Dh’fhaighnich an Cathraiche an robh Riaghaltas na h-Alba air beachdachadh air mar a bu chòir do phoileasaidh a bhith eadar-dhealaichte ann an sgìrean le diofar ìrean de Ghàidhlig. Thug Rùnaire a’ Chaibineit fa-near gun robh e cudromach a bhith faiceallach nuair a thathar a’ beachdachadh air mar a bu chòir na sgìrean seo a mhìneachadh, a’ gabhail a-steach coimhead air comas reachdail, dè a th’ ann an coimhearsnachd agus dè na goireasan a bharrachd a bhiodh a dhìth gus taic a thoirt don Ghàidhlig.