Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid ag iarraidh bheachdan mu Bhile a’ Mhargaidh A-staigh aig Riaghaltas na RA

14.09.2020

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd aig Taigh an Ròid air gairm a sgaoileadh airson beachdan air Bile a’ Mhargaidh A-staigh aig Riaghaltas na RA. Chaidh am Bile a thoirt a-steach aig Westminster 9 Sultain 2020.

A rèir nan notaichean-mìneachaidh na chois, is e adhbhar a’ Bhile  "margadh a-staigh na RA a ghleidheadh, a’ toirt seachad barrachd cinnt do dhaoine agus do ghnìomhachasan a bhith ag obair agus a’ malairt gun bhacadh thar na RA gu lèir."

Tha a h-uile h-earrann den Bhile ag adhbharachadh gum bi feum air aonta reachdail bho Phàrlamaid na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air leigeil ris nach mol e gun tèid aonta a chur ris.

Tha Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd uime sin ag iarraidh bheachdan bho gach buidheann agus neach le ùidh sa chùis a chuideachadh riutha gus cruth a chur air an sgrùdadh phàrlamaideach aice air a’ Bhile agus air meòrachan Riaghaltas na h-Alba mu aonta reachdail.

Is e ceann-latha deireannach airson nam beachdan 24 Sultain 2020.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd Brus MacCreamhain BPA:

"Bheir cruthachadh margaidh a-staigh san RA agus mar a bhios e ag obrachadh buaidh air raon farsaing bhuidhnean Albannach, gnìomhachasan Albannach nam measg – gu sònraichte buidhnean ri cinneasachadh-bidhe is àiteachas, ris an àrainneachd agus buidhnean luchd-chaitheimh, cho math ris an treas roinn, ris an roinn shaor-thoilich agus ris a’ phoball anns an fharsaingeachd.

"Tha e deatamach fhèin uime sin gun cluinn sinn bho dhaoine air an toir am Bile seo buaidh ach chan eil againn ach gu 24 Sultain a leithid a dhèanamh. Tha seo riatanach fhèin a thaobh ùine."

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ Chomataidh a’ sgrùdadh Bile Margadh A-staigh na RA cho math ris a’ Mheòrachan a tha air fàire mu Aonta Reachdail.

Gus cuideachadh ris an sgrùdadh aice, tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan, gu sònraichte sna raointean a leanas:

  • Buaidh air Rèiteachadh Sgaoileadh-cumhachd
  • Obrachadh a’ mhargaidh a-staigh
  • Riaghladh Cur an Gnìomh agus gabhail cho-dhùnaidhean
  • Maoineachadh
  • Dàrnach Reachdas agus sgrùdadh Pàrlamaideach.
  • Tha barrachd fiosrachaidh a thaobh mar a nochdas tu beachdan ri fhaotainn an seo air duilleag Gairm na Comataidh airson Fianais: https://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/116038.aspx

Bithear a’ tòiseachadh air fianais ann an labhairt mun Bhile nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo.

Neach nam meadhanan

Eric MacLeod

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.