Bu mhath le muinntir na h-Alba barrachd cleachdadh de theicneòlas fhaicinn taobh a-staigh an NHS, fhuair rannsachadh bho Chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba.

03.07.2019

Bu mhath le muinntir na h-Alba barrachd cleachdadh de theicneòlas fhaicinn taobh a-staigh an NHS, fhuair rannsachadh bho Chomataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh ciad toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh an-diugh mar phàirt den rannsachadh aig Comataidh Slàinte is Spòrs air prìomh-chùram san àm ri teachd.

Tha aithisg na Comataidh mar chiad phàirt den rannsachadh aca a chuir beachdan a’ phobaill aig toiseach ghnothaichean. Tha am poball a’ cur an cèill iarrtas airson clàran-euslaintich dealanach a bhios a’ cumail a h-uile seòrsa fiosrachaidh, agus gum bu mhath leotha gun robh an comas aca a bhith a’ dèanamh conaltradh ri proifeiseantaich slàinte tro phost-dealain, a’ cur choinneamhan air a’ chlàr-ama air-loidhne agus a’ faighinn cho-chomhairleachaidhean tro bhidio.

Tha an aithisg a’ cur an cèill iarrtas soilleir bhon phoball airson atharrachadh san dòigh sa bheilear a’ faighinn cothrom air seirbheisean prìomh-chùraim agus san dòigh sa bheilear gan lìbhrigeadh. Tha na molaidhean as cumanta a’ gabhail a-steach:

· Barrachd fòcas air ìocshlaint dhìonadach, an àite air leigheas, a’ gabhail a-steach MOT slàinte airson a h-uile duine gu bhith air a thoirt a-steach;

· Coinneamhan leis a’ phroifeiseantach slàinte as fhreagarraich, an àite daonnan leis an dotair-teaghlaich;

· Slàinte inntinn gu bhith mar phrìomhachas, agus an NHS ag obair còmhla ri sgoiltean agus fastaidhearan gus trioblaidean slàinte inntinn a ghlacadh tràth, agus slàinte inntinn gu bhith air a gabhail a-steach mar phàirt de thrèanadh luchd-teagaisg;

· Siostaman a tha nas sùbailte agus nas sgioblaichte airson coinneamh fhaighinn leis an dotair – a’ gabhail a-steach cothrom air coinneamhan anns an fheasgar/aig an deireadh-sheachdain mar àbhaist;

· Fiosrachadh nas so-ruigsinnich air na seirbheisean a tha rim faotainn agus leudachadh ann an seirbheisean prìomh-chùraim, gu h-àraid a thaobh dheuchainnean agus breithneachadh lèigh, agus riaghladh pian agus cuideam.

Thuirt Lewis Dòmhnallach BPA, Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs:

“Tha prìomh-chùram san àm ri teachd na chuspair a bhios a’ toirt buaidh air a h-uile saoranach ann an Alba. Tha e a’ gabhail a-steach raon farsaing de sheirbheisean, bho dhotairean teaghlaich (GPs) no nursaichean coimhearsnachd, gu proifeiseantaich slàinte eile ris am bi sinn a’ dèiligeadh, leithid teirpichean-cuirp agus teirpichean-gnìomhachd, mnathan-glùine, fiaclairean, speuclairichean agus cungaidhearan.

“Chuir sinn romhainn gun cuireamaid am poball aig teas-mheadhan a’ chòmhraidh againn, agus tha e soilleir bho na chaidh innse dhuinn gu bheil am poball fiosrach agus dealasach mu dheidhinn prìomh-chùram ann an Alba san àm ri teachd.

“Tha e soilleir gu bheil am poball ag iarraidh atharrachadh agus nach urrainn dhuinn cumail oirnn leis an t-suidheachadh a th’ ann an-dràsta.

“Mar dhàrna phàirt den rannsachadh againn, bidh a’ Chomataidh a’ toirt nan toradh seo gu proifeiseantaich slàinte gus an fhreagairt acasan fhaighinn mus dèan sinn molaidhean deireannach don Phàrlamaid.”

Tha na toraidhean eile san aithisg a’ gabhail a-steach gu bheil 77 sa cheud den luchd-freagairt ag aontachadh ris an àrd-amas aig Riaghaltas na h-Alba airson prìomh-chùram agus gu bheil 78 sa cheud dhiubhsan a tha air na seirbheisean taobh a-muigh uairean-oifise a chleachdadh riaraichte no glè riaraichte leotha.

Chaidh cùisean-cùraim a thogail cuideachd a thaobh meadhanachadh sheirbheisean agus neo-ionannachd eadar seirbheisean dùthchail agus seirbheisean bailteil.

Cùl-fhiosrachadh

Tha an làn-aithisg an cois.

Chuir Comataidh Slàinte is Spòrs romhpa gun robh e freagarrach, mar thoradh air iomadh leasachadh ann an seirbheisean prìomh-chùraim, sùil nas fharsainge a thoirt air seirbheisean agus mar a dh’fhaodas iad a bhith san àm ri teachd.

B’ e amas na ciad phàirt den rannsachadh gu bhith ag èisteachd riuthasan a bhios a’ cleachdadh sheirbheisean a thaobh dè na prìomhachasan a tha acasan airson prìomh-chùram. Chaidh an t-suirbhidh a chur air bhog aig toiseach a’ Mhàirt agus mhair i fosgailte gu deireadh a’ Ghiblein. Uile gu lèir, fhuaireadh 2,549 freagairtean.

Bha suirbhidh bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba cuideachd a’ cur ris, agus dh’obair Pàrlamaid na h-Òigridh leis a’ Chomataidh gus dèanamh cinnteach gun robh cothrom aca air beachdan dhaoine òga eadar aoisean 12 agus 25. Fhuair an t-suirbhidh seo 1,136 freagairtean.

An dèidh sin, chaidh trì pannalan poblach a stèidheachadh, a’ gabhail a-steach eadar 10 is 14 duine air an samplachadh bho sgioba de dhaoine a bha air am fastadh gus slatan-tomhais sònraichte a choileanadh (me aois, gnè, suidheachadh sòiseo-eaconamach). Bha na pannalan a’ deasbad chùisean coltach riuthasan a nochd san t-suirbhidh ann an dòigh dhomhainn agus fiosrach. Bha na pannalan air an suidheachadh anns an Ear (Dùn Phàrlain), anns an Iar (Camas Long) agus anns an Tuath (Inbhir Uaraidh) (a’ freagairt ri roinnean an NHS). Gheibhear na làn-aithrisean air na suirbhidhean agus air seiseanan nam pannal anns an aithisg.

Faodaidh tu barrachd ionnsachadh mu dheidhinn na h-obrach aig Comataidh Slàinte is Spòrs air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.