Buill ag iarraidh bheachdan air buaidh ionmhasail Covid-19 air buidseatan chòraichean daonna

18.08.2020

Thèid buaidh galar a’ choròna-bhìorais air co-dhùnaidhean mu chosg poblach anns an ùine ri teachd gus co-ionannachd agus còraichean daonna a dhìon a bheachdachadh le Comataidh aig Taigh an Ròid.

Tha Comataidh Co-ionannachd agus Chòraichean Daonna (EHRi) Pàrlamaid na h-Alba air gairm a sgaoileadh airson beachdan mu na buaidhean ionmhasail ag èirigh à Covid-19, a’ bhuaidh air maoineachadh bhuidhnean san treas roinn a chuireas taic ri daoine gus am faigh iad cothrom na Fèinne agus cothrom air an cuid chòraichean nam measg.

Seallaidh Buill air mar a ghabhas aghaidh a chur air neo-ionannachd a thàinig am follais ri linn èiginn na slàinte poblaich agus leis an fhreagairt air an èiginn ann an ath-shlànachadh eaconamach na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh bheachdan air dè eile a ghabhas dèanamh gus a dhèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd agus còraichean daoine aig cridhe co-dhùnaidhean buidseit Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ruth NicGuaire BPA:

“Mar a nochd an rannsachadh a tha air a bhith a’ dol aig a’ chomataidh mu bhuaidh Covid-19 air co-ionannachd agus còraichean daonna, is iad cuid den fheadhainn as so-leònte ann an co-luadar a dh’fhiosraich buaidh àicheil seach an àbhaist mar thoradh air a’ ghalar agus na ceuman a thaobh glasadh an t-sluaigh a chuireadh an sàs.

“Tha Covid-19 air cuideam a chur air co-ionannachd ann an Alba mar-thà, ach tha e cuideachd air leigeil fhaicinn gun gabh toraidhean deimhinneach a thoirt gu buil le maoineachadh ag amas air taic ri daoine agus buidhnean fa leth.

“A-nis agus sinn a’ gluasad a-mach às an èiginn agus a’ tòiseachadh na h-eaconamaidh às ùr, tha sinn ag iarraidh cluinntinn mar a thug an galar buaidh air maoineachadh mar thaic ri daoine gus am faigh iad cothrom air an cuid chòraichean agus dèanamh cinnteach gun dèiligear riutha a rèir cothrom na Fèinne.

“Tha sinn cuideachd ag iarraidh rannsachadh a dhèanamh air mar a bhios Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail beachd air co-ionannachd agus còraichean daonna nuair a nì e co-dhùnaidhean buidseit. Tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè na gnìomhan a bu chòir gabhail agus dè am fios a bu chòir trusadh gus an tachair seo ann an seagh nas èifeachdaiche, gus aghaidh a chur air buaidh neo-ionann Covid-19 air buidhnean sònraichte agus dol an sàs ann an co-ionannachd slàinte is shòisealta a tha air a bhith ann an Alba o chionn fhada.”

Is e an ceann-latha deireannach airson freagairtean air a’ ghairm airson beachdan Dihaoine 18 Sultain 2020.

Cùl-fhiosrachadh

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh fios mu na ceistean a leanas:

1. An-uiridh shoirbhich leinn toirt air Riaghaltas na h-Alba gealltainn an ìre airson Co-ionannachd agus Còraichean Daonna àrdachadh gu £30.2m. Dè air a bheilear a’ cosg an airgid seo a bharrachd agus a bheil e gu leòr?

2. Rinn linn an sgrùdaidh air a’ bhuidseat an-uiridh, fhuair sinn a-mach gun robh co-dhùnaidhean mu chosg gan dèanamh uaireannan gun a bhith a’ gabhail beachd mar bu chòir air measadh air buaidhean. Leis na h-ìrean a b’ àirde riamh de thabhartasan gam buileachadh air an roinn phrìobhaidich agus air an treas roinn sna sia mìosan a chaidh mar fhreagairt air COVID 19, dè cho dòchasach agus a tha an treas roinn agus luchd-ùidhe eile gu bheil airgead ga ghealltainn dìreach an dèidh beachd a ghabhail mar bu chòir air a’ bhuaidh air co-ionannachd?

3. Ann am Freagairt Riaghaltas na h-Alba don Bhuidhinn-chomhairleachaidh mu Ath-shlànachadh Eaconamach, gheall Riaghaltas na h-Alba (td..69-70) gum feumar dòigh-dèiligidh a thaobh Co-ionannachd agus Còraichean Daonna a chur ris a’ bheachdachadh is an leasachadh againn air poileasaidh airson ath-shlànachadh is ath-bheothachadh eaconamach. Tha e air liosta a thoirt de na rinn e gu ruige seo gus an gealladh seo a choileanadh agus na tha san amharc aige dèanamh ann an ùine gun a bhith fada. Dè eile a bu chòir a dhèanamh agus ciamar a chuidicheas buidseat 2021-22?

4. Beachdan buntainneach sam bith eile? 

Fios nam Meadhanan

Baktosch Gillan: 07866 163 636

Fònaichean Text Relay di-beathte

Post-dealain: [email protected]

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh, seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd againn.

Fiosrachadh mun Chomataidh

[email protected]

Fiosrachadh poblach

  • Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092 7500 (Beurla)
  • [email protected]
  • Teacsa 07786 209 888
  • Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh beò
  • Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.

Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @SP_EHRiC.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.