BPA ag iarraidh air Riaghaltasan na RA agus na h-Alba obair còmhla agus billeanan not de shochairean gun an gabhail le daoine

11.03.2020

Feumaidh Riaghaltasan na RA agus na h-Alba obair nas dlùithe còmhla gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine na sochairean air a bheil iad airidh, thuirt aithisg ùr le Comataidh Tèarainteachd Shòisealta aig Pàrlamaid na h-Alba. Thathar a’ meas gu bheil luach bhilleanan de dh’airgead shochairean ann nach eil daoine a’ gabhail gach bliadhna.

Chuir a’ Chomataidh fàilte air dleastanas reachdail Riaghaltas na h-Alba gus ro-innleachd togail shochairean a bhith aca agus rinn iad moladh air Riaghaltas na h-Alba airson nan oidhirpean aca gus meudachadh a thoirt air an uiread shochairean tiomnaichte a thèid a thogail. Chuir iad dragh an cèill mu dìth ro-innleachd togail shochairean an DWP. Thuirt a’ Chomataidh gum faodadh Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba a bhith a’ stiùireadh ro-innleachdan togail shochairean airson gach cuid sochairean tiomnaichte agus glèidhte.

Thog an aithisg dragh mu ghainnead dàta pongail mu bhith a’ tuairmeas airidheachd agus gabhail, a’ ciallachadh nach eil fios ceart ann mu mheud an duilgheadais. Mhol a’ Chomataidh gun òrdaicheadh Riaghaltas na RA agus na h-Alba co-rannsachadh gus an dàta a leasachadh.

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt luaidh air na cnapan-starra leantainneach a dh’fhaodadh a bhith a’ ciallachadh nach bi daoine a’ gabhail shochairean air a bheil iad airidh. Nam measg tha, stiogma gu bheileas a’ faighinn shochairean, nach eil fios aig daoine mu na sochairean air a bheil iad airidh, pròiseasan tagraidh duilich, agus don fheadhainn a tha a’ fuireach air dùthaich na h-Alba, duilgheadasan ag èirigh bhon chruth-tìre.

Tha an aithisg cuideachd a’ toirt rabhadh gu bheil an dòigh-obrach ‘didseatach sa chiad dol a-mach’ a th’ ann an-dràsta ann an Creideas Coitcheann a’ dùnadh a-mach daoine nach eil litearra ann an TF no aig nach eil cothrom air an eadar-lìon. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh gum bi na buannachdan uile rim faighinn tro iomadh sianal tagraidh.

Thuirt Bob Doris BPA, Neach-gairm na Comataidh Tèarainteachd Shòisealta:

“Chan eil e math gu leòr gum bi billeanan de shochairean fhathast gun an gabhail gach bliadhna. Leis gur e aon de na h-amasan ainmichte aig an DWP a thaobh Creideas Coitcheann a bhith a’ meudachadh gabhail shochairean, tha e na chùis uabhais nach eil ro-innleachd aca airson seo a choileanadh.

“Tha e deatamach gum faigh sinn dàta nas pongaile air na h-àireamhan dhaoine a tha airidh air sochairean gus an tèid ro-innleachdan conaltraidh sam bith a chuimseachadh air an fheadhainn a tha feumach a tha gan call an-dràsta.

“Tha roinn dàta thar Riaghaltasan agus buidhnean na phrìomh dhòigh air ìrean gabhail shochairean a leasachadh agus tha sinn làidir sa bheachd nach fhaodar GDPR a chleachdadh mar leisgeul gun a bhith a’ roinn dàta. Tha e cuideachd deatamach gu bheil buidhnean sochair air am maoineachadh gu freagarrach agus tha sinn a’ sireadh barrachd maoineachaidh sheasmhaich airson nam buidhnean sin.

“Tha an fhianais againn air dèanamh soilleir gum feum an dà riaghaltas barrachd a dhèanamh gus obrachadh gu tarbhach airson a bhith cinnteach gum faigh daoine na sochairean air a bheil iad airidh agus cuir às do chnapan-starra sam bith a tha a’ ciallachadh gu bheil daoine a’ call a-mach."

Thuirt an neach-gairm cuideachd:

“Tha sinn cuideachd air cluinntinn gur mathaid, ma chuireas Riaghaltas na h-Alba an-àirde an reat gabhail de shochair glèidhte, gum feumadh iad airgead-dìolaidh a thoirt do Riaghaltas na RA. Chan eil sin idir ceart. Feumaidh sinn soilleireachd air a’ chùis seo gun dàil agus tha feum air ìre fada nas motha de cho-òrdanachadh gus ìre gabhail shochairean a chur cho àrd ’s a ghabhas, ge bith a bheil e tiomnaichte no glèidhte.”

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.