Achd Saorsa Fiosrachaidh feumach air leasachadh, a rèir Comataidh Sgrùdaidh Poblach Thaigh an Ròid

19.05.2020

Ann an aithisg sgrùdadh iar-reachdail a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Sgrùdadh Poblach Thaigh an Ròid* ag ràdh gu bheil an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) (FOISA) air soilleireachd agus cunntachalachd bhuidhnean poblach a leasachadh.

Ach, feumar barrachd a dhèanamh gus cumail suas ri nàdar caochlaideach lìbhrigeadh seirbheis phoblaich, dòighean conaltraidh ùra agus an dòigh anns a bheil am poball a’ faighinn fiosrachadh. Feumar an reachdas ùrachadh gus na leasachaidhean sin a nochdadh. Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh a dhèanamh air molaidhean na Comataidh a’ toirt a-steach an Achd a leudachadh gu gach buidheann a tha a’ faighinn airgead poblach susbainteach. 

Tha a’ chomataidh ag ràdh gur dòcha gum bu chòir an reachdas atharrachadh gus a dhèanamh soilleir dè tha ‘fiosrachadh’ a’ ciallachadh. Tha conaltradh, tro shianalan oifigeil no neo-oifigeil, a’ buntainn ri gnìomhachas oifigeil uile a’ tighinn fo ùghdarras na h-Achd an-dràsta – mar eisimpleir geàrr-chunntasan bho choinneamhan ministreil, Whatsapp, teachdaireachdan teacsa no puist-d phrìobhaideach – ach tha a’ Chomataidh den bheachd gum faodadh seo a bhith nas soilleire. 

Tha a’ Chomataidh ga dhèanamh soilleir nach bu chòir feuchainn a dh’aona ghnothach ri FOISA a sheachnadh le bhith a’ dèanamh dearmad gus fiosrachadh a chlàradh. Bhiodh ​​mìneachadh soilleir air dè a th’ ann am “fiosrachadh” na chuideachadh gus lùghdachadh a’ chunnairt gun tachair seo. 

Thuirt Neach-gairm an Gnìomh na Comataidh Sgrùdadh Poblach, Anas Sarwar BPA: 

“Tha e cudromach nochdadh gun deach an aithisg seo aontachadh leis a’ chomataidh mus do thòisich COVID-19 ann an Alba. Tha molaidhean cudromach ann a thaobh mar a tha sinn den bheachd a dh’fheumas am frèam-obrach timcheall Saorsa Fiosrachaidh ann an Alba atharrachadh gus a bhith buntainneach ri nàdar caochlaideach lìbhrigeadh seirbheis phoblaich, dòighean conaltraidh ùra agus an dòigh anns am faigh am poball fiosrachadh. 

“Tha a’ Chomataidh làn mhothachail air an uallach a th’ air seirbheisean poblach an-dràsta am measg galar lèir-sgaoilte ach tha FOI fhathast cudromach, eadhon anns na h-amannan duilich seo. Beachdaichidh sinn air buaidh nan atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh air FOISA mar phàirt de reachdas èiginn Corònabhìorais an ceann ùine.” 

Thuirt Mgr Sarwar cuideachd: 

“Feumaidh reachdas a bhith làidir, soilleir agus comasach a chur an gnìomh. Chuala sinn anns na seiseanan fianais againn molaidhean mu ghluasad anns na bliadhnachan mu dheireadh anns an ìre fiosrachaidh a thathar a’ clàradh gu cunbhalach an co-cheangal ri gnothach poblach oifigeil. 

“Tha sinn gu tur soilleir nach bu chòir oidhirp a dhèanamh a dh'aona ghnothach gus FOISA a sheachnadh. Bu chòir beachdachadh cuideachd air an reachdas atharrachadh gus a dhèanamh soilleir gu bheil FOISA a’ còmhdach innealan leithid WhatsApp, teacsaichean agus cunntasan post-d prìobhaideach ministreil.” 

“Tha dragh oirnn cuideachd mu cho slaodach sa tha buidhnean air an ainmeachadh fon Achd. Tha seo a’ sealltainn nach eil an reachdas sùbailte gu leòr agus bu mhath leinn atharrachaidhean a dhèanamh gus dèiligeadh ri seo.” 

A thaobh a bhith ag atharrachadh beachdan na roinne poblaich a thaobh FOI, thuirt a’ chomataidh gun toireadh gluasad a dh’ionnsaigh foillseachadh fiosrachaidh gu for-ghnìomhach taic dha seo, a’ meudachadh earbsa ann an ùghdarrasan poblach, ach cuideachd a’ lùghdachadh na h-àireimh de dh’iarrtasan agus mar sin a’ cuideachadh le cosgaisean co-cheangailte ris an roinn phoblaich a lùghdachadh. 

Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh a dhèanamh air na h-atharrachaidhean air reachdas a leanas: 

· Thoir a-steach dòigh-obrach ‘fhactaran’ stèidhichte air deuchainnean gnìomhach – m.e. tomhas air ìre ùidh a’ phobaill anns a’ ghnìomh/a’ beachdachadh air a’ chosgais don sporan phoblach.

· Thoir a-steach ‘clàs geata’ a bheireadh, gun iarraidh, na h-eileamaidean sin de bhuidhnean a tha a’ coileanadh slatan-tomhais sònraichte taobh a-staigh raon FOISA.

· Thoir a-steach còd reachdail airson fiosrachadh fhoillseachadh.

· Riatanas gun tèid cuid de phrìomh fhiosrachadh, leithid geàrr-chunntasan choinneamhan ministreil, a chlàradh.

· Cuir stad air clàsan dìomhaireachd eadar ùghdarrasan poblach agus cunnradairean. 

Notaichean do luchd-deasachaidh: 

*Tha e cudromach toirt fa-near gun deach an aithisg air an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) (FOISA) aontachadh, ach nach deach fhoillseachadh, leis a’ Chomataidh Sgrùdadh Poblach mus do thòisich COVID-19 ann an Alba. 

Chaidh atharrachaidhean air reachdas FOISA aontachadh leis a’ Phàrlamaid mar phàirt den Bhile Corònabhìorais (Alba) air 1 Giblean 2020. Mar thoradh air sin, rinneadh leudachadh air a’ cheann-latha airson bhuidhnean poblach  a bhith a’ toirt freagairt do dh’iarrtasan FOI bho 20-60 latha. Chaidh na ceumannan sin aontachadh gus nach tèid ùghdarrasan poblach a pheanasachadh airson prìomhachas a thoirt do raointean eile anns an ùine èiginn gun samhail seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.