(d) fiosrachadh mun sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich air an tugadh a’ bhreith aige. (6) Gus cumail ris an dleastanas a tha air a chur an cèill le fo-earrainn (1)(b) no (2)(c), feumaidh an t-ùghdarras dèanamh cinnteach gu bheil FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, air a sholarachadh, anns an sgìre-mheasaidh bhuntainnich, taobh a-staigh na h-ùine an dèidh dha a’ bhreith a thoirt a tha reusanta anns an t- suidheachadh iomlan a tha ann. 11 Tagraidhean air nach fheumar beachdachadh (1) Tha fo-earrann (2) ri a coileanadh nuair — (a) a tha tagradh fo earrainn 7(1) (“an tagradh tùsail”) air a dhèanamh, (b) a nì an t-ùghdarras foghlaim a gheibh an tagradh tùsail ciad mheasadh, a thaobh an tagraidh thùsail, fo earrainn 9 a thaobh airson FBG sgìre-mheasaidh buntainniche, (c) a gheibh an t-ùghdarras tagradh eile fo earrainn 7(1) (“iarrtas a bharrachd”) a bheireadh air an ùghdarras (mura b’ e fo-earrann (2)) ciad mheasadh a dhèanamh a thaobh airson FBG na sgìre-measaidh buntainniche, (ca) eadar— (i) gu bheil an dà chuid a’ chiad tagradh tùsail agus an tagradh a bharrachd nan tagraidhean gus measadh a dhèanamh air an fheum air FBG, no (ii) gu bheil an dà chuid an tagradh tùsail agus an tagradh a bharrachd nan tagraidhean gus measadh a dhèanamh air an fheum air TICCG, agus (d) gun d’ fhuaireadh an tagradh a bharrachd taobh a-staigh bliadhna a’ tòiseachadh air an latha air an d’ fhuaireadh an tagradh tùsail (2) Chan fheum an t-ùghdarras foghlaim cumail ris an dleastanas a tha air a chur an sàs le earrainn 9(2) a thaobh an tagraidh a bharrachd (fo rian fo-earrainn (4)). (3) Airson adhbharan na h-earrainn seo, chan eil e gu diofar— (a) ged a tha an tagradh a bharrachd— (i) air a dhèanamh leis an aon neach a rinn an tagradh tùsail no le neach eile, no (ii) air a dhèanamh le pàrant pàiste a tha, no a tha buailteach a bhith, air an aon bliadhna sgoile ris, no air bliadhna sgoile eadar-dhealaichte bhon phàiste às leth a rinn am pàrant an tagradh tùsail, no (b) a bheil FBG ga sholarachadh a bheil FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, ga sholarachadh anns an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich ris a bheil na tagraidhean a’ buntainn. (4) A dh’aindeoin fo-earrainn (2), faodaidh Ministearan na h-Alba, a thaobh a leithid de chùisean a mheasas iad iomchaidh, àithne a thoirt do dh’ùghdarras foghlaim cumail ris an dleastanas a tha air a chur an cèill le earrainn 9(2) a thaobh an tagraidh a bharrachd. 12 Measaidhean iomlan s (1) Tha an earrann eo ri a coileanadh nuair — (a) a gheibh ùghdarras foghlaim tagradh fo earrainn 7(1), agus (b) a cho-dhùineas ùghdarras foghlaim, fo earrainn 10(1)(a) no (2)(b), measadh iomlan a dhèanamh air an fheum air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, ann an sgìre-mheasaidh FBG bhuntainnich. (2) Feumaidh an t-ùghdarras— (a) fios a chur chun nan daoine a tha air an ainmeachadh ann am fo-earrainn (3) mun tagradh, (b) fiosrachadh a thoirt dha na daoine sin mun tagradh, (c) am fiosrachadh ris an do ghabh an t-ùghdarras ealla fo earrainn 9(3) ann a bhith a’ dèanamh ciad measaidh a thoirt do na daoine sin, agus (d) beachdan nan daoine sin a shireadh air— (i) an fhiosrachadh a tha air ainmeachadh ann am paragrafan (b) agus (c), agus (ii) breith an ùghdarrais fo earrainn 9(5). (3) Is iad na daoine— (a) Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson sgoiltean (is e sin ri ràdh, luchd-sgrùdaidh sgoiltean air an cur an dreuchd le A Mòrachd fo Achd 1980), (b) Bòrd na Gàidhlig, (c) a’ bhuidheann ris an canar Comann nam Pàrant (Nàiseanta), (d) a’ bhuidheann ris an canar Fòram Phàrant Nàiseanta na h-Alba. (4) Feumaidh na daoine a tha air an ainmeachadh ann am fo-earrainnean (3)(a) agus (b)— (a) na beachdan a thathas a’ sireadh fo fho-earrainn (2)(d) a thoirt seachad, agus (b) sin a dhèanamh mus bi 4 seachdainean seachad a’ tòiseachadh air an latha air an deach na beachdan a shireadh. (5) Fo rian fo-earrainn (7), feumaidh an t-ùghdarras foghlaim co-dhùnadh am bu chòir dhaibh FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a chur air dòigh anns an sgìre- mheasaidh bhuntainnich. (6) Ann a bhith a’ dèanamh co-dhùnaidh fo fho-earrainn (5), feumaidh an t-ùghdarras foghlaim feart a thoirt do— (a) bheachdan a tha air an toirt seachad mar thoradh air fo-earrainn (2)(d) mus bi 4 seachdainean seachad a’ tòiseachadh air an latha air an deach beachdan a shireadh, (b) stiùireadh sam bith fo earrainn 9 6C de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, (c) fiosrachadh ris an do ghabh an t-ùghdarras foghlaim ealla ann a bhith a’ dèanamh ciad measaidh fo earrainn 9(2), (d) a thaobh iarrtais airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, air a bheil iomradh ann an earrainn 9(3) bho phàrantan cloinne, far a bheil a’ chlann sin a’ còmhnaidh, (e) fiosrachadh sam bith a th’ aig an ùghdarras fhoghlaim mun iarrtas airson FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, ann an sgìre an ùghdarrais bho phàrantan cloinne a tha fo aois sgoile agus nach eil air tòiseachadh air bun-sgoil a fhrithealadh, (f) nuair a tha FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, air a sholarachadh ann an sgìre an ùghdarrais fhoghlaim, no ann an sgìre ùghdarrais fhoghlaim eile a tha ri taobh na sgìre sin, far a bheil an solar sin, (g) an ìre — (i) gum b’ urrainn do chloinn a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre ùghdarrais fhoghlaim a tha ri taobh sgìre an ùghdarrais fhoghlaim a tha air ainmeachadh ann am fo-earrainn (5) cothrom fhaighinn air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, anns an sgìre-mheasaidh bhuntainnich, (ii) gum b’ urrainn do chloinn a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre-mheasaidh FBG cothrom fhaighinn air FBG ann an sgìre-mheasaidh bhuntainnich cothrom fhaighinn air FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, ann an sgìre ùghdarrais fhoghlaim a tha ri taobh sgìre an ùghdarrais fhoghlaim a tha air ainmeachadh ann am fo-earrainn (5), (h) faotainneachd agus freagarrachd togalaich sam bith ann an sgìre an ùghdarrais fhoghlaim anns a bheil FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, ga sholarachadh, no a dh’fhaodadh a bhith ga sholarachadh gu reusanta, (i) cosgaisean gus FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a sholarachadh anns an sgìre-mheasaidh bhuntainnich, (j) an comas daoine a ghluasad no a thrusadh gus FBG no TICCG, mar a dh’fhaodas e a bhith, a theagasg anns an sgìre-mheasaidh bhuntainnich, (k) plana Gàidhlig sam bith a tha air fhoillseachadh leis an ùghdarras fhoghlaim fo earrainn 5(9) de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a tha an èifeachd aig an àm a nithear an co-dhùnadh air a bheil iomradh ann am fo-earrainn (5), (l...