as urrainn atharrachaidhean taiceil a thoirt gu buil, gun tèid èiginn an t-suidheachaidh aithneachadh gus a bhith cinnteach gun tèid cor a’ chànain a ghlèidheadh san àm ri teachd.” Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am maoineachadh dìreach airson leasachadh na Gàidhlig a mheudachadh “gus fàs eaconamach a bhrosnachadh is gus am bi buaidh na Gàidhlig cho mòr ’s as urrainnear a thaobh chùisean sòisealta is math dhaoine.”

Rinn an SLWG molaidhean fo raon farsaing de chinn, is iad sin:

  • sluagh agus bun-structair

  • roinn phoblach agus planaichean Gàidhlig

  • coimhearsnachdan

  • foghlam

  • prìomh roinnean (a’ gabhail a-steach cùram sòisealta, gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh is deoch, agus an àrainneachd nàdarra).

Ged nach robh iad dìreach a’ cuimseachadh air a leithid, bha fòcas sònraichte aig an SLWG air “Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig”, a mhìnich iad mar “an fheadhainn anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach agus cuid de sgìrean Loch Aillse, Tiriodh, Ìle agus Diùra – àiteachan far an robh, ann an cunntas-sluaigh 2011, comasan Gàidhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh”. Thuirt an SLWG—

Tha mòran de na dùbhlain mu choinneamh cleachdadh a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig ceangailte ri tàladh is glèidheadh sluaigh. Às aonais bun-structair leithid taigheadais iomchaidh is ceanglaichean còmhdhail anns an gabh earbsa a chur, is cuideachd comas-ceangail didseatach, chan urrainnear sluagh a ghlèidheadh no cur ri àireamh an t-sluaigh. Tha seo na chunnart do sheasmhachd nan coimhearsnachdan ud is, air sgàth sin, na chunnart do Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd.

Fhreagair an Riaghaltas a' Bhuidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig air 22 Samhain 2024. Anns an ro-ràdh aice don fhreagairt, thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh is na Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis BPA:

Tha Riaghaltas na h-Alba moiteil às mar a tha sinn a’ moladh iomairt nàiseanta airson na Gàidhlig stèidhichte air a’ phrionnsapal gum buin an cànan dhan a h-uile duine againn. Ach tha e soilleir gum feum sinne agus ar luchd-ùidhe làn ealla a ghabhail ri cùisean sòisealta agus eaconamach an lùib ath-bheothachadh a' chànain nuair a bhios sinn a’ cur phoileasaidhean Gàidhlig an sàs sna coimhearsnachdan a chaidh a chomharrachadh san aithisg seo. Tha am fiosrachadh agus na molaidhean aig a’ Bhuidhinn-obrach Gheàrr-ùine a’ toirt stiùireadh cudromach dhuinn air an obair a tha romhainn. ’S iad molaidhean na h-aithisge seo agus Bile nan Cànan Albannach an dà phrìomh cheum a tha sinn a’ gabhail an-dràsta a thaobh phoileasaidhean na Gàidhlig.

Ghabh an Riaghaltas gu h-iomlan no ann am pàirt ri cha mhòr a h-uile moladh bhon SLWG.  Thug freagairtean an Riaghaltais do mholaidhean iomradh air ullachaidhean a’ Bhile iomadh turas.


Sources

Scottish Parliament. (2024, September 17). Official Report, Col 16. Retrieved from <a href="https://www.parliament.scot/api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995" target="_blank">https://www.parliament.scot/api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995</a>
Scottish Parliament. (2024). Education, Children and Young People Committee, Official Report. Retrieved from <a href="https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/official-report/search-what-was-said-in-parliament/ECYP-22-05-2024?meeting=15884&amp;iob=135614#orscontributions_M5621E413P749C2592131" target="_blank">https://www.parliament.scot/chamber-and-committees/official-report/search-what-was-said-in-parliament/ECYP-22-05-2024?meeting=15884&amp;iob=135614#orscontributions_M5621E413P749C2592131</a>
Scottish Government. (2024). Scottish Budget 2025 to 2026. Retrieved from <a href="https://www.gov.scot/publications/scottish-budget-2025-2026/pages/10/" target="_blank">https://www.gov.scot/publications/scottish-budget-2025-2026/pages/10/</a>