An Obair aig Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha ann an 2019-20

20.08.2020

Bha e mar amas aig an ìre mhath aon Ionnsramaid Reachdail Albannach (SSI) às gach deich a chuireadh fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba gus beachd a ghabhail orra ann am bliadhna 2019-20 na Pàrlamaid aghaidh a chur air buaidh galar Covid 19, tha Comataidh aig Taigh an Ròid air aithris.

Anns an aithisg bhliadhnail aice airson 2019-20, thuirt Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha (DPLR) gun robh reachdas an lùib a’ Choròna-bhìorais mar chuid nach bu bheag den obair aice o chionn beagan mhìosan.

Tha Ionnsramaidean Reachdail Albannach – seòrsa de lagh a nì Ministearan na h-Alba no ùghdarras cunntasach eile leithid an Àrd-mhorair – mar as trice nan riaghailtean, òrdain no sgeamaichean a bheir fiosrachadh teicnigeach no cùisean rianachail air a bheil feum gus an obraich am prìomh-reachdas, ach faodaidh iad gnothach a ghabhail ri cuspair sam bith bho pheanasan eucoireach gus sgeamaichean-ceadachaidh, a’ toirt dleastanasan an AE gu buil, ag òrdachadh bhileagan-iarrtais agus a’ toirt seachad riaghailtean mu modhan-obrach. 

Ghabh a’ Chomataidh, ris a bheil e an urra na h-Ionnsramaidean a sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na laghan a thathar a’ moladh a rèir nan cumhachdan a thiomnaich a’ Phàrlamaid do Mhinistearan agus dèanamh cinnteach gu bheil na h-Ionnsramaidean ceart, gun toir iad a-mach am poileasaidh a tha san amharc agus gu bheil am briathrachas soilleir dhan luchd-chleachdaidh, beachd air 225 ionnsramaidean ri linn ùine na h-aithisge seo, an taca ri 243 air an deach beachd a ghabhail ann an 2018-19.

A-mach às na 255 ionnsramaidean, chaidh 243 a chur le Riaghaltas na h-Alba agus 12 le Oifis Phrìobhaideach an Àrd-mhorair (LPPO), às leth Cùirt an t-Seisein agus Àrd-chùirt a’ Cheartais, gus riaghailtean nan cùirtean ann an Alba ùrachadh.

Bha 23 a-mach às na 243 ionnsramaidean le Riaghaltas na h-Alba mu ghalar a’ choròna-bhìorais, 9.5% den iomlan.

B’ e a’ chabhag a bha a dhìth gus aghaidh a chur air èiginn na slàinte phoblach an t-adhbhar a thoireadh airson mòran de bhrisidhean “riaghailt nan 28 là”, a tha ag ràdh far a bheil ionnsramaid reachdail Albannach fo mhodh-obrach àicheil gun fheumar a nochdadh co-dhiù 28 là mus tig an ionnsramaid gu buil.

B’ e an galar fear de na h-adhbharan cuideachd gus tàinig meudachadh mòr air cleachdadh modh-obrach “air a dhèanamh aontach”, a tha a’ ciallachadh gum faod ionnsramaid tighinn gu buil cho luath agus a tha i air a dèanamh ach gun tig i gu crìch an dèidh 28 là nas lugha na cheadaicheas a’ Phàrlamaid i.

Rè na h-ùine seo, tha ìre nan ionnsramaidean mu Bhrexit air a dhol sìos anns a’ bhliadhna a chaidh seachad.

Bha beagan ionnsramaidean a chaidh tron Phàrlamaid gus aghaidh a chur air easbhaidhean ann an reachdas a dh’èireadh an dèidh don RA tarraing a-mach bhon AE, ged a tha an àireamh air lùghdachadh gu mòr an taca ris an ùine mu dheireadh dhan deach aithisg a thoirt.

Ann an 2019-20, chaidh beachd a ghabhail air 15 Ionnsramaidean fo phròtacal Ionnsramaidean a chaidh a chruthachadh a chuideachadh ri comataidhean gus prìomhachas a thoirt dhan cuid sgrùdaidh air na h-ionnsramaidean seo, sìos bho 31 de dh’ionnsramaidean san ùine mu dheireadh dhan deach aithisg a thoirt.

Fo phròtacal fa leth gus beachd a ghabhail air ionnsramaidean reachdail na RA ag èirigh à Achd Aonadh na h-Eòrpa (Fàgail) 2018, far a bheil feum air aonta Ministearan na h-Alba seach gu bheil iad a’ bualadh air cuspairean tiomnaichte, ghabh Pàrlamaid na h-Alba beachd air 34 clàran-fiosrachaidh aonta, sìos bho 93 san ùine mu dheireadh dhan deach aithisg a thoirt.

Thuirt Uilleam Bowman BPA, Neach-gairm Comataidh DPLR:

“Tha galar Covid-19 air a bhith na phàirt nach beag de dh’obair na Comataidh am-bliadhna agus sinn a’ gabhail beachd air an dà chuid am prìomh-reachdas agus an dàrnach reachdas am beachd aghaidh a chur air èiginn na slàinte phoblach agus a buil. Seo rud a chumas a’ Chomataidh oirre a bhith a’ dearcnachadh san ath bhliadhna phàrlamaidich.

“Thug a’ Chomataidh fa-near cuideachd dhan lùghdachadh air ìre an reachdais air Fàgail an AE sa bhliadhna seo dhan deach aithisg a thoirt agus bhiodh ùidh aice rannsachadh a dhèanamh air an ìre de reachdas a dh’fhaodadh a bhith san raon seo agus sinn a’ dlùthachadh ri deireadh na h-ùine airson a bhith a’ gluasad gu Breatamach.”

Thuirt Mgh. Bowman cuideachd: “Tha obair Comataidh DPLR deatamach ann a bhith a’ sgrùdadh nan cumhachdan a tha gan tiomnadh do Mhinistearan leis a’ Phàrlamaid. Ri linn glasadh an t-sluaigh, bha aig a’ Chomataidh ri cothromachadh eadar am feum air dàrnach reachdas ri toirt gu buil gu luath agus am feum air sgrùdadh ceart. Tha i air seo a dhèanamh agus cumaidh i oirre ga dhèanamh a rèir is mar a leanas an galar air adhart. Bidh dùbhlanan sa bhliadhna air thoiseach ach cumaidh a’ Chomataidh oirre a’ coileanadh a cuid dhleastanasan don Phàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha an aithisg làn air an Obair aig Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha 2019-20 ri faighinn an seo.

Is e dleastanas Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha beachd a ghabhail air Ionnsramaidean bho thaobh teicnigeach. Bidh i: 

  • a’ sgrùdadh Ionnsramaidean às leth na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gu bheil na laghan a thathar a’ moladh a rèir nan cumhachdan a tha a’ Phàrlamaid air tiomnadh do Mhinistearan sa phrìomh-Achd – tha lagh nach eil a rèir nan cumhachdan a bheir comas gun tàbhachd agus a rèir sin gun bhuaidh laghail;
  • a’ probhadh càileachd gach Ionnsramaid gus dèanamh cinnteach gu bheil i ceart, gun toir a-mach am poileasaidh a tha san amharc agus gu bheil am briathrachas soilleir don luchd-cleachdaidh; agus  
  • tro chonaltradh agus na h-aithisgean aice, a’ brosnachadh is a’ dearcnachadh ghnìomhan-ceartachaidh le Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan eile a nì riaghailtean.

Gus barrachd ionnsachadh mun obair aig Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha, rach gu làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Fios nam Meadhanan

Baktosch Gillan: 07866 163 636

Fònaichean Text Relay di-beathte

Post-dealain: [email protected]

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an  Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh poblach

Seanailean sòisealta

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @scotparl agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_subleg 

Thoir meas dhuinn air Facebook airson ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan, no faigh a-mach barrachd air YouTube 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.