Bu chòir aonta a chur ri Bile Malairt na RA, tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Thaigh an Ròid ag ràdh

07.10.2020

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air moladh gum bu chòir gun tèid aonta Pàrlamaid na h-Alba a chur ri Bile Malairt na RA. 

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ chomataidh ag ràdh gu bheil e deatamach, ge-tà, gu bheil buidhnean sgaoileadh-cumhachd an sàs aig gach ceum de phròiseas a’ bharganachaidh mhalairt. 

Tha am moladh a’ tighinn 24 uairean a thìde mus bi Pàrlamaid na h-Alba a’ bhòtadh air gluasad mu aonta reachdail.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Brus MacCreamhain BPA:

“Tha Bile Malairt 2020 air aghaidh a thoirt air cuid de na ceistean mòra a thog sinn mar chomataidh agus sinn a’ gabhail beachd air Bile Malairt 2017 – the a air cuid de bhacaidhean air Riaghaltas na h-Alba a thoirt air falbh. 

“Air a shon sin, tha sinn fhathast den bheachd gu bheil e deatamach gum bi buidhnean sgaoileadh-cumhachd an sàs aig gach ceum de phròiseas a’ bharganachaidh mhalairt.

“Tha e cudromach gun dèan Fòram ùr nam Ministearan airson Malairt ullachadh airson ceangal brìgheil eadar Riaghaltas na RA agus na riaghaltasan tiomnaichte, agus gun leig e le ceithir dùthchannan na RA suidheachadh air aontachadh a chruthachadh mus tòisich am barganachadh malairt. 

“Tha e deatamach cuideachd gum bi Fòram nam Ministearan airson Malairt cunntachail do na reachdaireachdan tiomnaichte a’ cur sgrùdadh air a chuid cho-dhùnaidhean air chomas. 

“Tha sinn a’ moladh gun aontaich Pàrlamaid na h-Alba an Gluasad mu Aonta Reachdail air Bile Malairt 2020. 

Cha do dh’aontaich Pàdraig Harvie BPA ris a’ mholadh gum bu chòir aonta a chur.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear aithisg iomlan Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd air a’ Bhile Mhalairt an seo.

Tha an gluasad ri dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin 7 Dàmhair ag ràdh: 

Gu bheil a’ Phàrlamaid ag aontachadh gum bu chòir gun gabhadh Pàrlamaid na RA beachd air ullachaidhean buntainneach a’ Bhile Mhalairt, a chaidh a thoirt a-steach ann an Taigh nan Cumantan 19 Màrt 2020, a bhuineas ri toirt gu buil na h-Aonta mu Sholar Riaghaltais, toirt gu buil nan dleastanasan eadar-nàiseanta ag èirigh à aontaidhean-malairt na RA agus sgaoileadh fiosrachaidh ceangailte ri malairt le buidhnean poblach, chun na h-ìre gu bheil na cùisean seo a rèir comas reachdail Pàrlamaid na h-Alba no ag atharrachadh obrachaidhean gnìomhach Ministearan na h-Alba.

Neach nam Meadhanan

Eric MacLeod

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.