Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ri beachdachadh air Bile aig a bheil e mar amas màladairean prìobhaideach a dhìon agus àrdachaidhean air màl a chuingleachadh

12.10.2020

Tha Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan air Bile ùr aig a bheil e mar amas dìon mhàladairean prìobhaideach a leudachadh le bhith a’ cuingleachadh àrdachaidhean air màl agus a’ leigeil leotha màl “mar as còir” iarraidh. 

Chuireadh Bile nam Màl Mar as Còir (Alba), a tha na Bhile Buill bho Phauline NicNèill BPA, casg air uachdaran àite-fuirich air mhàl prìobhaideach a bhith ag àrdachadh a’ mhàil ann am bliadhna sam bith le barrachd na Clàr Prìsean an Luchd-chaitheimh (CPI) agus 1%.

Tha am Bile ag iarraidh barrachd dìon a thoirt seachad fo mhàladairean prìobhaideach le bhith a’ leigeil leotha iarraidh aig àm sam bith air Oifigear Màil gun tèid ‘màl mar as còir sa mhargadh fhosgailte’ a shocrachadh airson seilbh. Ann a bhith a’ breithneachadh an iarrtais, bhiodh an t-Oifigear mothachail air cùisean leithid a bheil an t-seilbh suarach a thaobh lùth a ghleidheadh no a bheil i a’ tuiteam am broinn a chèile.

Bheireadh am Bile air uachdarain phrìobhaideach cuideachd fiosrachadh nas mionaidiche mun t-seilbh aca ann an Clàr nan Uachdaran ann an Alba, a’ gabhail a-steach màl a thathar a’ cur mar chìs gach mìos..

Agus e a’ bruidhinn nuair a chaidh a’ ghairm airson beachdan a sgaoileadh, thuirt Neach-gairm na Comataidh Seumas Ó Dornáin BPA:

“Tha ìre nan teaghlaichean ann an taigheadas air mhàl prìobhaideachd aig rud beag nas lugha na 15% an-dràsta 15%.

“Seach gu bheil an roinn air mhàl prìobhaideach ann an Alba air fàs o chionn aon fhichead bliadhna tha caochladh ath-leasachaidhean air a bhith ann gus riaghladh nan uachdaran a theannachadh agus barrachd chòraichean a thoirt do mhàladairean. Ach is e rùn follaiseach a’ Bhile seo barrachd atharrachaidh a thoirt air cothromachadh a’ chumhachd. Chuireadh e cuibhreachadh air àrdachaidhean air màl aig 1% is CPI agus barrachd farsaingeachd a thoirt do mhàladairean dùbhlan a thoirt air na cìsean.

“Tha sinn ag iarraidh gu mòr beachdan a chluinntinn a bheil feum air an atharrachadh seo a bharrachd agus an gabh na h-ullachaidhean anns a’ Bhile obrachadh, agus an toir iad a’ bhuaidh a tha san amharc.

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach dè a’ bhuaidh ionmhasail a bheireadh am Bile seo air màladairean prìobhaideach, uachdarain, luchd-màil anns an fharsaingeachd agus feadhainn eile, agus tha sinn a’ cur fàilte air a’ chothrom beachdan mun reachdas a thathar a’ moladh a chluinntinn.”

Buinidh an cuibhreach air àrdachaidhean air màl a bheir am Bile agus a’ chòir ‘màl mar as còir sa mhargadh fhosgailte’ iarraidh ri sealbhadairean ‘Màl Àiteachan-fuirich Prìobhaideach’ a tha iad air a bhith mar an seòrsa àbhaisteach de ghabhaltas bho 2017. Cha toir am Bile buaidh air aontaidhean seòmar a ghabhail air mhàl far a bheil an neach-loidsidh a’ fuireach air mhàl ann an dachaigh an t-sealbhadair.

Tha gairm na Comataidh airson beachdan a’ tighinn gu crìch air 7 Dùbhlachd agus faodaidh tu na beachdan agad a nochdadh an seo:

https://yourviews.parliament.scot/lgc/fair-rents-bill

Cùl-fhiosrachadh

Tha Bile nam Màl Mar as Còir (Alba) na Bhile Buill a chaidh a thoirt a-steach le Pauline NicNèill air 1 Ògmhios 2020.

Airson barrachd fiosrachaidh mu chomataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan, tadhail air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh nam Meadhanan

Nick Connelly: 07866 125623

Conaltradh Text Relay di-beathte

[email protected]


Fiosrachadh mun chomataidh

Peter McGrath: 0131 348 5206

Conaltradh Text Relay di-beathte

[email protected] 


Fiosrachadh poblach 

· Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)

· [email protected]

· Teacsa 07786 209 888

· Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò

· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl. agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_LocalGovt

Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan

No faigh a-mach barrachd air YouTube   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.