Skip to main content
BETA

This is a new service which is still being developed. Help us improve it by giving feedback to [email protected].

Loading…
Subject: Education

Bile nan Cànan Albannach

Author(s): Ned Sharratt

Pàipear Ullachaidh air Bile nan Cànanan Albannach. Tha am pàipear ullachaidh a' coimhead air na poileasaidhean làithreach airson taic don Ghàidhlig agus don Scots agus an uair sin a' coimhead air susbaint a' Bhile. 

Geàrr-chunntas

Tha am brath-ullachaidh seo a’ toirt taic do sgrùdadh Bile nan Cànan Albannach. 

Tha am Bile an dùil togail air a’ phoileasaidh agus air an reachdas a th’ ann mar-thà. Tha am pàipear seo a’ toirt iomradh goirid air a’ phoileasaidh làithreach, air an fhrèam-obrach reachdail agus air cuid de phrìomh fheartan a’ Bhile.


Frèam-obrach poileasaidh làithreach

Bho thòisich fèin-riaghladh chaidh barrachd fòcas a chur air poileasaidh na Gàidhlig na air poileasaidh na Scots, is chaidh barrachd ghoireasan a riarachadh airson taic don Ghàidhlig na chaidh a riarachadh airson taic don Scots.


Gàidhlig

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 na bunait air poileasaidh a tha a’ toirt taic don Ghàidhlig.  Rinn seo grunn ullachaidhean leis an amas “inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil na h-Alba le spèis cho-ionann ris a’ Bheurla.”   Stèidhich Achd 2005 Bòrd na Gàidhlig. 

Tha grunn dhleastanasan aig a’ Bhòrd, nam measg—

  • Plana Nàiseanta na Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh

  • iarraidh air buidhnean poblach sònraichte Planaichean Gàidhlig ullachadh agus na planaichean sin aontachadh agus sùil a chumail orra

  • taic agus comhairle a thoirt seachad

  • stiùireadh reachdail airson foghlam Gàidhlig ullachadh.

Tha foghlam Gàidhlig na phrìomh phàirt de phoileasaidh airson taic a thoirt don chànan. Tha foghlam Gàidhlig a’ gabhail a-steach:

  • Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) far a bheil teagasg tarsainn a’ churraicealaim sa mhòr-chuid tro mheadhan na Gàidhlig

  • Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI) far a bheil an cànan air a theagasg mar nuadh-chànan ann an sgoil meadhain-Bheurla.

O chionn ghoirid, tha barrachd gnìomhachd poileasaidh air a bhith ann a thaobh na Gàidhlig.  Ann an 2018, stèidhich an Riaghaltas iomairt ris an canar Adhartas nas Luaithe.  Tha iomairt Adhartas nas Luaithe ag amas air grunn bhuidhnean a thoirt còmhla airson co-obrachadh gus taic a thoirt don Ghàidhlig.

Ann an 2022, stèidhich Ceit Fhoirbeis BPA, Rùnaire a’ Chaibineit aig an àm airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh, Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig (“an SLWG”).  Bha obair na buidhne seo a’ cuimseachadh air feuchainn ris “a’ Ghàidhlig a neartachadh le fòcas air cothroman eaconamach agus an eaconamaidh a neartachadh le bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr de chothroman Gàidhlig”.


Scots

Ann an 2015, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba ampoileasaidh Scots.  Tha trì amasan aig a’ phoileasaidh—

  • gus inbhe Scots àrdachadh ann am beatha phoblach is coimhearsnachd na h-Alba

  • gus togail, cleachdadh agus leasachadh Scots a bhrosnachadh ann am foghlam, na meadhanan, foillseachadh agus na h-ealainean

  • gus barrachd cleachdadh Scots a bhrosnachadh mar mheadhan conaltraidh a tha dligheach agus follaiseach anns gach raon de bheatha na h-Alba.

Chan eil buidheann Riaghaltais ann le fòcas sònraichte air taic a thoirt do Scots.  Ach, tha grunn bhuidhnean ann a tha a' faighinn taic bho Riaghaltas na h-Alba a tha ag adhartachadh agus a’ toirt taic don Scots.

Ann an 2010 rinn Buidheann-obrach Mhinistearan air an Scots aithris agus molaidhean thar grunn raon—

  • poileasaidh agus ro-innleachd

  • foghlam

  • craoladh

  • litreachas agus na h-ealainean

  • dàimhean eadar-nàiseanta

  • mothachadh poblach

  • dualchainntean.


A’ Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan

Tha A’ Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan na chùmhnant le Comhairle na h-Eòrpa. Chaidh a sgrìobhadh ann an 1992 leis an amas cànanan roinneil no mion-chànanan san Roinn Eòrpa a dhìon is a bhrosnachadh agus cothrom a thoirt do luchd-labhairt nan cànanan sin an cleachdadh ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach. Chuir an RA ainm rithe ann an 2000 agus dhaingnich iad a' Chairt ann an 2001.

Tha Gàidhlig agus Scots air an còmhdach leis a’ Chairt.


Builean poileasaidh

Ged a tha na h-iomairtean poileasaidh a’ dèiligeadh ri grunn cuspairean poileasaidh agus raointean far am faodar cànanan a chleachdadh, chan eil e an-còmhnaidh soilleir bho na sgrìobhainnean ro-innleachdail cò ris a bhios builean poileasaidh soirbheachail coltach no ciamar a thèid an tomhas.


Dàta

Tha farsaingeachd de dhàta ann mun raon phoileasaidh seo.  Tha barrachd dàta ann a thaobh Gàidhlig na Scots. 

Tha an dàta cunntas-sluaigh as ùire air cleachdadh cànain bho Chunntas-sluaigh 2011.  Tha Clàran Nàiseanta na h-Alba an dùil gun tèid an dàta mu chànanan bho chunntas 2022 fhoillseachadh nas fhaide air adhart ann an 2024. Ann an cunntas-sluaigh 2011, thuirt còrr is 1.5 millean neach gum b' urrainn dhaibh Scots a bhruidhinn agus thuirt beagan a bharrachd air 57,000 neach gum b' urrainn dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn.

Ann an 2012 agus 2021 bha ceistean air a’ Ghàidhlig san t-suirbhidh bhliadhnail air Beachdan Sòisealta na h-Alba. A’ dèanamh coimeas eadar an dà shuirbhidh, chaidh adhartas a dhèanamh anns a’ chuibhreann de dh’inbhich ann an Alba aig a bheil beagan eòlais air a’ Ghàidhlig agus deagh bheachdan mun chànan.

Anns na deich bliadhna a dh’fhalbh, tha àrdachadh air tighinn sa chuibhreann de sgoilearan a’ gabhail pàirt ann am FtG agus FLI.  Tha àrdachadh cuideachd air tighinn air an àireamh thidsearan a tha a’ teagasg tron Ghàidhlig an-dràsta no a b’ urrainn teagasg tron Ghàidhlig.

Còmhla, tha maoineachadh dìreach Riaghaltas na h-Alba airson caiteachas làitheil air Scots is Gàidhlig air a bhith an ìre mhath seasmhach a thaobh airgid thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh.  Ach is e gearradh a tha seo nuair a thathar a’ gabhail a-steach buaidh na atmhorachd.  A bharrachd air maoineachadh ghoireasan, tha buidseat Calpa ann don Ghàidhlig gus taic a thoirt do ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ toirt seachad Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha seo air a dhol suas anns na bliadhnachan mu dheireadh agus tha e an-dràsta aig £4m sa bhliadhna.


Bile nan Cànan Albannach

Rinn an Riaghaltas co-chomhairle air Gàidhlig, Scots agus Bile nan Cànan Albannach ann an 2022.  Chaidh am Bile làithreach a dheasachadh às dèidh na co-chomhairle sin.

Tha am Bile ann an dà phàirt shusbainteach a’ dèiligeadh ri ullachaidhean co-cheangailte ri Gàidhlig agus Scots.  Anns an dà phàirt sin tha Caibideilean a’ buntainn ri taic do na cànanan agus foghlam.

Tha Pàirt 1 – Caibideil 1 den Bhile mu thaic don Ghàidhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:

  • inbhe oifigeil don Ghàidhlig ann an Alba

  • atharrachadh gnìomhan Bòrd na Gàidhlig

  • cruthachadh cumhachd gus sgìrean ainmeachadh mar “sgìrean cànain sònraichte”;

  • a' cur dleastanas air Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Nàiseanta Gàidhlig ullachadh, a thèid an àite nam Planaichean Nàiseanta Gàidhlig

  • A’ toirt barrachd chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba (an Riaghaltas) a thaobh dleastanasan a chur air buidhnean poblach gus a’ Ghàidhlig adhartachadh, a chuideachadh agus taic a thoirt dhi.

Tha Pàirt 1 – Caibideil 2 den Bhile mu fhoghlam Gàidhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:

  • toirt air Ministearan na h-Alba foghlam Gàidhlig a chur air adhart

  • toirt cumhachd do Mhinistearan le h-Alba inbhean a shuidheachadh agus stiùireadh ullachadh airson ùghdarrasan ionadail a thaobh foghlam Gàidhlig

  • am mìneachaidh reachdail air foghlam sgoile atharrachadh

  • toirt air ùghdarrasan ionadail foghlam Gàidhlig a chur air adhart

  • diofar atharrachaidhean eile co-cheangailte ri FtG a dhèanamh a’ gabhail a-steach pròiseas airson pàrantan a bhith ag iarraidh Tràth-ionnsachadh agus Cùram-cloinne tro Mheadhan na Gàidhlig.

Pàirt 2 – Tha Caibideil 1 mu thaic don Scots.  Am measg nan ullachaidhean anns a’ chaibideil tha:

  • inbhe oifigeil a bhith aig Scots ann an Alba

  • toirt air Ministearan na h-Alba ro-innleachd Scots a chruthachadh agus aithris a thoirt air adhartas sam bith;

  • ullachadh gus an urrainn do Mhinistearan na h-Alba stiùireadh a dheasachadh do bhuidhnean poblach a thaobh adhartachadh agus taic don Scots agus do leasachadh cultar na Scots

Pàirt 2 – Tha Caibideil 2 mu fhoghlam sgoile a thaobh na Scots.  Tha seo a’ gabhail a-steach ullachaidhean a bhiodh—

  • a’ toirt air Ministearan na h-Alba foghlam Scots a bhrosnachadh agus taic a thoirt dha ann an sgoiltean

  • leigeil le Ministearan na h-Alba stiùireadh ullachadh agus bun-inbhean a shuidheachadh do ùghdarrasan ionadail co-cheangailte ri foghlam na Scots ann an sgoiltean.


Meòrachan Ionmhais

Tha am Meòrachan Ionmhais a’ mìneachadh nan cosgaisean a bharrachd ris a bheil dùil a thigeadh bhon Bhile.  Uile gu lèir, thathas a’ meas gun cosg am Bile timcheall air £700,000 thairis air còig bliadhna.


Ro-ràdh

Chaidh Bile nan Cànan Albannach a thoirt a-steach don Phàrlamaid air 29 Samhain 2023.

Tha am Bile seo a' toirt inbhe oifigeil don Ghàidhlig agus don Scots ann an Alba, agus a' dèanamh atharrachaidhean air an taic a gheibh a' Ghàidhlig agus an Scots ann an Alba. Tha seo a’ gabhail a-steach atharrachaidhean co-cheangailte ri foghlam. 

’S i a’ phrìomh Chomataidh aig Ìre 1 den Bhile Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus na h-Òigridh.

Tha am Meòrachan Poileasaidh ag ràdh—

Tha reachdas a’ Bhile seo a’ togail air na prìomhachasan a th’ ann an-dràsta a thaobh phoileasaidhean agus e na amas an taghadh ùr de cheumannan a dhèanamh nas buadhmhoire a thaobh an adhartais a tha a dhìth airson na Gàidhlig is na h-Albais.

PM Para 5

Tha am Brath-ullachaidh seo ann an dà phàirt.  Tha a’ chiad phàirt a’ mìneachadh nam frèaman-obrach poileasaidh a tha a’ toirt taic don Ghàidhlig agus don Scots.  Tha an dàrna tè a’ sgrùdadh nan ullachaidhean sa Bhile làithreach.


Suidheachadh poileasaidh làithreach

Tha am Bile airson togail air obair a tha ga dhèanamh mar-thà gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus don Scots.

Chan eil a’ phàirt seo na sgrùdadh iomlan air a’ raon poileasaidh seo. Is ann a tha e airson tuigse a thoirt do Bhuill air na frèaman-obrach poileasaidh agus reachdail a th’ ann an-dràsta gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus don Scots.


Gàidhlig

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Rinn Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 grunn ullachaidhean gus “inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba aig a bheil spèis cho-ionann ris a’ Bheurla.”

Stèidhich Achd 2005 Bòrd na Gàidhlig. Is e am Bòrd a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba a tha an urra ri leasachadh na Gàidhlig a chur air adhart agus comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig.

Tha earrann 1 de dh’Achd 2005 ag ràdh—

Bu chòir do na gnìomhan a tha an t-Achd a' buileachadh air Bòrd na Gàidhlig a choileanadh gus inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba aig a bheil spèis cho-ionann ris a’ Bheurla tro bhith—

(a) a' meudachadh na h-àireamh dhaoine a tha comasach air a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn,

(b) a’ brosnachadh cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig, agus

(c) a' cruthachadh cothrom air a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba agus àiteachan eile.

Fo Achd 2005, bha ullachadh ann am Bòrd “a’ deasachadh agus a’ cur a-steach gu Ministearan na h-Alba plana nàiseanta Gàidhlig anns a bheil molaidhean a thaobh coileanadh a dhleastanasan fon Achd seo”.

Bha ullachadh ann an Achd 2005 cuideachd gum biodh cumhachd aig a’ Bhòrd iarraidh air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh, fhoillseachadh agus a chur an gnìomh.  Tha liosta de 57 buidhnean poblach air làrach-lìn a’ Bhùird aig a bheil Planaichean Gàidhlig aontaichte. 

Fo Achd 2005 faodaidh am Bòrd sùil a chumail air buileachadh planaichean Gàidhlig bhuidhnean poblach.  Fo Achd 2005, tha dà dhòigh anns an urrainn don Bhòrd dragh a thogail mu phlanaichean Gàidhlig bhuidhnean poblach.  Rè pròiseas aontachaidh nam planaichean, faodaidh am Bòrd atharraichean a mholadh don bhuidhinn phoblaich agus, mura tèid aonta a ruighinn, faodaidh am Bòrd a’ chùis a chur gu Ministearan, a cho-dhùineas am bu chòir do na h-atharraichean a tha gam moladh a bhith nam pàirt de phlana na buidhne poblaich.  Ma shaoileas am Bòrd gu bheil buidheann phoblach a’ fàilligeadh ceumannan iomchaidh sa phlana aca a chur an gnìomh, faodaidh am Bòrd aithisg a chur gu Ministearan na h-Alba a’ mìneachadh nan adhbharan airson a’ bheachd sin.  Faodaidh Ministearan an uair sin àithneadh don ùghdarras sin cuid de na ceumannan sa phlana Ghàidhlig aca, no na ceumannan gu lèir, a chur an gnìomh. 

Fo Achd 2005 faodaidh am Bòrd cuideachd stiùireadh reachdail a chur a-mach airson Foghlam Gàidhlig.


Planaichean Nàiseanta na Gàidhlig

Fo Achd 2005 feumaidh am Bòrd “Plana nàiseanta na Gàidhlig a dheasachadh agus a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba sa bheil molaidhean a thaobh coileanadh a dhleastanasan”.   Feumaidh ro-innleachd a bhith anns a’ phlana airson adhartachadh, agus cuideachadh le brosnachadh—

  • cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig, agus

  • foghlam Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig.

Tha am plana làithreach, an ceathramh Plana Gàidhlig a’ còmhdach na h-ùine 2023-2028. ’S e an lèirsinn a th’ aige gum bi “Leudachadh a ghabhas tomhas san àireimh dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt taic dhan Ghàidhlig.”  Tha prìomh amas a’ phlana a’ nochdadh na lèirsinn seo.  Tha am plana a’ soilleireachadh grunn chuspairean le “raointean prìomhachais” agus “targaidean”. Is iad na cuspairean—

  • coimhearsnachd

  • dachaighean

  • gnìomhachasan cruthachail

  • gnothach agus an eaconamaidh

  • ùghdarrasan poblach

  • foghlam 0-18

  • ionnsachadh iar-sgoile agus ionnsachadh inbheach.

Thuirt ro-ràdh Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean don phlana làithreach—

“Tha brosnachadh na Gàidhlig na uallach co-roinnte. Is urrainn tòrr ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach cur gu mòr ri taic dhan Ghàidhlig agus tha iad a’ dèanamh sin.”

’S e an t-amas gum bi planaichean Gàidhlig ùghdarrasan poblach a’ co-thaobhadh ris a’ phlana nàiseanta.


Foghlam Gàidhlig

Tha dà thaobh air foghlam Gàidhlig.  Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI).  Is e FtG nuair a tha am foghlam ga lìbhrigeadh  tro mheadhan na Gàidhlig.  Is e FLI nuair a tha an cànan ga theagasg mar nuadh-chànan sam bith eile.   

Tha Stiùireadh Reachdail a’ Bhùird air Foghlam Gàidhlig a’ mìneachadh a thaobh foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig—

Cha bu chòir ach Gàidhlig a bhith air a cleachdadh airson ionnsachaidh, teagaisg agus mheasaidhean bho BS1 gu BS3. Bho BS4, bu chòir a’ Bheurla a bhith air a toirt a-steach beag air bheag, ach bidh a’ Ghàidhlig fhathast na prìomh chànan san t-seòmar-teagaisg .

Ann am Foghlam Àrd-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig, tha an stiùireadh ag ràdh “Bu chòir do sgoiltean a bhith ag amas air cuibhreann iomchaidh de churraicealam na h-àrd-sgoile a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig gus an urrainn do dhaoine òga cumail orra a’ leasachadh nan sgilean Gàidhlig aca.”

Thuirt co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba

Tha foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig (FBSG) ri fhaighinn an-dràsta ann an 14 a-mach à 32 sgìrean ùghdarras foghlaim air feadh Alba. Tha cuideachd àireamh a tha a’ sìor fhàs de sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba agus bun-sgoiltean dà-shruth (Gàidhlig agus Beurla) far a bheil FtG sa mhòr-chuid. Tha cuideachd grunn ionadan tràth-bhliadhnaichean agus cròileagain ag obair air feadh Alba. Tha foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig (FÀSG) cuideachd ri fhaighinn ann an 33 àrd-sgoiltean ann an Alba. Anns na sgoiltean sin, mar as trice bithear a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair, le cuid de sgoiltean a’ lìbhrigeadh cuibhreann a bharrachd den churraicealam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI) eadar-dhealaichte bho FtG leis gu bheil e air a lìbhrigeadh mar chànan a bharrachd dhaibhsan a tha ann am foghlam tro mheadhan na Beurla. Tha FLI a’ cur dhaoine òga an aithne Gàidhlig is a cultar.

Fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 tha còir aig pàrantan agus luchd-cùraim aig a bheil pàiste fo aois sgoile agus nach eil air tòiseachadh sa bhun-sgoil fhathast, measadh iarraidh air an ùghdarras ionadail aca mun fheum air FtG aig ìre na bun-sgoile.  Tha Achd 2016 cuideachd a’ mìneachadh pròiseas reachdail airson gum bi ùghdarrasan ionadail a’ dèanamh measadh tùsail air an fheum air FtG aig ìre na bun-sgoile ann an sgìre shònraichte agus an uair sin, is dòcha, làn mheasadh.


Adhartas nas Luaithe

Ann an 2018, stèidhich an Riaghaltas iomairt ris an canar Adhartas nas Luaithe. Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba (chan e seo am Plana Nàiseanta a bhios am Bòrd a’ cruthachadh) ag ràdh—

S e an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe bun-stèidh do phoileasaidh Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus e a’ ceangal ri chèile mu 25 Buidheann Phoblach a tha a’ cur ri fàs is taic seasmhach na Gàidhlig.

Tha am Plana Nàiseanta a’ mìneachadh Adhartas nas Luaithe mar “iomairt chruth-atharrachail air a stiùireadh le Ministearan na h-Alba, a tha air buidhnean nàiseanta agus prìomh ùghdarrasan, aig a bheil planaichean Gàidhlig, a thoirt còmhla gus sruthan-obrach adhartachadh agus prìomh ghealltanasan Gàidhlig a lìbhrigeadh tro cho-obrachadh.” Tha na sruthan-obrach seo a’ gabhail a-steach—

  • com-pàirteachadh coimhearsnachd

  • didseatach is na meadhanan

  • teagasg agus ionnsachadh

  • turasachd

  • cultar agus dualchas

  • eaconamaidh agus sgioba-obrach.

Chan eil làrach-lìn no duilleag air làrach-lìn an Riaghaltais a bheir seachad fiosrachadh mun obair seo.  Mar sin tha e doirbh measadh a dhèanamh air gnìomhan a tha a’ tachairt fon iomairt seo, na goireasan a tha gan riarachadh air an obair seo, no na builean aice.


Buidheann-obrach Gheàrr-ùineach air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig

Ann an 2022, stèidhich Ceit Fhoirbeis BPA, Rùnaire a’ Chaibineit aig an àm airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig(an SLWG). Bha obair na buidhne seo a’ cuimseachadh air feuchainn ris “a’ Ghàidhlig a neartachadh le fòcas air cothroman eaconamach agus an eaconamaidh a neartachadh le bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr de chothroman Gàidhlig”.

Thug an SLWG fa-near-

Chan urrainn sgaradh a dhèanamh eadar gnìomhan eaconamach is cultarail. Tha tachartasan cultarail a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba agus ri dàimh shòisealta choimhearsnachdan is cothroman cleachdaidh na Gàidhlig. Tha an canan gu sònraichte tarraingeach do dhaoine a tha tadhal air Alba is cuideachd a’ cur ris an eaconamaidh. A thaobh planadh cànain, tha buaidh aig inbhe na Gàidhlig air a’ mhiann a th’ aig daoine gus Gàidhlig a chleachdadh. Gu tric ’s urrainn cothroman eaconamach is cur-seachadan sòisealta misneachd a thoirt do dhaoine sgilean Gàidhlig a thogail no barrachd feum a dhèanamh dhiubh.

Thug an SLWG fa-near an raon de dh’eadar-theachdan poileasaidh ach thuirt iad “Cha eil teagamh aig a’ bhuidhinn gu bheil Gàidhlig fhathast ann an suidheachadh fìor chugallach. Tha cruaidh fheum, am measg nam buidhnean as urrainn atharrachaidhean taiceil a thoirt gu buil, gun tèid èiginn an t-suidheachaidh aithneachadh gus a bhith cinnteach gun tèid cor a’ chànain a ghlèidheadh san àm ri teachd.”  Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am maoineachadh dìreach airson leasachadh na Gàidhlig a mheudachadh “gus fàs eaconamach a bhrosnachadh is gus am bi buaidh na Gàidhlig cho mòr ’s as urrainnear a thaobh chùisean sòisealta is math dhaoine.”

Rinn an SLWG molaidhean fo raon farsaing de chinn, is iad sin:

  • sluagh agus bun-structair

  • roinn phoblach agus planaichean Gàidhlig

  • coimhearsnachdan

  • foghlam

  • prìomh roinnean (a’ gabhail a-steach cùram sòisealta, gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh is deoch agus an àrainneachd nàdarra).

Ged nach robh iad dìreach a’ cuimseachadh air a leithid, bha fòcas sònraichte aig an SLWG air “Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig”, a mhìnich iad mar “an fheadhainn anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach agus cuid de sgìrean Loch Aillse, Tiriodh, Ìle agus Diùra – àiteachan far an robh, ann an cunntas-sluaigh 2011, comasan Gàidhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh”.  Thuirt an SLWG—

“Tha mòran de na dùbhlain mu choinneamh cleachdadh a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig ceangailte ri tàladh is glèidheadh sluaigh. Às aonais bun-structair leithid taigheadais iomchaidh is ceanglaichean còmhdhail anns an gabh earbsa a chur, is cuideachd comas-ceangail didseatach, chan urrainnear sluagh a ghlèidheadh no cur ri àireamh an t-sluaigh. Tha seo na chunnart do sheasmhachd nan coimhearsnachdan ud is, air sgàth sin, na chunnart do Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd.”

Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast ri freagairt a thoirt do dh’aithisg an SLWG. Mar fhreagairt do cheist phàrlamaideach san Dùbhlachd 2023, thuirt Rùnaire a' Chaibineit airson na h-Eaconamaidh Sunnd, Obair Chothromach agus Lùth aig an àm, Niall Gray-

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte air aithisg na buidhne-obrach gheàrr-beatha air cothroman eaconamach is sòisealta don Ghàidhlig agus tha iad air buidheann-stiùiridh a stèidheachadh taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba gus beachdachadh air na molaidhean farsaing.  Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil freagairt a thoirt don bhuidhinn tràth ann an 2024. … Tha comas aig na h-ullachaidhean ann am [Bile nan Cànan Albannach], a’ gabhail a-steach deasachadh ro-innleachd Ghàidhlig agus bun-inbhean Gàidhlig, comharrachadh Sgìrean Cànain Cudromach agus planaichean Gàidhlig leasaichte adhartas a dhèanamh a thaobh nam molaidhean air na prìomh roinnean a tha air an comharrachadh ann an aithisg eaconamaidh na Gàidhlig agus is iad sin a’ bhunait bhon tug Ceit Fhoirbeis a-steach an lèirmheas sa chiad àite.


Scots

Chan eil uiread bun-structar poileasaidh aig an Scots ’s a tha aig a’ Ghàidhlig. 

Ann an 2015, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba poileasaidh na Scots aca.  Tha trì amasan aig a’ phoileasaidh—

  • gus inbhe Scots àrdachadh  ann am beatha phoblach is coimhearsnachd na h-Alba

  • gus togail, cleachdadh agus leasachadh na Scots a bhrosnachadh ann am foghlam, na meadhanan, foillseachadh agus na h-ealain

  • gus barrachd cleachdadh Scots a bhrosnachadh mar mheadhan conaltraidh a tha dligheach agus follaiseach anns gach raon de bheatha na h-Alba.

Cha deach measadh a dhèanamh air an adhartas mu choinneamh nan amasan sin.


Buidhnean Scots

Dh’ainmich co-chomhairle  Riaghaltas na h-Alba ann an 2022 grunn Bhuidhnean Scots don tug an Riaghaltas maoineachadh ann an 2022.  B’ iad sin—

  • Ionad na Scots (SLC)

  • Faclairean na Scots

  • Comann Litreachas na Scots

  • Scots Hoose

  • Rèidio na Scots/Fèis Fhilmichean Doric

  • Bòrd na Doraig

  • Urras Leabhraichean na h-Alba (Tabhartas Foillseachaidh Scots agus app Scots Bookbug)

  • YoungScot (Pannal Chànanan na h-Alba).

Bidh Ionad na Scots a’ toirt seachad fiosrachadh agus comhairle mun Scots agus a’ brosnachadh cleachdadh cànan, cultar agus foghlam na Scots.  Bidh Bòrd na Doraig ris an aon obair ach a’ cuimseachadh a-mhàin air Doraig.  Tha Comann Litreachas na h-Alba, Scots Hoose agus Urras Leabhraichean na h-Alba, còmhla ris an SLC, uile (am measg rudan eile) a’ toirt taic do dh’fhoghlam Scots.

Eu-coltach ri Bòrd na Gàidhlig, chan e buidhnean Riaghaltais a tha anns na buidhnean sin.  Cuideachd, eu-coltach ris a’ Ghàidhlig, chan eilear an-dràsta ag ùrachadh ro-innleachdan nàiseanta gu cunbhalach.


Buidheann-obrach 2010 air Scots

Ann an 2010 rinn Buidheann-obrach Mhinistearan air an Scots aithris agus molaidhean thar grunn raon—

  • poileasaidh agus ro-innleachd

  • foghlam

  • craoladh

  • litreachas agus na h-ealainean

  • dàimhean eadar-nàiseanta

  • mothachadh poblach

  • dualchainntean.

Tha molaidhean agus mion-sgrùdadh na Buidhne-obrach fhathast buntainneach sa mhòr-chuid. Cha dèan am pàipear seo ath-aithris air molaidhean na Buidhne-obrach an seo, ach is fhiach cuid dhiubh a thogail ann an co-theacs a’ Bhile làithrich.

Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum biodh an Riaghaltas “a’ cruthachadh poileasaidh cànain nàiseanta airson na Scots a’ toirt iomradh air a’ Chairt Eòrpaich airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan; agus bu chòir seo a chur an sàs ann an Achd Pàrlamaid.”  Mar a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, chaidh poileasaidh na Scots fhoillseachadh ann an 2015 agus tha am Bile làithreach an dùil am frèam-obrach poileasaidh a thaobh Scots a neartachadh.

Fo fhoghlam, thuirt a’ Bhuidheann-obrach—

Is e seo aon de na raointean far as motha a tha feum air gnìomh sa bhad, aig gach ìre: ro-sgoil, bun-sgoil, àrd-sgoil agus treas ìre (a’ gabhail a-steach trèanadh thidsearan). Tha an suidheachadh gu sònraichte èiginneach leis gu bheil an gainnead ghoireasan airson na Scots agus an dìth prìomhachais air a’ chànan ann am foghlam a’ cur an adhartais air fad a rinneadh sna bliadhnaichean mu dheireadh ann an cunnart.

Rinn a’ Bhuidheann-obrach grunn mholaidhean gus na goireasan airson foghlam Scots a neartachadh gu pragtaigeach.

A thaobh dhualchainntean, thuirt a’ Bhuidheann-obrach:

Tha Scots mar chànan labhairteach ann an grunn chruthan eadar-dhealaichte, gach aon dhiubh air a chomharrachadh gu làidir le raon sònraichte agus grunn dhiubh air an leasachadh airson traidiseanan soirbheachail litreachas ionadail. Tha am feum air na dualchainntean fa leth a ghleidheadh agus spèis a thoirt don dearbh-aithne shònraichte aca, agus aig an aon àm an cànan gu lèir a leasachadh feumach air planadh cùramach: gu sònraichte, tha e cudromach am feum air cruth coitcheann de Scots a chruthachadh airson adhbharan oifigeil a thaisbeanadh ann an dòigh a sheachnas cunnart sam bith do na dualchainntean.

B’ e aon de mholaidhean na Buidhne-obrach—

Bu chòir do ùghdarrasan ionadail, chan e a-mhàin poileasaidh soilleir a bhith aca a thaobh Scots, ach mothachadh soilleir air na dualchainntean anns na sgìrean sònraichte aca, agus bu chòir dhaibh cleachdadh a’ phoileasaidh nàiseanta a dhèanamh freagarrach don cho-theacs shònraichte aca fhèin.


A’ Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan

Tha A’ Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil no Mion-chànanan na chùmhnant le Comhairle na h-Eòrpa. Chaidh a sgrìobhadh ann an 1992 leis an amas cànanan roinneil no mion-chànanan san Roinn Eòrpa a dhìon is a bhrosnachadh agus cothrom a thoirt do luchd-labhairt nan cànanan sin an cleachdadh ann am beatha phrìobhaideach agus phoblach. Chuir an RA ainm rithe ann an 2000 agus dhaingnich iad a’ Chairt ann an 2001.

Tha Gàidhlig agus Scots air an còmhdach leis a’ Chairt, ged a tha sin ann an dòighean beagan eadar-dhealaichte. Tha a’ Chairt a’ ceadachadh dà ìre de dhleastanasan.  Tha Pàirt II den Chairt a’ mìneachadh bun-stèidh choitcheann de phrionnsapalan a thaobh taic do chànanan roinneil no mion-chànanan. Tha na prionnsabalan sin a’ gabhail a-steach—

  • aithne do na cànanan roinneil no mion-chànanan mar dhòigh air beairteas cultarail a nochdadh

  • feum air gnìomh daingeann gus cànanan roinneil no mion-chànanan a bhrosnachadh gus an dìon

  • cuideachadh agus/no brosnachadh cleachdadh chànanan roinneil no mion-chànanan, ann an cainnt agus sgrìobhadh, sa bheatha phoblaich agus phrìobhaideach

  • solarachadh chruthan agus dhòighean iomchaidh airson teagasg agus sgrùdadh chànanan roinneil no mion-chànanan aig a h-uile ìre iomchaidh.

Ann am Pàirt III tha ullachaidhean sònraichte a thaobh cleachdadh a’ chànain roinneil no mion-chànan ann an raon farsaing den bheatha phoblaich no chatharra, leithid:

  • foghlam

  • ceartas

  • ùghdarrasan rianachd agus seirbheisean poblach

  • meadhanan

  • gnìomhan agus goireasan cultarail.

Faodaidh stàitean dearbhadh a bheil cànan air a chòmhdach leis na h-ullachaidhean ann am Pàirt II a-mhàin no ann am Pàirt II agus Pàirt III.  Tha Gàidhlig air a còmhdach leis an dà phàirt agus tha Scots air a còmhdach le Pàirt II a-mhàin. 

Bidh comataidh de dh’eòlaichean neo-eisimeileach a’ cumail sùil air buileachadh na Cairt.  Rinn an aithisg as ùire aig a’ Chomataidh seo, a chaidh fhoillseachadh ann an 2021, aon ‘mholadh airson gnìomh sa bhad’ air Scots agus dhà air a’ Ghàidhlig.

A thaobh na Scots, thuirt iad gum bu chòir do Riaghaltas na h-Albai

  • cruthan agus dòighean a sholarachadh airson Scots a theagasg agus a sgrùdadh aig a h-uile ìre iomchaidh.

A thaobh na Gàidhlig, thuirt iad gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba—

  • ceumannan a bharrachd a ghabhail gus foghlam ro-sgoile, bun-sgoile agus àrd-sgoile a thoirt seachad ann an Gàidhlig na h-Alba

  • leantainn air adhart a’ gabhail cheumannan gus foghlam Gàidhlig na h-Alba a neartachadh, gu h-àraidh tro bhith a’ trèanadh thidsearan agus a’ dèanamh stuthan teagaisg is ionnsachaidh.

Tha a’ chomataidh eòlaichean an-dràsta ag obair air an ath aithisg air buileachadh na Cairt san RA.


Gluasad, glèidheadh agus ath-bheothachadh cànain

Is e adhbhar a’ Bhile am frèam-obrach poileasaidh a neartachadh gus “taic a thoirt do chànanan dùthchasach na h-Alba, a’ Ghàidhlig agus Scots”.  Tha seo na phàirt de dh’oidhirp leantainneach gus na cànanan sin a bhrosnachadh agus taic a thoirt dhaibh.

Tha suidheachadh chànanan agus atharrachadh pàtrain cleachdaidh nan raon de sgrùdadh acadaimigeach agus aire poileasaidh.  Is e adhbhar na pàirt seo cuid de na prìomh bhun-bheachdan a mhìneachadh ann an teirmean goirid agus coitcheann.

Is e gluasad cànain nuair a bhios “coimhearsnachd de luchd-cleachdaidh a’ cur aon chànan an àite cànan eile, no ‘a’ gluasad’ chun a’ chànain eile sin” (Grenoble, 20211).  Faodar glèidheadh cànain a mhìneachadh mar phròiseas no gnìomhan gus cleachdadh làithreach a chumail suas; agus tha ath-bheothachadh cànain co-cheangailte ri leasachadh suidheachadh cànain.  Bhiodh an dà chuid glèidheadh agus ath-bheothachadh cànain air am meas mar fhreagairtean do ghluasad cànain. (Lewis & McLeod 20212)

Tha diofar ùghdaran ann an ath-bheothachadh cànain air cuideam a chur air diofar dhòighean-obrach.  Thuirt Hinton (2011)3 gu bheil “prògraman stèidhichte san sgoil a’ toirt a-steach eisimpleirean de na cùisean as soirbheachail de dh’ath-bheothachadh cànain” agus chomharraich i cuideachd luach campaichean samhraidh coimhearsnachd agus ionnsachadh inbheach.  Thuirt i gur e “am prìomh amas airson ath-bheothachadh cànain a h-àite fhaighinn air ais mar chànan conaltraidh làitheil anns a’ choimhearsnachd cainnte.”    Bha Fishman (1991)4 ag argamaid gun robh structar an teaghlaich deatamach airson tar-chur soirbheachail chànanan eadar ginealaich . Thuirt Romaine (2007)5 gum bu chòir dòigh-obrach eag-eòlasach a chleachdadh airson cànanan a dhìon, “gu bheil glèidheadh cànain anns an t-seagh as coileanta aige a’ toirt a-steach glèidheadh na buidhne a bhruidhneas i.”  Tha àite an riaghaltais cuideachd air fhaicinn cudromach ann a bhith a’ cruthachadh frèaman-obrach poileasaidh taiceil.

Bha pròiseact rannsachaidh san RA o chionn ghoirid, Revitalise, a’ feuchainn ri meòrachadh air na h-atharrachaidhean sòisealta, eaconamach agus poilitigeach thar nan deicheadan a dh’fhalbh agus a bhith a’ sgrùdadh dè a dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh airson oidhirpean gus cànanan ath-bheothachadh.  Dh’fhaighnich seo a bheil “buaidh aig atharrachaidhean ann an nàdar beatha coimhearsnachd agus ann am pàtrain eadar-obrachaidh am measg dhaoine air a’ chuideam a tha frèaman-obrach ath-bheothachadh cànain gu traidiseanta a’ cur air àite na coimhearsnachd ionadail, cruinn-eòlasach.”  Dh’fhaighnich e cuideachd mun “dòigh a bhios teaghlaichean a’ ruith am beatha làitheil agus a’ toirt cùram do an cuid cloinne” a bharrachd air a bhith a’ coimhead air atharrachaidhean eaconamach is riaghlaidh.


Amasan poileasaidh ann an Alba agus tomhasan soirbheachais

Gu ìre, tha amasan a’ phoileasaidh a’ nochdadh farsaingeachd raointean fòcais ann an litreachas ath-bheothachadh cànain.  Tha an tionndadh làithreach de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a’ còmhdach: coimhearsnachd, dachaigh, gnìomhachasan cruthachail, gnothach agus an eaconamaidh, ùghdarrasan poblach, agus foghlam (an dà chuid san sgoil agus iar-sgoile).

Thog am Plana Nàiseanta làithreach na toraidhean fàbharach bho shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba agus bha Plana Nàiseanta 2018-23 a’ gabhail a-steach an amais “A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig”.  Cha do mhìnich Plana Nàiseanta 2018-23 ge-tà ciamar a bhiodh an t-amas seo air a thomhas no gun deigheadh an t-suirbhidh air Beachdan Sòisealta na h-Alba a chleachdadh mar chomharra air soirbheachas.

Tha poileasaidh Scots Riaghaltas na h-Alba ag amas air na leanas —

  • gus inbhe na Scots àrdachadh ann am beatha phoblach is coimhearsnachd na h-Alba

  • togail, cleachdadh agus leasachadh na Scots a bhrosnachadh ann am foghlam, na meadhanan, foillseachadh agus na h-ealainean

  • barrachd cleachdadh Scots a bhrosnachadh mar mheadhan conaltraidh a tha dligheach agus follaiseach anns gach raon de bheatha na h-Alba.

Tha builean poileasaidh na h-Alba buailteach a bhith air an cur an cèill ann an teirmean farsaing neo-mhionaideach..  Is e an t-amas gu tric “cur ri…” no “cur am meud…”, seach builean a ghabhas tomhas.  Às aonais amasan poileasaidh soilleir agus builean is tomhasan ris am biodh dùil, tha e doirbh faighinn a-mach a bheil na poileasaidhean agus na gnìomhan gus taic a thoirt do Scots is Gàidhlig, a rèir an teirmean fhèin, soirbheachail. 

Chaidh grunn fhrèaman-obrach a leasachadh gus slàinte chànanan a thomhas.  Mar eisimpleir, chomharraich pàipear ann an 2003 a dh’fhoillsich UNESCO sia prìomh nithean gus ‘spionnadh’ cànain a mheasadh. B’ iad sin:

  • tar-chur cànain eadar ginealaich

  • àireamh iomlan de luchd-labhairt

  • cuibhreann de luchd-labhairt san t-sluagh gu lèir

  • gluasadan ann an raointean cleachdadh cànain (sin, na suidheachaidhean far a bheilear a’ cleachdadh a’ chànain)

  • freagairt do raointean agus meadhanan ùra

  • stuthan rim faighinn airson foghlam cànain agus litearrachd.

Thuirt pàipear UNESCO cuideachd “nach bu chòir gin de na factaran sin a chleachdadh leis fhèin” (cuideam san teacsa tùsail).


Dàta

Tha raon de dhàta ann mun raon poileasaidh seo. Tha barrachd dàta ann a thaobh na Gàidhlig na Scots.


Cunntas-sluaigh

Tha an dàta cunntas-sluaigh as ùire air cleachdadh cànain bho Chunntas-sluaigh 2011.  Tha Clàran Nàiseanta na h-Alba an dùil gun tèid an dàta mu chànanan bho chunntas-sluaigh 2022 fhoillseachadh nas fhaide air adhart ann an 2024.

A thaobh Scots agus Gàidhlig ann an 2011, dh’aithris Clàran Nàiseanta na h-Alba

Thuirt còrr is 1.5 millean neach gum b’ urrainn dhaibh Scots a bhruidhinn.

Thuirt 267,000 eile gun tuigeadh iad Scots ach nach robh iad comasach air an cànan a leughadh, a sgrìobhadh no a bhruidhinn.

Thuirt 1.1% de dh’inbhich gum biodh iad a’ bruidhinn na Scots aig an taigh. B’ ann an Sealtainn, Siorrachd Obar Dheathain, Moireibh agus Arcaibh a bha an cuibhreann bu mhotha de luchd-labhairt na Scots san dachaigh.

Thuirt còrr is 57,000 neach gum b’ urrainn dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn.

Bha seo 9,000 na bu lugha na cunntas-sluaigh 2001. Thuirt 23,000 neach gun tuigeadh iad Gàidhlig ach nach robh iad comasach air a leughadh, a sgrìobhadh, no a bhruidhinn.

B’ iad na sgìrean comhairle aig an robh an àireamh bu mhotha de luchd-labhairt na Gàidhlig:

  • Eilean Siar far an robh Gàidhlig aig 52.3% den t-sluagh

  • A’ Ghàidhealtachd, far an robh Gàidhlig aig 5.4%.

  • Earra-Ghàidheal is Bòd, far an robh Gàidhlig aig 4.0%.

B’ iad sin cuideachd na sgìrean far bu tric a bha daoine a’ bruidhinn Gàidhlig aig an taigh.  Uile gu lèir, thuirt 0.5% de dh’inbhich ann an Alba gun robh iad a’ bruidhinn Gàidhlig aig an taigh.

Chaidh an àireamh de dhaoine comasach air Gàidhlig a bhruidhinn sìos eadar 2001 agus 2011 airson a h-uile buidheann aoise ach a-mhàin daoine fo 20, aig an robh àrdachadh de 0.1 de cheudad.

Tha na figearan gu h-àrd air an sealltainn mar cheudadan den t-sluagh aig an robh comas Gàidhlig a bhruidhinn anns gach ùghdarras ionadail.  Tha cuibhreann nach beag de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach ann an sgìrean ùghdarras ionadail eile. Mar eisimpleir, bha an treas àireamh a b’ àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann am Baile Ghlaschu ann an Cunntas 2011.


Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba

Ann an 2012 agus 2021 bha ceistean air a’ Ghàidhlig san t-suirbhidh bhliadhnail air Beachdan Sòisealta na h-Alba.  Fhuair an aithisg air a’ phàirt seo den t-suirbhidh—

San fharsaingeachd, anns an deich bliadhna mu dheireadh tha àrdachadh air a bhith anns a’ chuibhreann de dh’inbhich ann an Alba aig a bheil beagan eòlais air a’ Ghàidhlig agus a tha air soidhnichean poblach Gàidhlig fhaicinn. Tha an cuibhreann de dh’inbhich a tha ag aithris gun cuala/gum faca iad a’ Ghàidhlig rè an leanabachd agus bho chionn ghoirid anns na meadhanan/air-loidhne air a bhith aig an aon ìre bho 2012, agus tha seo fìor cuideachd a thaobh na h-ìre is gu bheil daoine a’ faireachdainn cofhurtail le bhith a’ cluinntinn a’ chànain ga labhairt, beachdan air soidhnichean dà-chànanach agus beachdan air cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dhualchas na h-Alba agus do dhualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha gluasad air a bhith ann a dh’ionnsaigh bheachdan nas fhàbharaiche a thaobh a’ chànain ann an grunn raointean, a’ gabhail a-steach beachdan air foghlam Gàidhlig, cho cudromach ’s a tha Gàidhlig do dhualchas cultarach an neach fhèin, caiteachas poblach air a’ Ghàidhlig, agus Gàidhlig san àm ri teachd.


Staitistearachd mu Fhoghlam Gàidhlig

Tha raon staitistearachd ann mu sholarachadh agus cleachdadh foghlam Gàidhlig.  Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cur a-mach staitistearachd bhliadhnail air foghlam Gàidhlig; tha seo gu ìre mhòr a’ tighinn bho chunntasan nan sgoilearan agus nan tidsearan.  Far a bheil e iomchaidh, ’s e foillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba seach foillseachaidhean a’ Bhùird an stòr a thathar a’ cleachdadh an seo.


Sgoilearan

Tha na clàran gu h-ìosal a’ sealltainn na h-àireamh sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig.  Mar a chaidh a luaidh roimhe, tha dà sheòrsa foghlam Gàidhlig ann: Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Sgoilearan bun-sgoile
Foghlam tro Mheadhan na GàidhligClasaichean luchd-ionnsachaidh na GàidhligGun Ghàidhlig
20130.6%0.9%98.5%
20231.0%1.2%97.8%
Riaghaltas na h-Alba
Sgoilearan àrd-sgoile
Cuid de chuspairean a bharrachd air Gàidhlig air an teagasg tron GhàidhligGàidhlig an aon chuspair a tha ga theagasg tron GhàidhligClasaichean luchd-ionnsachaidh na GàidhligGun Ghàidhlig
20130.2%0.2%1.1%98.5%
20230.5%0.2%1.2%98.1%
Riaghaltas na h-Alba

Eadar 2013 agus 2023 tha àrdachadh mòr air a bhith ann gu co-rèireach ann an sgoilearan ann am FtG.  Ach, tha seo fhathast na cheudad beag de sgoilearan ann an Alba.  Tha eadar-dhealachadh mòr ann eadar roinnean ann an solar FtG.  

Tha an cuibhreann de sgoilearan ann an clasaichean luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air a dhol suas cuideachd ach aig ìre nas slaodaiche na FtG.  A-rithist, tha eadar-dhealachaidhean mòra eadar ùghdarrasan ionadail anns an staitistearachd.  Tha e sònraichte gu bheil cuid de dh’ùghdarrasan ionadail aig a bheil solar FtG ann an 2023 ag aithris nach eil sgoilearan sam bith ag ionnsachadh Gàidhlig mar dhàrna cànan ann am foghlam tro mheadhan na Beurla (m.e. Glaschu, Dùn Èideann).


Luchd-teagaisg

Tha a’ chairt gu h-ìosal a’ sealltainn a’ cheudad de thidsearan (FTE) ann an Alba a tha an-dràsta a’ teagasg tron Ghàidhlig no a dh’fhaodadh teagasg tron Ghàidhlig.

Tidsearan Gàidhlig % de luchd-teagaisg iomlan a rèir raon-obrach

Tha an dàta coltach ris an dàta a thaobh sgoilearan.  Tha àrdachadh air a bhith anns a’ cheudad de thidsearan a tha a’ teagasg ann am FtG, gu sònraichte sa bhun-sgoil.  Ach, tha na h-àireamhan sa cheud beag agus chan eil mòran coltais ann gum b’ urrainnear fàs a thoirt air an àireamh de thidsearan FtG a’ cleachdadh an sgioba-obrach a th’ ann an-dràsta.


Maoineachadh Riaghaltas na h-Alba

Tha grunn loidhnichean ann am buidseat Riaghaltas na h-Alba a tha a’ buntainn gu dìreach ri taic don Scots is don Ghàidhlig.  Tha maoineachadh ghoireasan (a bheir taic do chaiteachas làitheil) air a bhith timcheall air £26 millean sa bhliadhna airson nan deich bliadhna a dh’fhalbh.

Ann an 2024-25, den £25.6 millean de mhaoineachadh ghoireasan ann am buidseat ghoireasan Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig, tha mu dàrna leth, £12.6 millean, a’ dol gu Craoladh Gàidhlig – is e sin na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur ri MG Alba.  ’S e £5.1 millean am maoineachadh do Bhòrd na Gàidhlig. 

Bha buidseat 2024-25 a’ gabhail a-steach £250,000 gus taic a thoirt do ghnìomhan an Ionad Scots agus Faclairean na Scots agus an taic a th’ aca don Scots.  Tha an Riaghaltas ag aithris gu bheil iad air maoineachadh airson Scots àrdachadh gu timcheall air £550,000 sa bhliadhna – chan eil seo ri fhaicinn anns na buidseatan bliadhnail agus tha e a’ tighinn bho àiteachan eile ann am maoineachadh ghoireasan na Gàidhlig agus na Scots.1

Tha an clàr gu h-ìosal a’ sealltainn a’ mhaoineachaidh airson Gàidhlig agus Scots thairis air na 11 buidseatan mu dheireadh.

Maoineachadh ghoireasan na Gàidhlig is na Scots

A bharrachd air maoineachadh ghoireasan, tha buidseat Calpa fon Ghàidhlig.  Tha seo airson taic a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ toirt seachad Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha an clàr gu h-ìosal a’ sealltainn mar a tha am maoineachadh airson seo air dol an-àirde thairis air na 11 buidseatan mu dheireadh.

Calpa Gàidhlig Neo-dhìreach

Ged a tha am maoineachadh ghoireasan thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh an ìre mhath rèidh a thaobh airgead, tha àrdachadh air a thighinn air na buidseatan calpa.  Còmhla tha tuiteam air tachairt san ùine sin nuair a thathar a’ gabhail a-staigh buaidh na h-atmhorachd.  Tha an clàr gu h-ìosal a’ sealltainn bhuidseatan airson Gàidhlig (agus Scots ) a’ gabhail a-steach buaidh na h-atmhorachd thairis air na 11 buidseatan mu dheireadh. Tha an clàr na clàr-amais far a bheil 2014-15 aig 100.

Maoineachadh Ghoireasan agus Calpa, a' gabhail a-staigh buaidh na h-atmhorachd, Clàr-amais: 2014-15= 100

Air a’ chlàr-amais seo, tha 2024-25 aig 78.6  Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn tuairmse a dhèanamh gu bheil cumhachd caiteachais nam buidseatan sin ann an 2024-25 timcheall air 21.4% nas ìsle na na buidseatan co-ionann ann an 2014-15.

Thig maoineachadh airson na Gàidhlig cuideachd bho thùsan eile leithid ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta (m.e. Alba Chruthachail, Foghlam Alba). 


Rannsachadh Comataidh Thaghte CMS air Mion-chànanan

Tha Comataidh Thaghte CMS nan Cumantan an-dràsta a’ dèanamh rannsachadh air Mion-chànanan. Is e an t-amas “beachdachadh air na prìomh nithean a tha a’ dearbhadh am bi mion-chànan a’ soirbheachadh, dè na slatan-tomhais a bu chòir a bhith ann airson inbhe oifigeil a dhearbhadh, agus a bheil leasanan ri ionnsachadh bho dhùthchannan eile far a bheil fileantas cumanta ann am barrachd air aon chànan.”


Ullachaidhean a’ Bhile

Rinn manifesto an SNP ann an 2021 grunn gheallaidhean a thaobh na Gàidhlig agus na Scots.  Nam measg bha—

  • toirt taic do bharrachd Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig

  • cumail taic ri e-Sgoil, Stòrlann agus Sabhal Mòr Ostaig

  • coimhead air “Gàidhealtachd cànain a chruthachadh gus ìrean comas cànain àrdachadh agus solar barrachd sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ leudachadh chothroman gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus ann an suidheachaidhean foirmeil.”

  • ath-sgrùdadh gnìomhan agus structaran Bhòrd na Gàidhlig

  • toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr a’ gabhail a-steach gach cuid Scots agus Gàidhlig.

Rinn an Riaghaltas co-chomhairle air Gàidhlig, Scots agus Bile nan Cànan Albannach ann an 2022.  Chaidh a’ cho-chomhairle a dhreachdadh ann am briathran farsaing agus cha robh molaidhean reachdail sònraichte ann.  Chaidh am Bile làithreach a chruthachadh às dèidh na co-chomhairle sin.

Tha am Bile ann an dà phàirt shusbainteach a’ dèiligeadh ri ullachaidhean co-cheangailte ri Gàidhlig agus Scots.  Anns an dà phàirt sin tha Caibideilean a’ buntainn ri taic do na cànanan agus foghlam.

Tha am Meòrachan Poileasaidh a tha an cois a’ Bhile ag ràdh—

’S e ceann-uidhe a’ Bhile seo a thaobh phoileasaidhean barrachd taice a chur ri cànanan dùthchasach na h-Alba, a’ Ghàidhlig agus Albais... Neartaichidh am Bile an taic a th’ ann airson a bhith a’ cur na Gàidhlig agus na h-Albais air adhart tro bhith a’ stèidheachadh diofar cheumannan a bheir buaidh air grunn roinnean ann am beatha phoblach na h-Alba.

(PM Para 4-5)

Thug am Meòrachan Poileasaidh barrachd fiosrachaidh mu ullachaidhean a’ Bhile agus na h-adhbharan a bhathas an dùil a bhiodh aca.  Bidh am pàipear seo a’ toirt seachad mìneachadh agus beachdachadh goirid air prìomh ullachaidhean a’ Bhile, seach a bhith a’ feuchainn ris a’ Mheòrachan Poileasaidh ath-riochdachadh.


Taic don Ghàidhlig

Tha Pàirt 1, Caibideil 1 den Bhile a’ cuimseachadh air taic don Ghàidhlig.


Inbhe Oifigeil

’S e adhbhar na ciad earrainn innse gu bheil inbhe oifigeil aig a’ Ghàidhlig ann an Alba.  Tha am Bile ag ràdh gu bheil seo ga thoirt gu buil le:

  • ullachaidhean ann an Achd 2005 (mar a chaidh atharrachadh leis a’ Bhile seo) a thaobh gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba agus feadhainn eile a dh’ionnsaigh a bhith ag adhartachadh, a’ cuideachadh agus a’ toirt taic don chànan; agus

  • ullachaidhean co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig. 

A thaobh an ullachaidh seo, tha am Meòrachan Ionmhais ag ràdh—

Tha an aithris luachmhor airson cliù agus spèis a’ chànain agus an luach agus cudrom a tha ga chur air a’ chànan. Ach, chan èirich cosgaisean ionmhais sam bith dìreach mar thoradh air an aithris seo a bhith air a dèanamh.

FM Para 20

Ro-innleachd Nàiseanta agus Planaichean Gàidhlig

Is e prìomh atharrachadh air an t-suidheachadh poileasaidh Gàidhlig a tha Earrann 5 den Bhile a’ moladh nach bi am Bòrd a’ deasachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig tuilleadh, ach gun cruthaich an Riaghaltas Ro-innleachd Nàiseanta Gàidhlig.  Tha am Meòrachan Ionmhais a’ nochdadh gun tèid a’ chiad Ro-innleachd Nàiseanta Ghàidhlig fhoillseachadh mu 2028, aig deireadh na h-ùine a tha am Plana Nàiseanta làithreach a’ còmhdach.

Tha am Meòrachan Poileasaidh ag ràdh—

Gus adhartas a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig tha e deatamach gum bi seata phrìomhachasan aontaichte ann airson a’ chànain agus gun tèid inbhe nas àirde a thoirt do ro-innleachd Ghàidhlig leis gum bi e a’ tighinn gu dìreach bho Mhinistearan.

PM Para 19

Fon Bile feumaidh an dà chuid Ministearan na h-Alba agus buidhnean poblach aire a thoirt don Ro-innleachd Nàiseanta nuair a tha iad a’ coileanadh an gnìomhan.  Feumaidh ùghdarrasan poblach aire a thoirt don Ro-innleachd Nàiseanta nuair a thathar a’ leasachadh am Planaichean Gàidhlig – an-dràsta feumaidh iad aire a thoirt do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig. 

Tha ullachadh ann an Earrann 6 den Bhile gum faod Ministearan riaghailtean a dhèanamh a tha a’ suidheachadh bun-inbhean do bhuidhnean poblach. Tha am Meòrachan Ionmhais ag ràdh gun tèid na cumhachdan seo a chleachdadh an toiseach gus “susbaint agus riatanasan a tha air nochdadh ann an stiùireadh reachdail agus planaichean Gàidhlig a ghluasad gu bhith nan riaghailtean.” (FM para 42)

Tha ullachadh ann an Earrann 7 airson dleastanas coitcheann a bhith air ùghdarrasan poblach “a bhith mothachail gu bheil e ion-mhiannaichte” taic a thoirt don Ghàidhlig agus do chultar na Gàidhlig.

Tha ullachadh sa bhile gum faod Ministearan stiùireadh a lìbhrigeadh mun dleastanas choitcheann seo no mu bhith a’ dèanamh phlanaichean.  Faodaidh Ministearan cuideachd stiùireadh a thoirt do bhuidhnean poblach sònraichte mu na Planaichean Gàidhlig aca no an dleastanas coitcheann a bhith a’ beachdachadh air taic a thoirt don Ghàidhlig.

Dh'fhaodte gum bi an gluasad bhon Bhòrd a' deasachadh Phlanaichean Nàiseanta Gàidhlig chun an Riaghaltais a’ cruthachadh Ro-innleachd Nàiseanta, a’ ciallachadh cunntachalachd nas soilleire do bhuilean airson a’ chànain. Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ co-dhùnadh bhuidseatan agus a chionn ’s gur ann le luchd-rèiteachaidh a’ bhuidseit a bhios an ro-innleachd ma dh’fhaodte gum bi barrachd co-leanailteachd poileasaidh ann.    Cuideachd, tha na cumhachdan anns a’ Bhile a’ toirt barrachd innealan don Riaghaltas gus dèanamh cinnteach gu bheil ùghdarrasan poblach a’ cuimseachadh air taic don Ghàidhlig.


Obair Bhòrd na Gàidhlig

Dh'atharraicheadh am Bile obair a' Bhùird.

Mar a chaidh a ràdh roimhe, chuireadh am Bile às don uallach airson an sgrìobhainn ro-innleachdail nàiseanta ullachadh.  Ghluaiseadh e cuideachd an dleastanas airson stiùireadh reachdail air foghlam Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh bhon Bhòrd gu Ministearan na h-Alba.

Chruthaicheadh am Bile dleastanasan a bharrachd airson a’ Bhùird cuideachd.  Tha iad seo a’ gabhail a‑steach:

  • aithris air adhartas a dh'ionnsaigh amasan na Ro-innleachd Nàiseanta

  • aithris air gèilleadh ri bun-inbhean sam bith a shuidhich Ministearan agus a chaidh aontachadh leis a’ Phàrlamaid

  • aithris air mar a tha buidhnean poblach a’ coileanadh an dleastanais choitchinn gus “a bhith mothachail gu bheil e ion-mhiannaichte” taic a thoirt don Ghàidhlig agus do chultar na Gàidhlig.

Bhiodh e mar dhleastanas air a’ Bhòrd comhairle no cuideachadh a thoirt do bhuidhnean poblach, no “neach sam bith”, air cùisean co-cheangailte ris a’ chànan, foghlam Gàidhlig, no cultar na Gàidhlig.  Cumaidh am Bòrd na cumhachdan aige gus iarraidh air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig a chruthachadh.

Air 13 Dùbhlachd 2019, dh’fhoillsich Sgrùdadh Alba aithisg fo Earrann 22 de dh’Achd an Ionmhais Phoblaich agus Cunntachalachd (Alba) 2000 air coileanadh a’ Bhùird. Chomharraich an aithisg Earrann 22 grunn raointean airson leasachadh, gu sònraichte co-cheangailte ri riaghladh agus follaiseachd.Ann an 2021, dh’aithris Sgrùdadh Alba gun robh am Bòrd air “dèiligeadh ri laigsean na cheannas agus na riaghladh”.  Tha am Bile a’ feuchainn ri ullachadh airson barrachd cunntachalachd a’ Bhùird do Mhinistearan agus don Phàrlamaid tro dhleastanas ùr plana corporra ullachadh.

Fhuair co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba ann an 2022 gun robh beachdan measgaichte ann mun Bhòrd agus na gnìomhan aige.  Thuirt geàrr-chunntas nam freagairtean—

Bha measgachadh de bheachdan ann air dleastanasan, obair, agus structair Bhòrd na Gàidhlig. Bha cuid a luchd-freagairt a’ moladh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air barrachd maoineachaidh airson na dleastanasan aca a choileanadh. Thuirt cuid a dhaoine gum feumar structair na buidhne atharrachadh. Thuirt feadhainn gun robh e deatamach gun dèanar barrachd cochonaltraidh ri coimhearsnachdan gus na dòighean as fheàrr a chomharrachadh airson Gàidhlig a chur air adhart. Mu dheireadh, bha cuid a luchd-freagairt ann nach robh riaraichte le obair Bhòrd na Gàidhlig andràsta agus mhol iad gum bu chòir cur às dhan bhuidhinn.


Sgìrean cànain cudromach

B’ e aon de na beachdan a chaidh a sgrùdadh ann an co-chomhairle an Riaghaltais ann an 2022 Gàidhealtachd a chruthachadh.  Anns a’ cho-theacsa seo, bhiodh seo na raon aithnichte far a bheil barrachd taic don Ghàidhlig. Thuirt manifesto an SNP gum faodadh Gàidhealtachd aithnichte a bhith air a chleachdadh airson “gus ìrean comas cànain àrdachadh agus solar barrachd sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ leudachadh chothroman gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus ann an suidheachaidhean foirmeil.” 

Thug sgrìobhainn co-chomhairle 2022 an Riaghaltaisfa-near gum faodadh am moladh seo a bhith ag adhbharachadh frionas.  Thuirt e—

Measaidh cuid an teirm Gàidhealtachd mar àite sònraichte a thèid a mhìneachadh gu cruinn-eòlasach. Chitheadh iad amas a’ gheallaidh seo a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an sgìrean far a bheil i ga bruidhinn le àireamh mhòr sa cheud den t-sluagh. Air cùlaibh seo tha am beachd gu bheil àiteachean sònraichte ann far a bheil ìomhaigh nas àirde aig a’ Ghàidhlig agus gum bu chòir iomairtean taice cànain sònraichte tachairt anns na h-àiteachean seo.

Aig an aon àm bha àireamh de bhuidhnean ùidhe den bheachd nach biodh lìbhrigeadh a’ gheallaidh seo na chùis shìmplidh. Nochd ceistean mu ciamar a shuidheadh an gealladh seo leis a’ bhun-smuain gum bu chòir Gàidhlig a bhith do dh’Alba gu lèir is na cànan nàiseanta. Bha seo ceangailte ri draghan mu thaic leantainneach do Ghàidhlig ann an àiteachean eile, leithid Glaschu no Dùn Èideann, a dh’fhaodadh mìneachadh mar a bhith neo-Ghàidhealtachd. Bha molaidhean ann gum b; urrainn an dòigh-obrach seo a bhith dualtach sgaraidhean adhbharachadh, gum b’ urrainn dha a bhith doirbh son riarachadh grantaichean is nan deigheadh loidhne a chur air mapa gum biodh e doirbh aonta a ruighinn air slatan-tomhais a’ cho-dhùnaidh.

Nochd anailis air freagairtean na co-chomhairle am measgachadh de bheachdan mun mholadh seo agus tha am Bile air dòigh-obrach eadar-dhealaichte a ghabhail. An àite Gàidhealtachd a tha air a mhìneachadh gu nàiseanta, tha am Bile a’ toirt cumhachd do dh’ùghdarrasan ionadail pàirt den sgìre aca no an sgìre gu lèir ainmeachadh mar “sgìrean cudromach a thaobh cànan”.  Tha an sònrachadh seo an urra ri co-chomhairle agus aonta bho Mhinistearan. Thuirt am Meòrachan Poileasaidh gun dèanadh an dòigh-obrach seo cinnteach gum biodh taic don Ghàidhlig ri fhaighinn air feadh na h-Alba agus a’ gabhail a-steach “cothrom air taic cho-rèireach a thoirt seachad, a rèir suidheachadh a’ chànain ann an diofar sgìrean.” (para 35)

Tha am Bile a’ moladh gum faodadh sgìrean a tha a’ coileanadh aon de na slatan-tomhais a leanas a bhith air an comharrachadh mar sgìrean cudromach a thaobh cànan:

  • tha “sgilean Gàidhlig” aig co-dhiù 20% de shluagh na sgìre

  • tha an sgìre

    • “gu h-eachdraidheil ceangailte ri cleachdadh na Gàidhlig”

    • le solar FtG ann, no

    • “gnìomhan brìoghmhor eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig no a cultar a’ dol air adhart san sgìre”.

Dh’fhaodte argamaid a dhèanamh gun biodh cuibhreann fìor mhòr de dh’Alba a’ coileanadh tè de na riatanasan sin.

Aig an ìre seo, chan eil e soilleir dè bhiodh sònrachadh a’ ciallachadh do ùghdarras ionadail, no ùghdarrasan poblach eile, a thaobh dhleastanasan no goireasan a bharrachd.  Thuirt am Meòrachan Poileasaidh gu bheil “le bhith a ‘ stèidheachadh sgìrean cànain sònraichte, bidh frèam coimhearsnachd ann tron gabh planadh cànain airson na Gàidhlig a chur an sàs.” (PM para 49).  Tha am Meòrachan Ionmhais a’ comharrachadh cosgaisean a’ phròiseas ainmeachaidh ach chan eil e a’ comharrachadh chosgaisean a bharrachd gus an taic don Ghàidhlig a leasachadh sna sgìrean sin.


Foghlam Gàidhlig

Tha am Bile a’ dèanamh grunn atharrachaidhean air solar foghlam Gàidhlig. Nam measg tha—

  • leudachadh còraichean phàrantan gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a shireadh ann an Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne

  • gabhail a-steach foghlam Gàidhlig na phàirt den mhìneachadh reachdail air foghlam sgoile air feadh na h-Alba.

Bhiodh dleastanas anns a Bhile do Mhinistearan a bhith “a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic” do dh’fhoghlam Gàidhlig.  Bheireadh e cuideachd raon chumhachdan do Mhinistearan gus bun-inbhean a shuidheachadh agus stiùireadh a thoirt seachad air foghlam Gàidhlig.

Còmhla, tha ullachaidhean a’ Bhile a’ feuchainn ri fòcas ùghdarrasan ionadail a mheudachadh air solarachadh foghlam Gàidhlig agus a’ toirt barrachd innealan do Riaghaltas na h-Alba airson cumadh no stiùireadh a thoirt air solar foghlam Gàidhlig air feadh na h-Alba no ann an sgìrean fa leth.


Cothrom air agus measadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Leudaicheadh am Bile am pròiseas airson pàrantan/luchd-cùraim a bhith ag iarraidh measadh air an fheum air foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig bhon ùghdarras ionadail aca.  Tha am pròiseas seo air a mhìneachadh ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus tha am Bile a’ dèanamh grunn atharrachaidhean air an Achd sin a leudaicheas am pròiseas gu bhith a’ gabhail a-steach Tràth-ionnsachadh agus Cùram-cloinne tro Mheadhan na Gàidhlig.

Thug Earrann 14 de dh’Achd 2016 cumhachd do Mhinistearan an t-amas seo a choileanadh tro riaghailtean.  Chan eil e soilleir carson nach do roghnaich an Riaghaltas an cumhachd a th’ ann an-dràsta ann an Achd 2016 a chleachdadh.  Dhèanadh am Bile ais-ghairm air Earrann 14 de dh’Achd 2016.


Atharrachadh air a’ mhìneachadh air foghlam sgoile

Is e tiotal Earrainn 15 den Bhile “Tha an dleastanas coitcheann gus foghlam a thoirt seachad a’ gabhail a-steach foghlam Gàidhlig”.  Atharraichidh an earrann seo Earrann 1 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 – gu sònraichte an fho-earrann a tha a’ mìneachadh “foghlam sgoile” san Achd sin. 

Tha am mìneachadh reachdail air foghlam sgoile gu math farsaing sa chumantas.  Uile gu lèir chan eil an reachdas a’ sònrachadh chuspairean no dòigh teagaisg. Tha dà eisgeachd ann – aon dhiubh “teagasg na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn” ('s e Teagasg/Cumail Creideimh am fear eile).  Chan eil teagasg Saidheans, Matamataig, Litearrachd msaa air a mhìneachadh gu soilleir ann an reachdas.  Tha teagasg na Gàidhlig, an dara cuid FLI no FtG, taobh a-muigh “sgìrean Gàidhlig” an-dràsta na rud a dh’fhaodas ùghdarras foghlaim sam bith a thoirt a-steach mar phàirt de dh’fhoghlam sgoile na sgìre aca. 

Tha Earrann 1(1) de dh’Achd 1980 ag ràdh—

…bidh e na dhleastanas air a h-uile ùghdarras foghlaim dèanamh cinnteach gu bheil ullachadh iomchaidh agus èifeachdach ann airson foghlam sgoile agus foghlam adhartach san sgìre aca.

Tha mòran de theacsa Earrainn 1 a’ dèanamh mìneachadh nas mionaidiche air an dleastanas seo, mar eisimpleir, nach e foghlam adhartach a' ciallachadh foghlam a dh’fhaodadh colaiste a lìbhrigeadh gu h-àbhaisteach le teisteanas aig an deireadh.  Tha am Bile airson earrann 1(5) atharrachadh.  Tha an fho-earrann seo a’ mìneachadh foghlam sgoile agus foghlam adhartach ann an Achd 1980; tha reachdas eile a’ toirt iomradh air mìneachaidhean ann an Achd 1980. Tha earrann 1(5) an-dràsta ag ràdh—

Anns an Achd seo—

(a) tha “foghlam sgoile” a’ ciallachadh foghlam leantaileach a tha iomchaidh a rèir riatanasan sgoilearan, a thaobh aois, comas agus liut nan sgoilearan sin, agus a’ toirt a-steach—

(i) tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne;

(ii) solar airson feumalachdan foghlaim sònraichte;

(iii) teagasg na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn;

(b) tha foghlam adhartach a’ toirt a-steach—

(i)…

(ii) cùrsaichean pàirt-ùine agus làn-ùine saor-thoileach do dhaoine nas sine na aois sgoile;

(iii) gnìomhan sòisealta, cultarail agus cur-seachad agus foghlam corporra agus trèanadh, an dàrna cuid mar ghnìomhan eagraichte saor-thoileach a tha air an dealbhadh gus leasachadh foghlam dhaoine a tha a’ gabhail pàirt annta a bhrosnachadh no mar phàirt de chùrsa teagaisg.

(iv) teagasg na Gàidhlig ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn

Gu tric bidh na dleastanasan air ùghdarrasan ionadail ann an lagh foghlaim na h-Alba air an sgrìobhadh ann an dòigh fharsaing agus fosgailte do mhìneachadh. Ann am fear de na prìomh leabhraichean teacsa air Lagh an Fhoghlaim ann an Alba, tha Janys Scott KC a’ meòrachadh air an fho-earrainn seo, ag ràdh “mar phàirt de ‘dh’fhoghlam sgoile’, bu chòir do ùghdarrasan Gàidhlig a sholarachadh ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn.” (Scott 20031)..  Bhiodh am Bile ag atharrachadh earrann 1(5)(a)(iii) gus “Foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig” a ràdh; dh’atharraicheadh e Earrann 1(5)(b)(iv) gus “a’ Ghàidhlig” a ràdh.

Tha na Nòtaichean Mìneachaidh a tha an cois a’ Bhile ag ràdh—

Tha earrann 15 den Bhile ag atharrachadh Achd 1980 gus am bi e soilleir gu bheil solar foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tighinn fon mhìneachadh air foghlam sgoile, agus mar sin gum faodadh dleastanas ùghdarras foghlaim a thaobh foghlam sgoile iomchaidh is èifeachdach a lìbhrigeadh san sgìre aca a bhith a' gabhail a-steach foghlam Gàidhlig luchd-ionnsachaidh agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ann (a’ cur a-steach mìneachaidhean air na teirmean sin ann an Achd 1980 gus a bhith co-chòrdail ri Achd 2016). Chan eil seo tuilleadh a’ buntainn a-mhàin ri sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn (rud nach deach a mhìneachadh ann an Achd 1980, a dh’fhaodadh mì-chinnt adhbharachadh). Chan eil teagasg na Gàidhlig mar phàirt de dhleastanas ùghdarras foghlaim a thaobh foghlam adhartach a sholarachadh a’ buntainn tuilleadh dìreach ri sgìrean far a bheil Gàidhlig.

EN Para 54

Tha am Meòrachan Poileasaidh cuideachd a’ mìneachadh—

San earrainn seo, thathar ag aithneachadh gu bheil atharraichean nach beag air tighinn air far a bheil coimhearsnachdan luchd-labhairt na Gàidhlig suidhichte ann an Alba bho chaidh Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 a thoirt a-steach. Tha sluagh na Gàidhlig a-nis air a roinn, cha mhòr gu ìre cho-ionainn, eadar sgìrean Gàidhlig traidiseanta ann an sgìrean Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus na coimhearsnachdan Gàidhlig taobh a-staigh sgìrean Comhairle Baile Ghlaschu agus Comhairle Baile Dhùn Èideann agus ùghdarrasan ionadail eile. ’S ann sna sgìrean mu dheireadh sin a chithear cuid de leudachaidhean as motha a thaobh a’ chànain agus tha e deatamach ma tha an cànan a’ dol a mhaireachdainn gum bi cothroman air gach seòrsa foghlaim Ghàidhlig sna sgìrean sin. Tha an cumha seo a’ cur taic ris an amas gum bithear a’ beachdachadh air a’ Ghàidhlig ann an taghadh nas fharsainge de sgìrean.

PM Para 68

Ged a tha iarrtasan air a bhith ann airson còir air FtG, chan e rùn ainmichte an Riaghaltais gum feum foghlam sgoile a bhith a’ toirt a-steach foghlam Gàidhlig airson gach ùghdarras foghlaim. Tha an dà chuid na Notaichean Mìneachaidh agus am Meòrachan Poileasaidh ag innse gum faodadh an dleastanas mar a chaidh atharrachadh “a bhith a’ toirt a-steach” teagasg na Gàidhlig. Ach, chan eil am Bile a’ cur a-steach am facal “faodaidh” co-cheangailte ri teagasg na Gàidhlig. 

Nam b’ e rùn an Riaghaltais a ràdh "gum faodadh foghlam sgoile a bhith a’ gabhail a-steach”, seach “gum bitheadh foghlam sgoile a’ gabhail a-steach”, teagasg na Gàidhlig, dh’fhaodadh dreachdadh a’ Bhile a bhith nas fhaisge air briathrachas nan sgrìobhainnean a tha na chois. 

Tha ullachadh sa Bile gum feum a h-uile ùghdarras ionadail a bhith “a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic" do fhoghlam Gàidhlig ann am foghlam sgoile agus foghlam inbheach air a sholarachadh le ùghdarrasan ionadail.  Tha seo a’ cruthachadh dleastanas nas fharsainge air ùghdarrasan ionadail na tha ann an-dràsta. Tha ullachadh ann an Earrann 15 de dh’Achd 2016 gum feum ùghdarrasan ionadail “an cothrom a dh’fhaodadh a bhith ann” airson foghlam Gàidhlig a bhrosnachadh. Feumaidh na h-ùghdarrasan sin a tha a’ toirt seachad foghlam Gàidhlig “cho fad ’s a tha e comasach, adhartachadh agus taic" a thoirt don t-solar sin.

Tha am Bile ag ullachadh gum feum ùghdarrasan ionadail sgìrean-sgoile a stèidheachadh airson sgoiltean a tha fon stiùireadh aca a tha a’ toirt seachad FtG.  Faodaidh na sgìrean-sgoile sin a bhith eadar-dhealaichte agus a’ dol thairis air na sgìrean-sgoile airson sgoiltean tro mheadhan na Beurla.  Tha an t-ullachadh seo a’ nochdadh stiùireadh reachdail làithreach.


Dleastanasan agus cumhachdan Mhinistearan

Tha Earrann 11 a’ cur dleastanas ùr air Ministearan na h-Alba a bhith “a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic” do dh’fhoghlam Gàidhlig ann am foghlam sgoile agus foghlam inbheach air a sholarachadh le ùghdarrasan ionadail.

Fo Earrann 12, bhiodh ullachadh ann gum faodadh Ministearan riaghailtean a dhèanamh gus “na bun-inbhean agus na riatanasan a shònrachadh” airson ùghdarrasan ionadail a tha a’ toirt seachad foghlam Gàidhlig.  Dh'fhaodadh na riaghailtean sin bun-inbhean a shuidheachadh a bhiodh a’ buntainn gu h-eadar-dhealaichte ri diofar sgìrean.  Thuirt am Meòrachan Poileasaidh—

Ged a rinneadh adhartas math le foghlam Gàidhlig thuige seo, le bhith a’ stèidheachadh bhun-inbhean, thèid dèiligeadh ri grunn chùisean a tha air am faicinn mar chnapan-starra do dh’adhartas le foghlam tron Ghàidhlig agus nì iad soilleir do phàrantan dè bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh nuair a thòisicheas neach òg ann am foghlam tron Ghàidhlig. San fharsaingeachd, tha na leanas am measg nan cùisean a bhiodh air am meas mar chùisean ris am feumar dèiligeadh ann am FtG/FLI. Cothroman air FtG agus ùghdarrasan ionadail a’ cur FtG air adhart; FtG mar dhòigh-oideachaidh 3-18 agus leantalachd ann am FtG; an roghainn de chuspairean ann am FtG; na nithear a thaobh a' churraicealaim is mheasaidhean; a’ trusadh is a’ gleidheadh thidsearan FtG, agus greisean-obrach is ionnsachadh proifeiseanta dhaibh; taic is goireasan do thidsearan is sgoilearan; 0-3, solar nan tràth-bhliadhnaichean is togail a’ chànain; meud nan clasaichean; luchd-taice cànain; bogadh is fileantachd; a’ gabhail ealla ri FtG nuair a thathar a’ stèidheachadh amasan nàiseanta; FtG mar phàirt de phlanadh is aithrisean nan sgoiltean far a bheil FtG ga thoirt seachad; foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre; agus a’ stèidheachadh dhòighean san urrainn do bhuidhnean nàiseanta a bhith obair nas fheàrr còmhla gus taic a thoirt do FtG is FLI. Tha cuid dhiubh seo san Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig agus cuideachd thèid dèiligeadh riutha tro Bhun-inbhean agus an Ro-innleachd.

PM Para 62

Tha am Bile cuideachd a’ toirt cumhachd do Mhinistearan stiùireadh a thoirt seachad mu fhoghlam Gàidhlig gu ùghdarrasan poblach agus stiùireadh a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail fa leth a thaobh an t-solar foghlam Gàidhlig aca.

Tha ullachadh ann an Earrann 2 de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980 gum faod Ministearan riaghailtean a dhèanamh “ag òrdachadh nam bun-inbhean agus do gach ùghdarras ionadail a thaobh riatanasan ris am bi gach ùghdarras foghlaim a’ cumail” ann an solar foghlam sgoile.  Tha na Notaichean Mìneachaidh ag argamaid gu bheil feum air cumhachdan sònraichte a thaobh foghlam Gàidhlig gus eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar sgìrean.


Taic don Scots

Tha structar Pàirt 2 den Bhile coltach ri Pàirt 1. 

Fo Chaibideil 1 den Bhile, tha am Bile a’ cur an cèill gu bheil “inbhe oifigeil aig Scots ann an Alba”.  Thèid seo a thoirt gu buil “tro chumhaichean a’ Bhile a tha a’ fàgail uallaichean air Ministearan na h-Alba agus daoine eile a thaobh a bhith ag adhartachadh, a’ toirt taic do agus a’ dèanamh comasach cleachdadh na Scots.”  Tha am Bile a’ mìneachadh Scots mar “an cànan Scots mar a thathar ga cleachdadh ann an Alba”. A thaobh a bhith ag innse gu bheil inbhe oifigeil aig Scots, tha am Meòrachan Ionmhais ag ràdh—

Tha an aithris luachmhor airson cliù agus spèis a’ chànain agus an luach agus cudrom a tha ga chur air a’ chànan. Ach, chan èirich cosgaisean ionmhais sam bith dìreach mar thoradh air an aithris seo a bhith air a dèanamh

FM Para 103

Tha ullachadh sa Bhile gum feum Ministearan ro-innleachd Scots ullachadh.  Feumaidh ministearan agus ùghdarrasan poblach Albannach “aire” a thoirt don ro-innleachd ann an coileanadh an gnìomhan. Faodaidh ministearan stiùireadh a thoirt seachad cuideachd.  A-rithist, feumaidh ùghdarrasan poblach na h-Alba “aire” a thoirt don stiùireadh seo. 

Bheir ministearan aithris air adhartas na ro-innleachd.  Seo diofar eadar ro-innleachd na Scots agus na Gàidhlig a thathar a’ moladh sa Bhile.  Thèid aithris air adhartas san ro-innleachd Ghàidhlig le Bòrd na Gàidhlig seach an Riaghaltas. 

Thug am Meòrachan Poileasaidh fa-near gun robh an Riaghaltas air beachdachadh air buidheann phoblach airson Scots a stèidheachadh ach gun robh iad air co-dhùnadh gun sin a dhèanamh.  Thuirt e—

Tha grunn bhuidhnean beaga Albais ag obair le taic bho Riaghaltas na h-Alba. Tha deagh eòlas aig na buidhnean sin air foghlam agus tha ceanglaichean matha aca ri coimhearsnachdan agus mar sin bidh iad glè chomasach air taic a chumail ri cumhaichean a’ Bhile airson foghlam Albais agus cuideachadh le bhith gan toirt gu buil. Cuideachd, tha ceanglaichean matha aig na buidhnean Albais ri ùghdarrasan poblach na h-Alba a thaobh taic do dh’fhoghlam Albais.

PM Para 100

Foghlam Scots

Tha am Bile a’ mìneachadh foghlam Scots mar “fhoghlam anns a bheil teagasg agus ionnsachadh ann an cleachdadh agus tuigse na Scots”.

Coltach ris a’ chaibideil air foghlam Gàidhlig, tha ullachadh sa Bhile gu bheil dleastanas air Ministearan agus ùghdarrasan ionadail a bhith “a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ toirt taic” do dh’fhoghlam Scots. Bidh cumhachd aig ministearan cuideachd, tro riaghailtean, inbhean agus riatanasan a shònrachadh a thaobh foghlam cànain Scots.  Dh'fhaodadh na riaghailtean sin buntainn gu h-eadar-dhealaichte ri diofar raointean.  Tha ullachadh sa Bhile gum faod Ministearan cuideachd stiùireadh a thoirt seachad mu fhoghlam Scots.

Tha ullachadh anns a’ Bhile airson dleastanas a bhith air Ministearan dèanamh cinnteach gu bheilear ag aithris air an “adhartas a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam Scots ann an sgoiltean”.


Ionmhas

Tha am Meòrachan Ionmhais (“FM”) a’ mìneachadh nan cosgaisean a bharrachd ris a bheil dùil a thig bhon Bhile.  Tha eadar-dhealachadh cudromach ri dhèanamh an seo – tha an FM a’ mìneachadh nan cosgaisean airson a bhith a’ toirt air adhart na h-ullachaidhean sa Bhile, chan e na cosgaisean airson builean nan gnìomhan sin.  Mar eisimpleir, tha e a’ toirt seachad tuairmsean air na cosgaisean airson ro-innleachdan a chruthachadh, ach chan ann air cosgaisean lìbhrigidh air na ro-innleachdan sin.

Tha an FM ag ràdh—

Is e prìomh bhuaidh ullachaidhean a’ Bhile gnìomhachd eadar-dhealaichte, ath-chleachdadh ghoireasan a thaobh oidhirp agus aire. Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd nach eil ullachaidhean a’ cruthachadh chosgaisean gu tur ùr no riatanas airson caitheamh gu tur ùr.

FM Para 13
Clàr-ama chosgaisean 2024/25 – 2029/30 (£)
2024-252025-262026-272027-282028-292029-30Iomlan
Gàidhlig180,500116,000149,00051,00023,000519,500
Scots175,000175,000
Iomlan355,500116,000149,00051,00023,000694,500

Uile gu lèir, thathas a’ meas gun cosg am Bile timcheall air £700,000 thairis air còig bliadhna.  Tha a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh seo na obair a bharrachd do na seirbheisich phoblach a th’ ann mar-thà.  Bhiodh seo, mar eisimpleir, a’ cur ri ro-innleachdan nàiseanta.

Tha an FM cuideachd a’ toirt sealladh dhuinn air mar a tha an Riaghaltas an dùil gun deigheadh ullachaidhean a’ Bhile a chleachdadh agus a chur an òrdugh thairis air a’ chiad còig bliadhna de dh’obair. Nam measg—

  • thathar an dùil gum bi timcheall air còig ùghdarrasan ionadail a’ feuchainn ri Sgìre Cànan Sònraichte ainmeachadh anns a’ chiad còig bliadhna

  • thathar an dùil gum bi an Ro-innleachd Nàiseanta Gàidhlig a’ còmhdach na h-ùine còig bliadhna bho 2028

  • thèid an Ro-innleachd Nàiseanta airson Scots agus an stiùireadh reachdail a chruthachadh ann an 2025/26

  • thathar an dùil ri riaghailtean a’ suidheachadh bun-ìrean foghlaim airson na Gàidhlig agus Scots timcheall air 2025-26.


Sources

Grenoble, L. (2021). Language Shift. Retrieved from <a href="https://oxfordre.com/linguistics/display/10.1093/acrefore/9780199384655.001.0001/acrefore-9780199384655-e-347" target="_blank">https://oxfordre.com/linguistics/display/10.1093/acrefore/9780199384655.001.0001/acrefore-9780199384655-e-347</a>
Lewis, H., &amp; McLeod, W. (2021). Language Revitalisation and Social Transformation. (n.p.): Palgrave Macmillan.
Hinton, L. (2011). The Cambridge Handbook of Endangered Languages , pp. 291 - 311. (n.p.): Cambridge University Press.
Fishman, J. (1991). Reversing language shift. (n.p.): (n.p.).
Romaine, S. (2007). Preserving Endangered Languages. https://compass.onlinelibrary.wiley.com/doi/full/10.1111/j.1749-818x.2007.00004.x.
Scottish Government. (2024). Personal Communications with SPICe. [No description].
Scott, J. (2003). Education Law in Scotland (Para 6-05). (n.p.): W Green.