Comataidh air taic a chur ri Bile a bheireadh airgead-dìolaidh don NHS airson tinneas àite-obrach

18.12.2020

Tha Bile a leigeadh leis an NHS cosgaisean ceangailte ri galar gnìomhachail (industrial disease) agairt air ais air taic fhaighinn bho Chomataidh Slàinte agus Spòrs aig a’ Phàrlamaid. 

Leigeadh Bile Fiachanas Cosgaisean NHS (Làimhseachadh Galair Ghnìomachail) (Alba), a tha na Bhile Buill air a thoirt le Stiùbhart Mac a’ Mhaoiliein BPA, le Riaghaltas na h-Alba cosgais làimhseachadh NHS agairt air ais bho fhastaidhear an-dràsta no roimhe a dh’adhbharaich an cuid dearmadachd galar gnìomhachail.

Tha a’ Chomataidh a’ cur a taice ri amasan coitcheann a’ Bhile agus tha i sàsaichte gun tèid tinneas ceangailte ri Covid-19 agus tinneas slàinte-inntinn air an còmhdach leis a’ mhìneachadh air galar gnìomhachail a nochdas anns an reachdas.

Tha ceistean aig a’ Chomataidh fhathast, ge-tà, mu rianachd an sgeama agus mar a thèid cosgaisean NHS a chruinneachadh bho fhastaidhearan. Tha barrachd fiosrachaidh mun raon seo den reachdas a dhìth gus tuigsinn dè na chosgas an sgeama. Tha a’ Chomataidh an dùil gum bi an Riaghaltas agus am Ball ag obair còmhla gus fiosrachadh nas làidire fhaighinn mu bhuaidhean ionmhasail a’ Bhile. .

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Leòdhas Dòmhnallach BPA:

“Nuair a dh’fhàsas luchd-cosnaidh tinn air sgàth na h-obrach aca, thathar an dùil gum bi aig an fhastaidhear aca ri airgead-dìolaidh a thoirt dhaibh. Is e brìgh a’ Bhile seo gu bheil e còir gu bheil na cosgaisean air an NHS gam pàigheadh air ais cuideachd.

“Tha a’ Chomataidh den bheachd chan e dìreach gun cuidich an reachdas seo gus galar gnìomhachail a lùghdachadh ach cuideachd uallach na cìse air luchd-pàighidh cìse agus an NHS le chèile a lùghdachadh. Tha sinn den bheachd, ge-tà, gu bheil feum air barrachd soilleireachaidh air mar a thèid an sgeama seo a tharraing a-mach agus na chosgas e.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Fiachanas Cosgaisean NHS (Làimhseachadh Galair Ghnìomhachail) (Alba) a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba air 9 Màrt 2020 le Stiùbhart Mac a’ Mhaoilein BPA, am Ball Cunntachail.

Chaidh am Bile a chur air adhart gu Comataidh Slàinte agus Spòrs air 18 Màrt 2020. Tha an dà chuid Comataidh an Ionmhais (a thaobh a’ Phrìomh Mhinisteir) agus Comataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha a’ gabhail beachd air nithean agus tha na beachdan aca gan toirt seachad anns an aithisg.

Tha e a’ feuchainn ri Cuid 3 de dh’Achd Slàinte agus Cùraim-shlàinte (Slàinte-coimhearsnachd agus Inbhean) 2003 (Achd 2003) atharrachadh gus cosgaisean a thig air an NHS a’ làimhseachadh ghalaran gnìomhachail a thoirt a-steach fo sgèith, a’ leigeil le Ministearan na h-Alba na cosgaisean seo agairt air ais bhon fheadhainn a dh’adhbharaich an cuid dearmadachd na galaran seo.

Tha galar gnìomhachail ga mhìneachadh mar — 

• Ag èirigh à fastadh an neach air a leòn;
• Ag èirigh à fastadh neach sam bith ceangailte ris an neach air a leòn
• A’ toirt a-steach ghalaran a bheir ion-roghnachd airson cobhair le leòn aig obair, mar a thathar a’ mìneachadh fo riaghailtean air an dèanamh le Ministearan na h-Alba fo earrann 33 de dh’Achd Tèarainteachd Shòisealta (Alba) 2018.

Airson barrachd fiosrachaidh mun obair aig Comataidh Slàinte agus Spòrs, tadhail air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an  Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh nam meadhanan

Warren Hardie: 07870 361 440

Conaltradh Text Relay di-beathte
[email protected]

Fiosrachadh mun chomataidh

Airson barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh seo, cuiribh fios gu David Cullum, Clàrc Comataidh Slàinte agus Spòrs –  [email protected]

Fiosrachadh poblach 

· Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)

· [email protected]

· Teacsa 07786 209 888

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.

Seanailean sòisealta

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @SP_EHRiC. agus cumail suas ri Comataidh Slàinte agus Spòrs @SP_HealthSport Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan. No faigh a-mach barrachd air YouTube   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.