Maoineachadh nan ealain feumach air barrachd cuideim air luchd-ealain, tha Comataidh aig Taigh an Ròid ag ràdh

10.12.2019

Tha Comataidh Cultair, Turasachd agus Chùisean an Taobh A-muigh air an aithisg aice fhoillseachadh an-diugh air maoineachadh nan ealain is an luchd-ealain ann an Alba far a bheil i ag iarraidh ath-shocrachadh gun dàil air poileasaidh is maoineachadh nan ealain. Is e aithisg na Comataidh a’ chiad rannsachadh le Pàrlamaid na h-Alba a ghabh beachd air siostam-maoineachaidh nan ealain gu h-iomlan.

Anns an aithisg aice, tha a’ Chomataidh air aire tharraing nach eil na modalan mu mhaoineachadh a tha ann an-dràsta a’ toirt taic gu leòr do luchd-ealain fa leth agus gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh ann an da-rìribh gun tèid buidseat-maoineachaidh 1% os cionn buidseat Riaghaltas na h-Alba san fharsaingeachd a chur ris an ro-innleachd mu chultar a tha air fàire. 

Bho thòisich i air an rannsachadh aice anns a’ Mhàrt am-bliadhna chuala a’ Chomataidh bho fharsaingeachd luchd-ealain agus luchd-ùidhe eile air ceist maoineachadh nan ealain. Ghabh seo a-steach a bhith ag èisteachd ri fianais bho luchd-ealain is bho bhuidhnean-ealain, a’ tadhal a dh’èisteachd ri luchd-ealain ann an coimhearsnachdan ionadail agus a’ feuchainn ri ionnsachadh bho àiteachan eile, stèidhichte air rannsachadh a dh’iarr a’ Chomataidh air maoineachadh nan ealain ann an dùthchannan eile. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Seonag NicAilpein BPA:   

“B’ e amas farsaing na h-aithisge seo an cuideam air siostam-maoineachaidh nan ealain a chur air an luchd-ealain fhèin. Chuala a’ chomataidh fianais làidir gu bheil feum air gnìomh nach beag gus seo a thoirt gu buil. 

“Chan fhàs maoineachadh poblach airson ealainean is cultar na h-Alba seasmhach ach a-mhàin ma bhios luchd-ealain aig cridhe a’ phoileasaidh agus ma phàighear riutha an tuarastal ceart air a bheil iad airidh. Tha a’ Chomataidh, uime sin, air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus air Alba Chruthachail gnìomh làidir a ghabhail gun dàil gus a dhearbhadh gun tachair seo. 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Claire Baker BPA: 

‘Seach nach e seirbheis reachdail a tha ann an cultar, tha e so-leònte do bhrùthadh a thaobh maoineachaidh, agus tha ullachadh nan seirbheisean cultarail air feadh na dùthcha caochlaideach. Is e a tha ann an siostam-maoineachadh seasmhach airson nan ealain fear far am bi Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail ag obair còmhla gus taic a chur ri cruthachalachd anns gach ceàrnaidh ann an Alba, agus feumar an càirdeas seo a shuidheachadh às ùr.’ 

Cùl-fhiosrachadh 

Bha dà chuspair fharsaing air rannsachadh na Comataidh, a bha mar a’ chiad rannsachadh aig Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba a ghabh beachd air maoineachadh nan ealain — 

1.    Cò ris a bhiodh modal seasmhach mu mhaoineachadh nan ealain coltach; agus 

2.    Ciamar a bu chòir cothrom air a’ mhaoineachadh sin a thoirt do luchd-ealain? 

Fhuair a’ Chomataidh 69 freagairtean bho raon farsaing dhaoine fa leth agus bhuidhnean. Ghabh a’ Chomataidh ri fianais fhoirmeil seachd tursan agus chaidh i air tursan-rannsachaidh gu Inbhir Àir agus Dùn Phàrlain far an do choinnich i ri luchd-ealain aig ìrean eadar-dhealaichte de na dreuchdan aca, riochdairean ùghdarrasan ionadail agus daoine ag obair anns na h-ealainean. Dh’iarr a’ Chomataidh cuideachd rannsachadh neo-eisimeileach mar choimeas bho Drew Wylie Earr. gus aire tharraing air eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr thall thairis gus cuideachadh ris an rannsachadh. 

Gheibhear aithisg na comataidh an seo:   

https://digitalpublications.parliament.scot/Committees

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.