Skip to main content
Loading…
Subject: Rural Affairs

Bile nan Eilean (Alba)

Author(s): Ailsa Burn-Murdoch

Chaidh Bile nan Eilean (Alba) a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 9 Ògmhios 2017. Sa phàipear-fiosrachaidh seo gheibhear sealladh farsaing air na h-adhbharan airson a bhith a’ toirt a’ Bhile a-steach agus eachdraidh a’ Bhile, geàrr-chunntas air a’ Bhile fhèin, agus ceanglaichean ri fiosrachadh buntainneach eile.

Geàrr-iomradh

Chuir na trì ùghdarrasan eileanach - Comhairle Arcaibh, Comhairle Shealtainn agus Comhairle nan Eilean Siar - buidheann-obrach bhun-reachdail air chois as t-Earrach 2013, às dèidh do dh’fhios a bhith air fhoillseachadh gun robhar a’ dol a chumail Reifreann air Neo-eisimeileachd do dh’Alba. Mar thoradh air obair na buidhne sin, chaidh an iomairt ‘Ar n-Eileanan ri Teachd’ a thòiseachadh san Ògmhios 2013, agus thug Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA geallaidhean seachad gun toireadh iad taic nas fheàrr agus barrachd cumhachd do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba.

Chaidh Bile nan Eilean (Alba) a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 9 Ògmhios 2017. ’S i Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail is Cheanglaichean a’ phrìomh Chomataidh le uallach gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ Bhile. A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha am Bile:

"a’ toirt a-steach grunn chumhachan a bhios nan cùl-taic don cheann-uidhe aig an Riaghaltas gun dèanar cinnteach gum bi obair leantainneach ga dèanamh air feadh an Riaghaltais agus na roinne poblaiche a tha ag amas air a bhith a’ frithealadh air feuman nan coimhearsnachdan eileanach san latha an-diugh agus san àm ri teachd.”

Riaghaltas na h-Alba, 2017 1

Tha am Bile a’ toirt chumhachan a-steach a tha ag amas air dìon a chur air coimhearsnachdan eileanach na h-Alba agus na coimhearsnachdan sin a neartachadh. Am measg nam prìomh chumhachan is amasan tha -

  1. Plana Nàiseanta nan Eilean a dhealbh, a chuireadh na prìomh chinn-uidhe is an ro-innleachd aig Riaghaltas na h-Alba an cèill airson a bhith a’ toirt piseach air suidheachadh is beatha nan coimhearsnachdan eileanach. An àite a bhith a’ mìneachadh dreach a’ phlana a thathar a’ moladh gu mionaideach, tha am Bile ag ràdh, às dèidh barrachd co-chomhairleachaidh, gun deigheadh ciad Phlana Nàiseanta nan Eilean a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba taobh a-staigh 12 mìos bhon cheann-latha air an deigheadh an Achd a chur an gnìomh.

  2. Thèid dleastanasan a thoirt a-steach, a thèid a chur air Ministearan na h-Alba agus buidhnean poblach buntainneach eile, gus ealla a ghabhail ri coimhearsnachdan eileanach nuair a tha iad a’ coileanadh na h-obrach aca. Fon Bhile, nuair a bhiodh ùghdarrasan poblach a’ stèidheachadh phoileasaidhean, ro-innleachdan no sheirbheisean ùra, no ag ùrachadh feadhainn a bh’ ann mu thràth, bhiodh aca ri measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig sin air coimhearsnachdan eileanach nuair a tha e buailteach gun toir iad buaidh eadar-dhealaichte air coimhearsnachdan eileanach an coimeas ri coimhearsnachdan eile.

  3. Thèid crìochan na sgìre-pàrlamaid Albannaich, Na h-Eileanan an Iar, a ghleidheadh mar a tha i gun atharrachadh.

  4. Faodaidh saoraidhean a bhith ann, airson eileanan air a bheil daoine a’ fuireach, a thaobh na riaghailte airson uàrdan-taghaidh aig ùghdarrasan ionadail far am feum triùir no ceathrar bhall a bhith ann.

  5. Thèid cumhachd a thoirt a-steach far am faod Riaghaltas na h-Alba riaghailtean a stèidheachadh airson sgeama ceadachd a chur air bhonn, às dèidh dhaibh iarrtas fhaighinn bho ùghdarras ionadail, a thaobh obair anns no fon mhuir ann an uisgeachan faisg air a’ chosta timcheall air eileanan agus a tha ga dèanamh taobh a-staigh 12 mìle mara bho na h-eileanan sin.

Ged nach eil am Bile a’ dèiligeadh ri atharraichean bun-reachdail a bheireadh buaidh air na h-eileanan (thoradh bhòt a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir na h-Alba ann an 2014 gun robh iad airson a bhith nam pàirt den RA), tha e a’ togail air cuid de na h-amasan is cuspairean a bha mar phàirt den iomairt ‘Ar n-Eileanan ri Teachd’ agus air na geallaidhean a tha Riaghaltas na h-Alba air a thoirt seachad a thaobh nan eilean bhon uair sin. Chaidh ealla a ghabhail ri amasan eile a chaidh a chur an cèill airson nan eilean roimhe, no tha e buailteach gun tèid ealla a ghabhail riutha, ann an reachdas is poileasaidhean a bhuineas ri buidhnean poblach, Oighreachd a’ Chrùin, ri barrachd cumhachd do choimhearsnachdan agus ri deamocrasaidh ionadail. Ge-tà, chan eil mòran fiosrachaidh mhionaidich ann air dè dh’fhaodadh a bhith mar phàirt de Phlana nan Eilean, agus tha e buailteach gum bi draghan air luchd-ùidhe a thaobh mar nach eil iomradh sònraichte air prìomh chùisean leithid bun-structar agus cothroman air seirbheisean poblach.

Bha tòrr den deasbad air poileasaidhean aig ìre thràth sa chùis agus de na h-iomairtean a bha gan cumail às leth nan eilean ag amas air guth nas làidire a thoirt do choimhearsnachdan eileanach taobh a-staigh an AE. Chan eil cinnt ann fhathast dè a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air eileanan na h-Alba, no ciamar a dhèiligeas Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA ri sin.

Tha am pàipear-fiosrachaidh ag amas air sealladh farsaing a thoirt seachad air na h-adhbharan airson a bhith a’ toirt a’ Bhile a-steach agus eachdraidh a’ Bhile, agus thathar cuideachd a’ toirt sùil air na cuspairean a chaidh a thogail sna h-iomairtean ron Bhile ach nach eil a’ nochdadh sa Bhile fhèin. Ged a tha fiosrachadh ann air gach earrainn den Bhile, rinneadh oidhirp gun a bhith a’ toirt seachad an aon fhiosrachaidh mhionaidich a gheibhear ann am Meòrachan Poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, leithid a’ gheàrr-chunntais a gheibhear ann air freagairtean bhon cho-chomhairleachadh.


Cùl-fhiosrachadh


Eileanan na h-Alba

Aig an àm a chaidh Cunntas Sluaigh 2011 a chumail, bha 93 eileanan ann an Alba air an robh daoine a’ fuireach, le 103,700 neach uile-gu-lèir a’ fuireach annta - 2% de shluagh na h-Alba1. Chan eil ann ach còig de na h-eileanan sin a tha ceangailte ri tìr-mòr na h-Alba le drochaid no cabhsair2. Feumaidh daoine a tha a’ fuireach air na h-eileanan eile a dhol air aiseag no plèana ma tha iad airson siubhal gu tìr-mòr no gu aon de na h-eileanan nas motha, agus airson cuid a sheirbheisean cudromach fhaotainn leithid foghlam àrd-sgoile is àrd-ìre, seirbheisean cùraim is meidigeach.

Tha trì ùghdarrasan eileanach ann an Alba - Comhairle Arcaibh, Comhairle Shealtainn agus Comhairle nan Eilean Siar. Cuideachd, tha Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle Siorrachd Àir a Tuath a’ gabhail a-steach eileanan sna sgìrean aca a bharrachd air pàirt de thìr-mòr na dùthcha.

Figear 1: Eileanan na h-Alba

Cunntas-sluaigh na h-Alba bho 2011

Tha toraidhean Cunntas-sluaigh na h-Alba a’ sealltainn nan dòighean sa bheil coimhearsnachdan eileanach, san fharsaingeachd, eadar-dhealaichte bhon fheadhainn air tìr-mòr1.


Dealbh den t-Sluagh

Chaidh àireamh an t-sluaigh sna h-eileanan an àirde 4 às a’ cheud eadar 2001 is 2011, agus sin a’ cur car san lùghdachadh de 3 às a’ cheud a chaidh a chlàradh eadar 1991 agus 2001 leis a’ Chunntas-sluaigh. Bha sluagh nan eilean nas sine na sluagh na h-Alba gu lèir sa chumantas – b’ e an aois chuibheasach 45 (an coimeas ri 41 ann an Alba). Bha 21% de shluagh nan eilean 65 no nas sine, ach gu nàiseanta bha 17% den t-sluagh an aois sin. Thuit a’ chuid de dhaoine a bha na b’ òige na 16 sna h-eileanan bho 20% ann an 2001 gu 17% ann an 20111.


Slàinte

A rèir na h-aithisge aig Clàran Nàiseanta na h-Alba, Cunntas-sluaigh na h-Alba 2011: Eileanan air a bheil Daoine a’ Fuireach (Clàran Nàiseanta na h-Alba) 2015, agus freagairtean a fhuaras bho dhaoine a bha a’ fuireach sna h-eileanan -

"bha slàinte nan eileanach san fharsaingeachd beagan na b’ fheàrr na slàinte sluagh na h-Alba gu lèir: thuirt 83% de dhaoine a bha a’ fuireach sna h-eileanan gu robh an t-slàinte aca ‘Fìor mhath’ no ‘Math’ an coimeas ri 82% airson Alba. Thuirt beagan na bu lugha na 20% de mhuinntir nan eilean gun robh iad a’ fulang le euslainte no ciorram a bha air maireachdainn, no a mhaireadh, ùine fhada (12 mìos no barrachd) agus a bha a’ cuingealachadh na b’ urrainn dhaibh a dhèanamh bho latha gu latha, bha mun aon chuid de mhuinntir na h-Alba san aon suidheachadh.”

Clàran Nàiseanta na h-Alba, 2015Clàran Nàiseanta na h-Alba. (2015, September 24). Cunntas-sluaigh an h-Alba 2011: Aithisg air Eileanan air a bheil Daoine a’ Fuireach. Retrieved from http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/analytical_reports/Inhabited_islands_report.pdf [accessed 1 September 2017]

Cosnaidhean san Eaconamaidh

Chaidh a’ chuid de mhuinntir nan eilean aois eadar 16 is 74 aig an robh cosnadh suas bho 63% ann an 2001 gu 67% ann an 2011. Bha muinntir nan eilean nas buailtiche a bhith ag obair air an ceann fhèin (13%) no ag obair pàirt-ùine (16%) na sluagh na h-Alba san fharsaingeachd (7% agus 13%). A thaobh muinntir nan eilean aois eadar 16 is 74, bha a’ chuid dhiubh a bha ag obair an lùib ‘Àiteachais, coilltearachd agus iasgaich’ (7%) agus ‘Obair-togail’ (11%) nas motha na a’ chuid de shluagh na h-Alba gu nàiseanta a bha an sàs sna raointean-obrach sin (2% agus 8%). Chaidh a’ chuid de mhuinntir nan eilean a bha ag obair ann an roinn nan ‘Seirbheisean’ an àirde bho 70% ann an 2001 gu 74% ann an 20111.


An t-slighe gu ruige reachdas

Figear 2: Clàr-ùine a’ sealltainn nan diofar cheumannan gu ruige a bhith a’ toirt Bile nan Eilean (Alba) a-steach.

Ar n-Eileanan ri Teachd

Chuir na trì ùghdarrasan eileanach ann an Alba - Comhairle Arcaibh, Comhairle Shealtainn agus Comhairle nan Eilean Siar - buidheann-obrach bhun-reachdail air chois còmhla as t-Earrach 2013, às dèidh do dh’fhios a bhith air fhoillseachadh gun robhar a’ dol a chumail Reifreann air Neo-eisimeileachd do dh’Alba. Chaidh a’ bhuidheann-obrach sin a stèidheachadh gus beachdachadh air mar a dh’fhaodadh atharraichean air a’ bhun-reachd buaidh a thoirt air na h-eileanan nam biodh a leithid a dh’atharraichean ann agus dè na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann an lùib sin1.

Air 17 Ògmhios 2013, thòisich na trì ùghdarrasan iomairt còmhla - Ar n-Eileanan ri Teachd (AERT). Cha robh an iomairt “a’ buntainn ri partaidh poilitigeach sam bith, agus cha robh iad a’ gabhail taobh seach taobh ann an deasbad an Reifreinn, ach bhathar ag iarraidh bruidhinn ri agus co-chonaltradh a dhèanamh le ceannardan poilitigeach agus daoine a bha an sàs ann an co-dhùnaidhean air gach taobh den deasbad air neo-eisimeileachd. Bhathar ag iarraidh dèanamh cinnteach gun toireadh daoine fa-near don t-suidheachadh shònraichte a gheibhte ann an Eileanan na h-Alba agus do na feuman sònraichte a bh’ aca agus gun deigheadh làn-ealla a ghabhail ris na feuma sin”1.

Mar phàirt den rannsachadh aca, choimhead AERT air modalan bun-reachdail airson eileanan eile, agus air diofar chunnraidhean is riaghailtean AE a bha a’ toirt buaidh air na h-eileanan. Tha na stòran fiosrachaidh agus an liosta leughaidh3 a chaidh a chruthachadh mar phàirt den obair aca a’ toirt sealladh farsaing is math air an rannsachadh air an robh amasan na h-iomairt stèidhichte.

Sa Cho-aithris aca air na bha Fa-near dhaibh thuirt na trì ùghdarrasan -

"Gu bheil na Comhairlean Eileanach ag iarraidh co-rèiteachadh a dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba a thaobh chumhachdan a bharrachd do na h-Eileanan leithid:”

  • Smachd air grunnd na mara timcheall air na h-eileanan, feuch an gabh teachd-a-steach a tha Oighreachd a’ Chrùin a’ faighinn an-dràsta a chosg a chum maith nan coimhearsnachdan ionadail.

  • Ceanglaichean ùra ris a’ ghriod nàiseanta air tìr-mòr na h-Alba gus an gabh am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de chumhachd nan tonn, an làin agus na gaoithe a chum maith nan eilean.

  • Modhan fiosgail ùra gus am faigh eileanan barrachd buannachd à goireasan is stòrasan ionadail, leithid cumhachd ath-nuadhachail agus iasgach.

  • Aithne air a thoirt do dh’inbhe nan trì ùghdarrasan eileanach ann an Aonta Bun-reachdail Albannach ùr agus taobh a-staigh Frèam-riaghlaidh na h-Eòrpa.

Ar n-Eileanan ri Teachd, 2013Ar n-Eileanan ri Teachd. (2017). Ath-leasachadh air a’ Bhun-reachd: Stòran Fiosrachaidh is Liosta Leughaidh. Retrieved from http://www.cne-siar.gov.uk/oiof/documents/OIOF-Background.pdf [accessed 1 September 2017]

Foirgheall Lèiruig

Air 25 Iuchar 2013, thuirt Ailig Salmond, a bha na Phrìomh Mhinistear aig an àm, gun deigheadh buidheann-obrach mhinistreil ùr1 a chur air bhonn gus coimhead air mar a ghabhadh barrachd chumhachdan a thoirt do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba. Air a’ bhuidhinn sin bhiodh riochdairean bhon iomairt, Ar n-Eileanan ri Teachd. Mar thoradh air obair na buidhne sin, chaidh an aithisg, A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba2, fhoillseachadh air 16 Ògmhios 2014.


A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba

Tha an ro-shealladh a chithear ann an A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba1 stèidhichte air na thachradh nam biodh Alba na dùthaich neo-eisimeileach agus nan deigheadh cumhachdan a ghluasad a dh’Alba ri linn sin. Tha an aithisg a’ togail air an ro-shealladh airson bun-reachd na h-Alba a chithear ann an Alba san Àm ri Teachd2, agus mar sin thathar a’ cur cuideam air na buannachdan a bhiodh ann do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba nam biodh Alba neo-eisimeileach. Mar eisimpleir, tha an ro-shealladh a’ comharrachadh nam buannachdan a bhiodh ann do na h-ùghdarrasan eileanach nam biodh barrachd smachd aig Alba air cìsean is caiteachas poblach. Cuideachd, thathar ag ràdh gum biodh e cudromach gum biodh na h-eileanan air an riochdachadh gu ìre nas motha san Aonadh Eòrpach nam biodh Alba neo-eisimeileach, agus chuidicheadh sin le bhith a’ cur an aghaidh nan dòighean sa bheilear a’ cur riaghailtean co-cheangailte ri Taic Stàite an sàs.

San ro-shealladh thathar a’ moladh gun tèid Achd nan Eilean a stèidheachadh, sam biodh cumhachan: a bheireadh air buidhnean poblach aire a thoirt do dh’fheuman nan eilean, a chuireadh dìon air crìochan na sgìre-pàrlamaid, Na h-Eileanan an Iar, agus a dhèanadh cinnteach gun deigheadh na cumhachan a gheibhear ann an Achd Comhairle Siorrachd Shealtainn 19743 agus Achd Comhairle Siorrachd Arcaibh 1974 a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach nan Eilean Siar. Bhiodh an Achd cuideachd a’ toirt aithne do dh’inbhe nan coimhearsnachdan eileanach ann am bun-reachd airson Alba neo-eisimeileach.

Chaidh na h-amasan airson Achd nan Eilean a chithear ann an A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba a thoirt a-steach don dreachd de Bhile nan Eilean, às dèidh do cho-chomhairleachadh a bhith ann. ’S e an aon rud nach deach a thoirt a-steach don Achd, cumhachan a’ dèiligeadh ri inbhe bhun-reachdail nan eilean, às dèidh do mar a bhòt muinntir na h-Alba san reifreann ann an 2014.

Cuideachd, bha amasan eile ann nach deach a mholadh airson a bhith mar phàirt de Bhile nan Eilean, nam biodh Bile ann. Tha an ro-shealladh a’ toirt seachad plana airson seirbheisean poblach a tha air an lìbhrigeadh ann an com-pàirt, ach chaidh tòrr de na bhathar a’ moladh a thoirt gu buil mar thoradh air Achd nam Buidhnean Poblach (Co-obrachadh) (Alba) 20144.

Tha an ro-shealladh cuideachd a’ bruidhinn air ath-riarachadh a dhèanamh air teachd-a-steach a bha aig an àm fo ùghdarras Oighreachd a’ Chrùin. Air 1 Giblean 2017, chaidh na cumhachdan co-cheangailte ri bhith a’ riaghladh na thachras do theachd-a-steach Oighreachd a’ Chrùin agus an cuid stòrasan ann an Alba a thoirt bho Riaghaltas na RA agus chaidh am buileachadh air Riaghaltas na h-Alba5. Tràth ann an 2017, chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh poblach air frèam-riaghlaidh a dh’fhaodadh a bhith ann airson Oighreachd a’ Chrùin, agus aig an àm a thathar a’ sgrìobhadh seo thathar fhathast a’ beachdachadh air a’ chùis sin. Ge-tà, tha Riaghaltas na h-Alba “air a chur roimhe mu thràth gun tèid an teachd-a-steach lom a thig bho obair no gnìomhachd a nithear sa mhuir, taobh a-staigh 12 mìle mhara bhon tìr, a thoirt do Chomhairlean eileanach agus Comhairlean a tha a’ gabhail a-steach pàirt den chosta"5.

San ro-shealladh thathar a’ rùnachadh gun tig piseach air maith muinntir nan eilean, agus gun tèid feum a dhèanamh de stòras is feartan àrainneachd nan eilean. Sa Phrògram airson Alba 2016-177 rinn Riaghaltas na h-Alba follaiseach gun robh iad airson taic a thoirt do dheamocrasaidh aig ìre ionadail, nuair a dh’fhoillsich iad an naidheachd gum biodh iad a’ tòiseachadh co-chomhairleachadh “gus fios fhaighinn air dè na h-atharraichean air modhan-taghaidh a bu thoigh le muinntir na h-Alba fhaicinn mar phàirt de reachdas ùr sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann”.

Cuideachd, dhearbh oifigearan bho Riaghaltas na h-Alba gun robh còmhraidhean air a bhith ann eadar na trì ùghdarrasan ionadail eileanach agus Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf BPA, mu dheidhinn nan cothroman a bh’ ann gus fàs a thoirt air eaconamaidh nan eilean agus gus leasachadh a thoirt air deamocrasaidh ionadail8. Mu dheireadh, tha e buailteach gun toir An Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015 buaidh air coimhearsnachdan eileanach, às dèidh dha bhith air a chur an gnìomh.

Tha e reusanta a bhith a’ sùileachadh gun toir reachdas no poileasaidhean sam bith airson deamocrasaidh ionadail taic do chuid de na cinn-uidhe a th’ ann airson eileanan na h-Alba nach eil air an gabhail a-steach ann am Bile nan Eilean.


Frèam-obrach Riaghaltas na RA airson nan Eilean

Air 15 Lùnastal 2014 chaidh aonta airson frèam-obrach eadar Riaghaltas na RA agus na trì ùghdarrasan eileanach ann an Alba fhoillseachadh. B’ e sin a’ chiad fhrèam-obrach den t-seòrsa sin a chunnacas riamh san RA, chaidh Frèam-obrach ar n-Eileanan1 a dhealbh le Riaghaltas na RA mar thoradh air an iomairt aig AERT.

Ged a tha am Frèam-obrach a’ buntainn gu h-àraidh ris na trì ùghdarrasan eileanach, tha an aithisg ag ràdh gun gabhadh an aon seòrsa phrionnsapalan a chur an sàs airson eileanan eile-

Thathar a’ toirt fa-near dha mar a th’ aig tòrr choimhearsnachdan eileanach is dùthchail eile ann an Alba ri dèiligeadh ris an aon seòrsa de dhùbhlain nuair a thig e gu cuid a chùisean. Chan eil am frèam-obrach seo a’ cur bacadh air maith nan coimhearsnachdan sin no a’ dol os an cionn agus, nuair a tha e freagarrach, thèid còmhraidhean com-pàirteach a chumail le sgìrean eile aig a bheil ùidh ann an cùisean ceudna.”

Oifis na h-Alba, 2014Oifis na h-Alba. (2014, August 15). Frèam-obrach ar n-Eileanan. Retrieved from https://www.gov.uk/government/uploads/system/uploads/attachment_data/file/344446/UKG_ISLANDS_FRAMEWORK_-_15_August.pdf [accessed 1 September 2017]

Tha am frèam-obrach a’ stèidheachadh mhodhan-obrach eadar na trì Comhairlean Eileanach agus Riaghaltas na RA a thaobh chùisean a tha na trì Comhairlean air a thogail leis an Riaghaltas, cùisean a tha nam prìomh uallach no nan co-uallach aig Riaghaltas nan RA.

Am measg nam prìomh phuingean san fhrèam-obrach tha-

  • A’ stèidheachadh luachan a tha coitcheann eadar an luchd-aonta agus modhan-conaltraidh nas fheàrr eadar na h-ùghdarrasan eileanach agus Riaghaltas na RA, a’ gabhail a-steach àrd-choinneamhan gach bliadhna eadar ceannardan is Àrd-oifigearan nan trì Comhairlean Eileanach agus Rùnaire na Stàite airson Alba gus bruidhinn air cùisean ro-innleachdail agus air a bhith a’ cur an fhrèam-obrach an sàs.

  • A’ brosnachadh co-obrachadh ann a bhith a’ gabhail ealla ri feuman nan eilean, agus a’ foillseachadh Aithris Bhliadhnail air Prìomhachasan Coitcheann.

  • Tha e na amas taic a thoirt do na roinnean as motha agus as làidire den eaconamaidh sna h-eileanan feuch an tig leudachadh orra.

  • Nithear co-dhùnaidhean aig ìre ro-innleachdail a thaobh nam prìomhachasan airson gnìomhachas na h-ola agus a’ ghas ann an dòigh chom-pàirteach, agus mar phàirt de sin bidh riochdairean bho na h-eileanan air an Fhòram PILOT air a bheil riochdaire bho Riaghaltas na RA nan cathraiche.

  • Tha e na amas a bhith ag obair ann an com-pàirt nuair a thig e gu bhith a’ dèanamh feum de na cothroman a th’ ann a thaobh cumhachd ath-nuadhachail sna h-eileanan. Mar phàirt de sin tha Riaghaltas na RA air a chur roimhe oidhirp a dhèanamh gus cead fhaighinn bhon AE airson taic stàite, a bhiodh a’ ciallachadh gun gabhadh na cosgaisean calpa agus obrachaidh nas àirde ann an roinn a’ chumhachd ath-nuadhachail sna h-eileanan a bhith air an co-roinn tarsainn na RA air fad.

  • Thèid cairt cho-chonaltraidh a dhealbh a nì cinnteach gun tèid ealla a ghabhail ri agus aithne a thoirt do dh’fheuman nan trì ùghdarrasan eileanach a thaobh chùisean co-cheangailte ri Oighreachd a’ Chrùin, agus e na amas gun gabh an uiread as urrainnear den tìr agus den stòras a bhuineas do na cladaichean a chur fo shealbh nan coimhearsnachdan gun ìre as motha a cheadaicheas an lagh.

  • Tha e na amas modhan-ionmhasail a chur gu feum gus dèiligeadh ris na cosgaisean a bharrachd a dh’fheumas eileanaich a phàigheadh airson siubhal is goireasan còmhdhail.

  • Tha e na amas piseach a thoirt air na seirbheisean-puist airson nan eilean.

  • Tha e na amas piseach a thoirt air seirbheisean fòn-làimhe agus banna-leathainn air feadh nan eilean .

  • Thèid ceumannan a ghabhail gus am bi na Comhairlean Eileanach a’ gabhail barrachd pàirt sna co-dhùnaidhean aig an AE.


A’ riochdachadh choimhearsnachdan eileanach - sùil air cùisean san fharsaingeachd

A bharrachd air an iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd, agus na h-aontaidhean a chaidh a chur air dòigh mar thoradh air sin le Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a tha air taic a thoirt don obair gus reachdas a thoirt air adhart, tha grunn bhuidhnean ann a tha a’ riochdachadh choimhearsnachdan eileanach air feadh na h-Eòrpa. Ge-tà, tha coltas gur e beachd caran ùr a th’ ann a bhith a’ stèidheachadh chumhachan ann an reachdas a tha ag iarraidh air daoine ealla a ghabhail ris na feuman a th’ aig eileanan nuair a tha iad a’ dealbh phlanaichean, agus chan eil mòran eisimpleirean ann de sin. Tha rannsachadh a rinn Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ sealltainn gu bheil tòrr den reachdas co-cheangailte ri eileanan ann an dùthchannan eile a’ buntainn mar as trice ri atharraichean mòra air inbhe bhun-reachdail eileanan agus/no cò aig a tha sealbh orra. ’S e an eisimpleir as coltaiche ris an reachdas a thathar a’ moladh airson Alba am prògram a gheibhear airson nan Eileanan Faclanach, tha am Prògram Riaghaltais aca airson 2014-2018 na phlana airson nan eilean1, agus tha cuspairean a’ phlana sin a’ gabhail a-steach nan aon phrìomhachasan a th’ aig Riaghaltas na h-Alba airson nan eilean ann an Alba.


Caidreachas Eileanan Beaga na h-Eòrpa

Chaidh Caidreachas Eileanan Beaga na h-Eòrpa1 (CEBE) a stèidheachadh (mar Lìonra Eileanan Beaga na h-Eòrpa) ann an 2001, agus bha Alba air aon de na sia dùthchannan a bha sa Chaidreachas nuair a chaidh a chur air chois. Tha an caidreachas ag obair aig dà ìre. Aig ìre ionadail, tha e na amas don Chaidreachas ìomhaigh chultarach nan eilean a neartachadh agus cuideachadh le bhith a’ co-roinn fiosrachadh eadar na buill. Aig ìre Eòrpach, tha e na amas don Chaidreachas na h-eileanan beaga a riochdachadh aig ìre an AE agus aire an AE a tharraing gu cùisean eileanach.

Tha Caidreachas Eileanan na h-Alba2, a chaidh a chur air chois ann an 2000, a’ riochdachadh Alba taobh a-staigh Caidreachas Eileanan Beaga na h-Eòrpa. Tha Caidreachas Eileanan na h-Alba na chaidreachas neo-eisimeileach a tha a’ riochdachadh urrasan leasachaidh bho na h-eileanan, Comhairlean nan coimhearsnachdan eileanach agus buidhnean a tha stèidhichte sna h-eileanan a tha ag obair a chum maith nan eilean; agus tha amasan aige coltach ris an fheadhainn aig CEBE a thaobh a bhith a’ toirt guth do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba.


Iomairt nan Eilean Innleachdach

’S e th’ ann an Iomairt nan Eilean Innleachdach1 iomairt a tha air a stiùireadh le ùghdarrasan is coimhearsnachdan eileanach na h-Eòrpa. Tha e na amas dhaibh a dhèanamh follaiseach gu bheil e comasach do na h-eileanan a bhith mar ‘obair-lann’ far an gabh leasachaidhean innleachdach a thoirt air adhart a thaobh teicneòlas, cùisean sòisealta, an àrainneachd, an eaconamaidh agus poilitigs. Tha Lìonra nan Eilean Seasmhach Greugach, DAFNI, aig a bheil 44 ùghdarrasan ionadail is sgìreil eileanach às a’ Ghrèig mar bhuill, a’ co-òrdanachadh Iomairt nan Eilean Innleachdach an-dràsta. A thaobh Alba, tha Comhairle Shealtainn, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Siorrachd Àir a Tuath nam buill den Iomairt an-dràsta.

Tha am beachd tùsail airson fòram com-pàirteach a’ dol air ais gu 1993 mus robh Iomairt nan Eilean Innleachdach ann, agus mus robh eileanan Albannach an sàs ann, nuair a chaidh ISLENET a chur air chois, a’ chiad lìonra de dh’ùghdarrasan eileanach Eòrpach a bha a’ cur air adhart cumhachd seasmhach agus rianachd na h-àrainneachd2.


Atharraichean a bheir buaidh air an reachdas


Neo-eisimeileachd do dh’Alba

Mar a chaidh a ràdh, bha na ciad amasan aig AERT agus A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba co-cheangailte gu dlùth ri amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh neo-eisimeileachd. Bhòt Alba, 55.3% gu 44.7%, an aghaidh neo-eisimeileachd san reifreann a chaidh a chumail air 18 Sultain 20141.

Air 27 Ògmhios 2017 thuirt Nicola Sturgeon, am Prìomh Mhinistear, nach tachradh dad a bharrachd a thaobh phlanaichean airson dàrna reifreann gus a bheil fios nas fheàrr ann air dè tha a’ dol a thachairt le Brexit2. Tha Bile nan Eilean, mar a tha e, ag amas air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eileanach. Ge-tà, ’s dòcha ri linn an t-seasaimh a th’ aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a thaobh neo-eisimeileachd, chan eil na h-amasan a bh’ ann bho thùs a thaobh inbhe bhun-reachdail eileanan na h-Alba air an gabhail a-steach san reachdas a-nis.


Ballrachd san AE

Bha e na amas daingeann don Iomairt AERT agus Caidreachas Eileanan na h-Alba (agus na buidhnean AE co-cheangailte riutha) feuman eileanan na h-Alba a thoirt gu aire dhaoine aig ìre an AE. Tha A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba a’ toirt iomradh gu sònraichte air an amas, gum bi na h-eileanan nas fheàrr air an riochdachadh san AE, agus gum bithear ag iomairt às leth eileanan na h-Alba gus maoineachadh an AE fhaotainn. Seach gun deach an dreachd den Bhile fhoillseachadh às dèidh do dh’Artaigil 50 a bhith air a chur an gnìomh air 29 Màrt 2017, chan eil iomradh ann a-nis, mar a shaoileadh sibh, air na h-amasan sin.

Mar a chaidh a ràdh roimhe, aig àm a’ Chunntas-sluaigh ann 2011 bha 7% de na daoine aig an robh cosnadh ann an eileanan na h-Alba ag obair an lùib àiteachais, coilltearachd agus iasgach (an coimeas ri 2% ann an Alba gu lèir). Seach gu bheil na gnìomhachasan sin a’ tighinn gu mòr fo ùghdarras riaghailtean an AE agus gu bheil iad gu mòr an urra ri maoineachadh bhon AE, tha e reusanta a bhith a’ sùileachadh gun toir Brexit buaidh mhòr air an raon eaconamach seo. Chuir Caidreachas Eileanan na h-Alba na draghan aca an cèill san Fhaoilleach 2017: fios bho Chaidreachas Eileanan na h-Alba, 20171.

Chan eil mòran fiosrachaidh ann an-dràsta air ciamar a tha Riaghaltas na RA a’ dol a dhèiligeadh ri cùisean às dèidh Brexit agus gu h-àraidh a thaobh dè a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air na h-eileanan. Dh’fhaodadh gum bi buaidh sam bith a bheir Brexit air na h-eileanan an crochadh air co-dhiù a thèid no nach tèid aonta eadar-amail a chur air dòigh leis an AE, no air an dàimh a bhios eadar an RA agus an AE san àm ri teachd. Mar thoradh air na molaidhean aig Riaghaltas na RA ann am Bile an Aonaidh Eòrpaich (A’ Tarraing A-mach Às), thèid laghan an AE uile, a’ gabhail a-steach Riaghailtean an AE, nan laghan na RA air an latha a dh’fhàgas an RA an t-Aonadh Eòrpach. Mar thoradh air sin, bidh an reachdas AE buntainneach a tha a’ toirt buaidh air eileanan na h-Alba fhathast a’ buntainn riutha san RA às dèidh Brexit. A thaobh dè thig an àite maoineachadh an AE às dèidh Brexit, chan eil Riaghaltas na RA no Riaghaltas na h-Alba air a ràdh dè thachras fhathast.


Co-chomhairleachadh is a’ Toirt a’ Bhile a-steach

San t-Sultain 2015, às dèidh do Riaghaltas na h-Alba Am Prògram airson Alba (Riaghaltas na h-Alba) 20151 fhoillseachadh, thòisich an Riaghaltas An co-chomhairleachadh aca air cumhachan airson Bile nan Eilean. Bha an co-chomhairleachadh seo gu h-àraidh a’ coimhead air dòighean gus iarraidh air buidhnean poblach ealla a ghabhail ri feuman nan eilean, air molaidhean airson Plana Nàiseanta nan Eilean, air barrachd cumhachd do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba, air mar a ghabhadh dìon a chur air an sgìre-pàrlamaid ‘Na h-Eileanan an Iar’, agus air na h-uàrdan taghaidh airson riaghaltas ionadail.

Thàinig an co-chomhairleachadh gu crìch air 23 Dùbhlachd 2016. Cha bhi am pàipear-fiosrachaidh seo a’ nochdadh fiosrachadh mu cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh mu thràth, ge-tà, gheibhear na freagairtean uile agus geàrr-chunntas neo-eisimeileach a chaidh a dhèanamh orra air an làrach-lìn phoblach seo.

San Lùnastal 2016, chaidh Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean ùr a stèidheachadh gus togail air an obair a rinn Buidheann-obrach Mhinistreil nan Sgìrean Eileanach a chleachd a bhith ann agus air an ro-shealladh ‘A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba’. ’S e Ministear na Còmhdhail agus nan Eilean, Humza Yousaf BPA, a tha sa chathair air a’ Bhuidhinn sin agus am measg nam ball eile a tha air a’ bhuidhinn tha na Ceannardan is Àrd-oifigearan aig Comhairle Shealtainn, Comhairle Arcaibh, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Siorrachd Àir a Tuath.

’S e raon-ùghdarrais na buidhne: a bhith a’ beachdachadh air cùisean a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach aig ìre ro-innleachdail agus a’ dèanamh cinnteach gum bi pàirt nas motha aig na h-ùghdarrasan ionadail iomchaidh ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ dealbh fhuasglaidhean gus frithealadh air feuman nan coimhearsnachdan seo agus airson dèiligeadh ris na dùbhlain shònraichte a tha romhpa.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba, sa Phrògram airson Alba 2016-17 (Riaghaltas na h-Alba) 20162, gun deigheadh Bile nan Eilean a thoirt a-steach sa bhliadhna-pàrlamaid sin-

Bidh am Bile a’ togail air an obair a rinn Buidheann-obrach Mhinistreil nan Sgìrean Eileanach agus an co-chomhairleachadh a bh’ ann an-uiridh. Bidh e a’ gabhail ealla ri feuman sònraichte eileanan na h-Alba agus am measg na bhios sa Bhile bidh-

• cumhachan a nì cinnteach gum bi reachdas is poileasaidhean san àm ri teachd a’ gabhail ealla ri feuman nan eilean

• cumhachan airson Plana Nàiseanta nan Eilean a dhealbh

• dìon reachdail air crìochan na sgìre-pàrlamaid Albannaich, Na h-Eileanan an Iar

• barrachd sùbailteachd ann a thaobh cia mheud comhairliche a bhios a’ riochdachadh choimhearsnachdan eileanach (meud nan uàrdan)

• leudachadh air na cumhachdan aig Comhairlean eileanach”

Riaghaltas na h-Alba, 2016Riaghaltas na h-Alba. (2017, June 27). Co-rèiteachadh mun AE agus na tha an dàn do dh’Alba. Retrieved from https://news.gov.scot/speeches-and-briefings/eu-negotiations-and-scotlands-future [accessed 1 September 2017]

Chaidh Bile nan Eilean (Alba) (Riaghaltas na h-Alba) 20174 a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 9 Ògmhios 2017. ’S i Comataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail is Cheanglaichean a’ phrìomh Chomataidh le uallach gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ Bhile.


Na tha sa Bhile

Seach gun deach am pàipear-fiosrachaidh seo a sgrìobhadh gus geàrr-chunntas a thoirt air eachdraidh an reachdais a thathar a’ moladh agus gus sealladh farsaing a thoirt seachad air an reachdas sin, rinneadh oidhirp gun a bhith a’ toirt seachad an aon fhiosrachaidh mhionaidich a gheibhear ann am Meòrachan PoileasaidhRiaghaltas na h-Alba, leithid a’ gheàrr-chunntais a gheibhear ann air freagairtean bhon cho-chomhairleachadh.

Mar sin, chan eil anns an earrainn a leanas ach geàrr-iomradh air gach pàirt den Bhile, le fios air dè an ceangal a th’ ann eadar na diofar phàirtean agus an obair a rinneadh ron cho-chomhairleachadh nuair a tha sin iomchaidh.

Chan eil iomradh air Pàirt 1 den Bhile san earrainn gu h-ìosal, oir tha am Pàirt sin dìreach a’ toirt seachad nam prìomh mhìneachaidhean a chleachdar sa Bhile.


Pàirt 2 - Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha Pàirt 2 den Bhile a’ fàgail dleastanas air Ministearan na h-Alba gus ‘Plana Nàiseanta nan Eilean’ ullachadh, a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba agus fhoillseachadh. Bhiodh am plana sin a’ stèidheachadh nam prìomh cheann-uidhe agus an ro-innleachd aig Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ toirt piseach air suidheachadh is beatha nan coimhearsnachdan eileanach. ’S aon de na prìomh amasan a bhiodh sa Phlana seo ceangal a dhèanamh eadar na diofar phoileasaidhean, ro-innleachdan is seirbheisean a tha a’ cuideachadh ann a bhith lìbhrigeadh thoraidhean nas fheàrr airson choimhearsnachdan eileanach.

An àite a bhith a’ mìneachadh dreach a’ phlana a thathar a’ moladh gu mionaideach, tha am Bile ag ràdh, às dèidh barrachd co-chomhairleachaidh, gun deigheadh ciad Phlana Nàiseanta nan Eilean a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba taobh a-staigh 12 mìos bhon cheann-latha air an deigheadh an Achd a chur an gnìomh. Ged a tha am Meòrachan Poileasaidh ag ràdh gum biodh am Plana a’ buntainn ri grunn raointean poileasaidh, chan eilear ag ainmeachadh dè na raointean poileasaidh a bhiodh sa Bhile no sna sgrìobhainnean a tha a’ tighinn còmhla ris.

Nuair a thèid fhoillseachadh, thathar an dùil mar thoradh air a’ Phlana gum bi structar ann gus aithris a dhèanamh air an obair a nì Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean aca a thaobh a bhith a’ toirt taic do agus a’ cur dìon air coimhearsnachdan eileanach. Dheigheadh Aithisg Adhartais air Plana Nàiseanta nan Eilean a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba agus fhoillseachadh gach bliadhna, às dèidh do Phlana ath-dheasaichte a bhith air fhoillseachadh.

Seach nach tèid beachdan a shireadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus nach tèid a dhealbh gus an tèid am Bile aontachadh, chan urrainnear dad a ràdh aig an àm seo mu gu dè an ìre a choileanas am Plana na h-amasan a bh’ ann ron reachdas agus na cinn-uidhe a bh’ aig an luchd-iomairt. Ged a b’ urrainnear ’s dòcha Plana nan Eilean a dhealbh às aonais reachdais, tha an dòigh-obrach seo a’ leantainn air na rinneadh le reachdas eile, leithid Achd Atharrachadh na Clìomaid (Alba) 20091agus Achd na Mara (Alba) 20102.


Pàirt 3 - Dleastanasan a thaobh Choimhearsnachdan Eileanach

Ann am Pàirt 3 den Bhile thathar a’ stèidheachadh dhleastanasan, a thèid a chur air Ministearan na h-Alba agus buidhnean poblach buntainneach eile, gus ealla a ghabhail ri coimhearsnachdan eileanach nuair a tha iad a’ coileanadh na h-obrach aca. Fon Bhile, nuair a bhiodh na 66 ùghdarrasan poblach a chaidh ainmeachadh a’ stèidheachadh phoileasaidhean, ro-innleachdan no sheirbheisean ùra (no ag ùrachadh feadhainn a bh’ ann mu thràth), bhiodh aca ri measadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig sin air coimhearsnachdan eileanach nuair a tha e buailteach gun toir iad buaidh gu math eadar-dhealaichte air coimhearsnachdan eileanach an coimeas ri coimhearsnachdan eile.

Tha e buailteach sa phròiseas sin gum biodh aig Ministearan no buidhnean ris na diofar dhòighean a chomharrachadh sam faodadh reachdas, ro-innleachdan is seirbheisean ùra (no feadhainn a chaidh ùrachadh) buaidh a thoirt air coimhearsnachdan eileanach na h-Alba gu dìreach no gu neo-dhìreach. Dh’fheumadh iad measadh a dhèanamh air buaidh sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann, agus dh’fheumadh iad na bha iad a’ moladh atharrachadh a rèir sin.

Mus deigheadh stiùireadh fhoillseachadh air mar a bu chòir ealla a ghabhail ris na h-eileanan, bhiodh tuilleadh co-chomhairleachaidh ann. Aon uair ’s gun deigheadh an Achd a chur an gnìomh, bhiodh dùil ann gun toireadh na buidhnean poblach a thig fo ùghdarras an reachdais aithisg seachad gach bliadhna le fios air mar a thug a bhith a’ gabhail ealla ri feuman nan eilean buaidh air an obair agus an gnìomhan. Dhèanadh Ministearan na h-Alba aithris air seo gach bliadhna cuideachd, mar phàirt den aithisg aca air adhartas le Plana Nàiseanta nan Eilean.

Tha na dleastanasan a thaobh a bhith a’ gabhail ealla ri feuman nan eilean ag obrachadh ann an dòigh gu math coltach ri Dleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaiche a chaidh a thoirt a-steach mar phàirt de dh’Achd na Co-ionannachd 2010, a chaidh a chur an gnìomh sa Ghiblean 2011. Bhite an dùil gum biodh am pròiseas, nuair a thèid a chur an gnìomh, coltach ris a’ phròiseas airson na h-Achd sin ’s dòcha, agus mar sin bidh fios aig buidhnean poblach air a bheil dleastanas fo Achd na Co-ionannachd air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Tha na molaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail ealla ri coimhearsnachdan eileanach a’ togail air na ciad amasan a bh’ aig Riaghaltas na h-Alba airson a’ Bhile, mar a chaidh a chur an cèill ann an A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba. Ge-tà, chan eil e soilleir, le bhith a’ gabhail ealla ri feuman nan eilean, dè na builean a bhios, mar eisimpleir, le gnìomhan no maoineachadh a bharrachd gus dèanamh cinnteach nach toir poileasaidhean ùra cus droch bhuaidh air na h-eileanan.


Pàirt 4 - A’ Riochdachadh Choimhearsnachdan Eileanach

Tha cumhachan ann am Pàirt 4 den Bhile gus dèanamh cinnteach gum bi na h-eileanan nas fheàrr air an riochdachadh.


An Sgìre-pàrlamaid, Na h-Eileanan an Iar

An-dràsta, fo Phàipear-taice 1 de dh’Achd na h-Alba 1998, tha Arcaibh agus Sealtainn stèidhichte mar a dhà de na 73 sgìrean-pàrlamaid ann an taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba. Nì sin cinnteach nach gabh na crìochan aca atharrachadh. Chan eil an sgìre-pàrlamaid Albannach, Na h-Eileanan an Iar, fon aon dìon reachdail an-dràsta, ach thigeadh sin le earrainn 13 den Bhile, agus e a’ cleachdadh nan cumhachdan a chaidh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba le Achd na h-Alba 2016.

Bhiodh sin a’ ciallachadh gum biodh crìochan sgìrean-pàrlamaid nan trì ùghdarrasan eileanach air an dìon san aon dòigh, agus bhiodh e a’ coileanadh amasan Riaghaltas na h-Alba mar a chithear ann an A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba.


Taghaidhean Riaghaltais Ionadail

Fo earrainn 1 de dh’Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 2004 (Achd 2004) feumaidh triùir no ceathrar chomhairlichean a bhith ann airson gach uàrd taghaidh ann an Alba. Nuair a tha Coimisean Chrìochan Riaghaltas Ionadail na h-Alba a’ cruthachadh uàrdan, feumaidh iad molaidhean a dhèanamh a rèir na h-earrainn sin agus feumaidh iad cumail ris na riaghailtean ann am Pàipear-taice 6 de dh’Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 (Achd 1973). Mar phàirt de na riaghailtean sin feumaidh iad feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi ìrean riochdachaidh glè choltach ri chèile anns gach uàrd a thaobh cia mheud comhairliche a th’ ann airson àireamhan luchd-bhòtaidh.

Ri linn sin, bidh cuid a choimhearsnachdan eileanach ann an uàrd a tha a’ gabhail a-steach pàirt de thìr-mòr, agus dh’fhaodadh gum bi iad air an riochdachadh le comhairliche nach eil a’ fuireach ann an eilean. Tha am Bile a’ toirt cothrom do Choimisean Chrìochan Riaghaltas Ionadail na h-Alba gus uàrdan taghaidh le dìreach aon no dithis bhall a mholadh far am biodh sin a’ ciallachadh gum biodh coimhearsnachdan eileanach air an riochdachadh ann an dòigh nas fheàrr.

Tha am pàirt seo den Bhile a’ toirt taic don amas a bh’ aig an luchd-iomairt agus aig Riaghaltas na h-Alba ron reachdas gum biodh coimhearsnachdan eileanach air an riochdachadh nas fheàrr.


Pàirt 5 - Leasachaidhean ann an Raon Mara Eileanan na h-Alba

Tha plana ann am Pàirt 5 den Bhile gus cumhachd a thoirt a-steach far am faod Riaghaltas na h-Alba riaghailtean a stèidheachadh airson sgeama ceadachd a chur air bhonn, a thaobh obair anns no fon mhuir ann an uisgeachan faisg air a’ chosta timcheall air eileanan agus a tha ga dèanamh taobh a-staigh 12 mìle mara bho na h-eileanan sin. Tha seo a’ togail air a’ ghealladh aig Riaghaltas na h-Alba ann an A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba agus iad ag iarraidh gun tèid na cumhachan a gheibhear ann an Achd Comhairle Siorrachd Shealtainn 19741 agus Achd Comhairle Siorrachd Arcaibh 1974 a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach nan Eilean Siar.

Ged nach biodh seo a’ cumail gu tur ris na cumhachan a gheibhear san reachdas bho 1974, mar a bhathar a’ rùnachadh an-toiseach airson Achd nan Eilean, bhiodh na thathar a’ moladh a’ ciallachadh gum b’ urrainn do Mhinistearan na h-Alba riaghailtean a stèidheachadh a bheireadh barrachd cumhachd do dh’ùghdarrasan ionadail a thaobh ceadan airson leasachaidhean mara. Chumadh Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh eile mus cuireadh iad dreachd de riaghailtean air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba. Chan eil an cumha seo sa Bhile a’ toirt iomradh sònraichte air Comhairle nan Eilean Siar, agus ri linn sin tha e coltach gum buineadh na riaghailtean ùra ris gach eilean ann an Alba, agus chan ann dìreach ris na h-eileanan aig na h-ùghdarrasan eileanach.


Meòrachan Ionmhasail

Mar a dh’fheumar fo Riaghailt 9.3.2 de Ghnàth-riaghailtean na Pàrlamaid, chaidh Meòrachan Ionmhasail (MI) fhoillseachadh còmhla ris a’ Bhile. Tha an MI ag ràdh gur e cosgaisean rianachd as motha a dh’èireadh bho bhith a’ cur cumhachan a’ Bhile an sàs.

Chan eil measadh iomlan ann air na cosgaisean uile a dh’fhaodadh a bhith ann, oir dh’fhaodadh diofar ìrean de chosgaisean èirigh ri linn Pàirtean 4 is 5 den Bhile agus sin an crochadh air an ìre de cho-chomhairleachadh agus an ìre de dh’iarrtas airson seirbheisean a bhiodh ann, agus air ciamar a ghabhadh na h-ath-sgrùdaidhean air crìochan uàrdan a chur an sàs mar phàirt den obair a tha Coimisean Chrìochan Riaghaltas Ionadail na h-Alba a’ dèanamh mu thràth.

Thathar an dùil gum bi a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean ga chur an gnìomh thairis air còig bliadhna, agus tha Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba air tuairmse a dhèanamh, cho fad ’s as urrainn dhaibh, air na chosgadh e am Bile a chur an gnìomh aig an toiseach agus airson a’ chiad chòig bliadhna. Rinneadh tuairmse gum biodh cosgais stèidhichte de £142,000 ann thairis air a’ chiad chòig bliadhna gus Pàirt 2 a chur an sàs. A thaobh Pàirt 3 den Bhile, rinneadh tuairmse gun èireadh cosgais stèidhichte de £329,931 san aon ùine. Tha na figearan seo a’ gabhail a-steach na cosgais iomlan a dh’èireadh do Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile, agus leis an dà chosgais, tha iad a’ gabhail a-steach nan cosgaisean airson am Bile a chur an gnìomh an toiseach agus thairis air na còig bliadhna.

Bidh na thachras a thaobh ath-sgrùdaidhean is atharraichean air uàrdan, agus a’ stèidheachadh sgeamaichean ceadachd mara, fo chumhachan a’ Bhile, an crochadh air dè an t-iarrtas a bhios ann. Mar sin, cha ghabh tuairmse mhionaideach a dhèanamh air na chosgadh e na pàirtean seo den Bhile a chur an gnìomh. Dh’fhaodadh sibh a ràdh gu bheil e nas buailtiche gun èirich cosgais an reachdais ri linn nan earrainnean seo den Bhile seach na h-earrainnean eile ma thachras gu bheil tòrr iarrtasan ann airson na cumhachan seo a chur an gnìomh.


Sources

Riaghaltas na h-Alba. (2017, June 9). Meòrachan Poileasaidh airson Bile nan Eilean (Alba). Retrieved from <a href="http://www.scottish.parliament.uk/Islands%20(Scotland)%20Bill/SPBill15PMS052017.pdf" target="_blank">http://www.scottish.parliament.uk/Islands%20(Scotland)%20Bill/SPBill15PMS052017.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Clàran Nàiseanta na h-Alba. (2015, September 24). Cunntas-sluaigh an h-Alba 2011: Aithisg air Eileanan air a bheil Daoine a’ Fuireach. Retrieved from <a href="http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/analytical_reports/Inhabited_islands_report.pdf" target="_blank">http://www.scotlandscensus.gov.uk/documents/analytical_reports/Inhabited_islands_report.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Haswell-Smith, H. (2004). The Scottish Islands: A Comprehensive Guide to Every Scottish Island. Dùn Èideann: Canongate Books Ltd.
Fiosrachadh air an Iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd (AERT). (2017, February 28). Air a thoirt bho. Retrieved from <a href="http://www.orkney.gov.uk/Files/Committees-and-Agendas/Policy-and-Resources/PR2017/28-02-2017/I04_App1_Background_OIOF.pdf" target="_blank">http://www.orkney.gov.uk/Files/Committees-and-Agendas/Policy-and-Resources/PR2017/28-02-2017/I04_App1_Background_OIOF.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Ar n-Eileanan ri Teachd. (2017). Ath-leasachadh air a’ Bhun-reachd: Stòran Fiosrachaidh is Liosta Leughaidh. Retrieved from <a href="http://www.cne-siar.gov.uk/oiof/documents/OIOF-Background.pdf" target="_blank">http://www.cne-siar.gov.uk/oiof/documents/OIOF-Background.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2013, June 25). Foirgheall Lèiruig. Retrieved from <a href="https://news.gov.scot/news/lerwick-declaration" target="_blank">https://news.gov.scot/news/lerwick-declaration</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2014, June 16). A’ Toirt Ùghdarras do Choimhearsnachdan Eileanach na h-Alba. Retrieved from <a href="http://www.gov.scot/Publications/2014/06/2708" target="_blank">http://www.gov.scot/Publications/2014/06/2708</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2013, November 26). Na tha an Dàn do dh’Alba. Air a thoirt bho. Retrieved from <a href="http://www.gov.scot/Publications/2013/11/9348" target="_blank">http://www.gov.scot/Publications/2013/11/9348</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na RA. (1974). Achd Comhairle Siorrachd Shealtainn 1974. Retrieved from <a href="http://www.legislation.gov.uk/ukla/1974/8/pdfs/ukla_19740008_en.pdf" target="_blank">http://www.legislation.gov.uk/ukla/1974/8/pdfs/ukla_19740008_en.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Achd Co-obrachaidh nam Buidhnean Poblach (Alba). (2014). Retrieved from <a href="http://www.legislation.gov.uk/asp/2014/9/contents" target="_blank">http://www.legislation.gov.uk/asp/2014/9/contents</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2017). Oighreachd a’ Chrùin. Air a thoirt bho. Retrieved from <a href="http://www.gov.scot/Topics/marine/seamanagement/TCE" target="_blank">http://www.gov.scot/Topics/marine/seamanagement/TCE</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2016, September 15). Plana airson Alba: Prògram Riaghaltas na h-Alba airson Alba 2016-17. Retrieved from <a href="http://www.gov.scot/Publications/2016/09/2860/downloads#res505210" target="_blank">http://www.gov.scot/Publications/2016/09/2860/downloads#res505210</a> [accessed 1 September 2017]
Pàrlamaid na h-Alba, Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba. (2017, March 15). Pàipear-fiosrachaidh bhon Aonad Sgrùdaidh Ionmhasail: Aontaidhean airson Sgìrean nam Bailtean-mòra. Retrieved from <a href="http://www.parliament.scot/ResearchBriefingsAndFactsheets/S5/SB_17-19_City_Region_Deals.pdf" target="_blank">http://www.parliament.scot/ResearchBriefingsAndFactsheets/S5/SB_17-19_City_Region_Deals.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Oifis na h-Alba. (2014, August 15). Frèam-obrach ar n-Eileanan. Retrieved from <a href="https://www.gov.uk/government/uploads/system/uploads/attachment_data/file/344446/UKG_ISLANDS_FRAMEWORK_-_15_August.pdf" target="_blank">https://www.gov.uk/government/uploads/system/uploads/attachment_data/file/344446/UKG_ISLANDS_FRAMEWORK_-_15_August.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas nan Eilean Faclanach. (2014, July). Plana airson nan Eilean 2014-2018. Retrieved from <a href="https://www.falklands.gov.fk/self-sufficiency/the-islands-plan/" target="_blank">https://www.falklands.gov.fk/self-sufficiency/the-islands-plan/</a> [accessed 1 September 2017]
Caidreachas Eileanan Beaga na h-Eòrpa. (2017). Amasan is Eachdraidh na Buidhne. Retrieved from <a href="https://europeansmallislands.com/origins-and-aims/" target="_blank">https://europeansmallislands.com/origins-and-aims/</a> [accessed 1 September 2017]
Caidreachas Eileanan na h-Alba. (2017). Amasan is Cinn-uidhe. Retrieved from <a href="http://www.scottish-islands-federation.co.uk/aims-and-objectives/" target="_blank">http://www.scottish-islands-federation.co.uk/aims-and-objectives/</a> [accessed 1 September 2017]
Iomairt nan Eilean Innleachdach. (2017). An Iomairt: Mur deidhinn. Retrieved from <a href="http://www.smartislandsinitiative.eu/en/about.php" target="_blank">http://www.smartislandsinitiative.eu/en/about.php</a> [accessed 1 September 2017]
An Iomairt: Eachdraidh na h-Iomairt. (2017). No title Retrieved from <a href="http://www.smartislandsinitiative.eu/en/history.php" target="_blank">http://www.smartislandsinitiative.eu/en/history.php</a> [accessed 1 September 2017]
Naidheachdan a’ BhBC. (2014, September). Alba a’ Bhòtadh: Toraidhean. Retrieved from <a href="http://www.bbc.co.uk/news/events/scotland-decides/results" target="_blank">http://www.bbc.co.uk/news/events/scotland-decides/results</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2017, June 27). Co-rèiteachadh mun AE agus na tha an dàn do dh’Alba. Retrieved from <a href="https://news.gov.scot/speeches-and-briefings/eu-negotiations-and-scotlands-future" target="_blank">https://news.gov.scot/speeches-and-briefings/eu-negotiations-and-scotlands-future</a> [accessed 1 September 2017]
Caidreachas Eileanan na h-Alba. (2017, January 23). Eileanan na h-Alba agus a’ bhuaidh a bheir Brexit orra. Retrieved from <a href="bho http://www.scottish-islands-federation.co.uk/s-i-f-brexit-briefing/" target="_blank">bho http://www.scottish-islands-federation.co.uk/s-i-f-brexit-briefing/</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2015, September 1). Alba nas Làidire: Prògram Riaghaltas na h-Alba airson Alba 2015-16. Retrieved from <a href="http://www.gov.scot/Publications/2015/09/7685/downloads" target="_blank">http://www.gov.scot/Publications/2015/09/7685/downloads</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2017, June). Bile nan Eilean (Alba) [Mar a chaidh a thoirt a-steach]. Retrieved from <a href="http://www.scottish.parliament.uk/Islands%20(Scotland)%20Bill/SPBill15S052017.pdf" target="_blank">http://www.scottish.parliament.uk/Islands%20(Scotland)%20Bill/SPBill15S052017.pdf</a> [accessed 1 September 2017]
Achd Atharrachadh na Clìomaid (Alba). (2006, August 4). No title Retrieved from <a href="http://www.legislation.gov.uk/asp/2009/12/2009-08-05" target="_blank">http://www.legislation.gov.uk/asp/2009/12/2009-08-05</a> [accessed 1 September 2017]
Riaghaltas na h-Alba. (2010, March 10). Achd na Mara (Alba). Retrieved from <a href="http://www.legislation.gov.uk/asp/2010/5/pdfs/asp_20100005_en.pdf" target="_blank">http://www.legislation.gov.uk/asp/2010/5/pdfs/asp_20100005_en.pdf</a> [accessed 1 September 2017]