Comataidh Slàinte is Spòrs dol a sgrùdadh buaidh Covid-19 air dachaighean cùraim

04.05.2020

Chuir Comataidh Slàinte is Spòrs Phàrlamaid na h-Alba suirbhidh air bhog an-diugh a’ coimhead air na cùisean sònraichte a tha mu choinneamh dachaighean cùraim ri linn galar lèir-sgaoilte corònabhìorais.

Tha an sgrùdadh digiteach ag amas air faighinn a-mach dè cho deiseil ’s a tha dachaighean cùraim gus dèiligeadh ris a’ ghalair sgaoilte seo, agus mar a fhuair iad taic agus uidheamachadh gus dèiligeadh ris a’ bhuaidh aige. Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan bho luchd-còmhnaidh dachaighean cùraim, an teaghlaichean agus luchd-obrach dachaighean cùraim. 

Thairis air na seachdainean a tha romhainn, bidh a’ Chomataidh a’ gabhail os làimh sreath de rannsachaidhean goirid mu fhreagairt Riaghaltas na h-Alba ris a’ ghalar sgaoilte. 

A bharrachd air a bhith a’ coimhead air na cùisean a tha mu choinneimh dachaighean cùraim, bidh a’ Chomataidh a’ coimhead air poileasaidh deuchainn an Riaghaltais, cùisean a thaobh uidheamachd dìon pearsanta (PPE), agus am planadh agus ullachadh èiginn a bha ann le sùil ri taic a thoirt do chomas na roinn slàinte agus cùram sòisealta a bhith a’ dèiligeadh ri dàrna ionnsaigh sam bith den bhìoras, no galar sgaoilte eile san àm ri teachd. 

Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs: 

“Mar a tha an àireamh bàis bhon ghalar sgaoilte corònabhìoras air a bhith ag èirigh, tha e air a thighinn am follais gu bheil dachaighean cùraim gu sònraichte air mòran caill fhulang. 

“Tha an dàta as ùire bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba a’ sealltainn gu bheil còrr air leth de bhàsan corònabhìorais ann an Alba a-nis a’ tachairt ann an dachaighean cùraim. 

“Tha seo uabhasach agus tha buaidh mhillteach aige air luchd-còmhnaidh, luchd-obrach agus an teaghlaichean. 

“Tha a’ Chomataidh againn dìorrasach gus faighinn a-mach dè na cùisean a tha fa chomhair dachaighean cùraim, mar a fhuair iad taic bhon Riaghaltas agus dè as urrainn a dhèanamh a-nis gus an cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris an dùbhlan seo nach fhacas a leithid a-riamh.” 

Gheibhear an suirbhidh an seo: www.parliament.scot/care-homes-covid

Dùinidh e air 20mh Cèitean.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.