Eadar-mhìneachadh Pàirt 2 18 Eadar-mhìneachadh air Pàirt 2 (1) Anns a’ Phàirt seo, tha ciall nan abairtean a leanas na tha air a cur an cèill ann an earrainn 135(1) de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980— “tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne”, “ùghdarras foghlaim”, “foghlam adhartach”, "pàrant", "sgoilear", "sgoil", "aois sgoile", “foghlam sgoile”. (2) Anns a’ Phàirt seo—— tha “sgìre”, a thaobh ùghdarrais fhoghlaim (seach nuair a bhios rudeigin eile a dhìth anns a’ cho-theacs) ri a mìneachadh a rèir earrainn 135(1) de dh’Achd 1980 (faicibh am mìneachadh air “ùghdarras foghlaim”), tha “measadh iomlan” ri mhìneachadh a rèir earrainn 12, tha “Gàidhlig” a’ ciallachadh a’ chànain Ghàidhlig mar a thathas ga bruidhinn ann an Alba, tha “foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig”, a thaobh na Gàidhlig, a’ ciallachadh teagasg a’ chànain do, agus ionnsachadh a’ chànain le, sgoilearan dha bheil foghlam ga sholarachadh anns a’ mhòr-chuid tro mheadhan na Beurla, tha “tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne tron Ghàidhlig” a’ ciallachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a riaraicheadh (gu h-iomlan no ann am pàirt) an dleastanas fo fho-earrainn (1) de dh’earrainn 1 de dh’Achd 1980 chun na h-ìre a tha e ri choileanadh a rèir fo-earrainn (1A) den earrainn sin, tha “foghlam tron Ghàidhlig” a’ ciallachadh teagaisg agus ionnsachaidh tron Ghàidhlig, tha “foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig” a’ ciallachadh foghlaim bun-sgoile anns a bheil teagasg agus ionnsachadh tron Gàidhlig, tha “TICCG” a’ ciallachadh tràth-ionnsachaidh agus cùraim-chloinne tron Ghàidhlig, tha “FBG” a’ ciallachadh foghlaim bun-sgoile tron Ghàidhlig, tha “sgìre-mheasaidh FBG” ri mhìneachadh a rèir earrann 8, tha “ciad mheasadh” ri mhìneachadh a rèir earrann 9, tha “foghlam bun-sgoile” ri mhìneachadh a rèir earrainn 135(2) de dh’Achd 1980 ach chan eil e a’ gabhail a-steach— (a) tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne air a bheil e na dhleastanas do dh’ùghdarras foghlaim a chur air dòigh fo earrainn 47(1) de dh’Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014, agus (b) foghlam sgoile sam bith a tha ùghdarras foghlaim air a chomasachadh a chur air dòigh fo earrainn 1(1C) de dh’Achd 1980, tha “bun-sgoil” ri a mìneachadh a rèir earrainn 135(2) de dh’Achd 1980 ach chan eil i a’ toirt a-steach sgoil-àraich no clas sgoile-àraich (a rèir ciall earrainn 135(1) den Achd sin), tha “sgìre-mheasaidh bhuntainneach” ri a mìneachadh a rèir earrainn 8, tha “pàiste air a shònrachadh” ri mhìneachadh a rèir earrainn 7(2), tha “bliadhna sgoile” ri a mìneachadh a rèir earrainn 7(4).
pdf.
application/pdf.
537067.