The Member has provided the following Gaelic translation: Gu bheil a’ Phàrlamaid a’ cur meal-a-naidheachd air Dòmhnall Bàn Dòmhnallach, à Beinn na Faoghla, neach-teagaisg pìobaireachd aig Comhairle nan Eilean Siar, ’s e air ainmeachadh mar Neach-teagaisg na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2023, no “Na Trads”; a’ tuigsinn gu bheil an duais, le taic bho Iomairt Chiùil Òigridh Alba Chruthachail, air a bhuileachadh le bhòt poblach gus comharrachadh neach-teagaisg dealasach comasach ann an ceòl traidiseanta; a' moladh Dhòmhnaill Bhàin airson na chuir e, ann am beachd na pàrlamaid, ri saoghal na pìobaireachd anns an latha an-diugh; a’ toirt fa-near gu bheil Dòmhnall Bàn air na ceudan de...