Mìcheal Gove BP gu bhith a’ nochdadh air beulaibh comataidhean Pàrlamaid na h-Alba

13.05.2019

Thig poileasaidhean na Rìoghachd Aonaichte air àiteachas is iasgach san àm ri teachd fon phrosbaig nuair a chluinneas dà chomataidh bho Phàrlamaid na h-Alba bho Mhìcheal Gove BP, Rùnaire na Stàite airson na h-Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail.

Tro cheangal bhidio, bidh Rùnaire na Stàite a’ toirt fianais gu dà chomataidh a tha a’ rannsachadh dè a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air an àrainneachd agus air cùisean dùthchail ann an Alba. 

Bidh a’ choinneamh a’ tachairt air Diciadain 15 Cèitean, nuair a bhios Rùnaire na Stàite a’ toirt fianais gu Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn aig 9.30 agus gu Comataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Co-cheangailteachd aig 10.45. Bidh an dà sheisean a’ tachairt ann an Seòmar Comataidh 1. 

A’ bruidhinn ron choinneimh, thuirt Gillian Martin BPA, Neach-gairm Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn:  

“Tha e soilleir gu bheil sinn aig crois-rathaid airson na h-àrainneachd ann an Alba. Leis a’ chunnart shìor-làthaireach de Bhrexit gun chùmhnant, tha fìor dhùbhlain romhainn a thaobh mar a bhios an àrainneachd againn air a dhìon is air a stiùireadh. 

“A bharrachd air faighneachd am bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil gu bhith a’ reachdachadh anns an raon seo a tha tiomnaichte, bidh sinn a’ cur fon phrosbaig cùisean air a bheil sinn air a bhith a’ dèanamh còmhradh ri com-pàirtichean a thaobh cheimigean agus sgudal.  

“Bidh na cùisean seo fo bhuaidh nam frèamaichean cumanta – aontaichte le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Rianachdan tiomnaichte eile – agus mar sin tha e cudromach gun cluinn sinn mu dheidhinn prìomhachasan agus dùilean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn ag iarraidh a dhèanamh cinnteach nach bi na tèarainteachdan is riaghailtean a tha a’ riaghladh nan raointean seo air an lagachadh mean air mhean, oir mar thoradh air sin dh’fhaodadh ceimigean a tha air an seòrsachadh gu bhith ro mhì-shàbhailte mar in-mhalairt don Aonadh Eòrpach a bhith air an toirt a-steach don Rìoghachd Aonaichte, no dh’fhaodadh nach bi longas sgudail air a stad. 

“A bharrachd air sin, bidh sinn a’ sireadh bharantasan làidir bho Rùnaire na Stàite nach bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaicthe a’ fuasgladh an rèiteachaidh air tiomnadh chumhachdan agus gum bi iad a’ toirt spèis don chomas reachdail a tha aig Pàrlamaid na h-Alba air poileasaidh àrainneachdail.” 

Thuirt Eideard Mountain BPA, Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Co-cheangailteachd: 

“Tha an soirbheas a tha aig raon an àiteachais agus raon an iasgaich deatamach airson choimhearsnachdan dùthchail air feadh Alba agus, gu dearbh, air feadh na Rìoghachd Aonaichte. 

“Tha fàgail an Aonaidh Eòrpaich, agus na cumhaichean fo am fàg sinn, nan cùisean uabhasach cudromach do na gnìomhachasan luachmhor seo. Bidh poileasaidhean Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba a’ toirt fìor bhuaidh so-bheanailteach air na cothroman a tha gu bhith aig iasgairean is tuathanaich na h-Alba. 

“Tha Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a’ beachdachadh air Bile Iasgaireachd agus Bile Àiteachas an-dràsta, agus bidh buil aig na Bilean sin air Alba agus air cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba. Agus tha Riaghaltas na h-Alba gu bhith a’ cur air adhart Bile Àiteachas às a leth fhèin. Mar sin, is mithich gu bheil an cothrom cudromach seo againn gu bhith a’ cur cheistean do Rùnaire na Stàite.” 

Cùl-fhiosrachadh

Bidh a’ choinneamh a’ tachairt ann an Seòmar Comataidh 1 bho 9.30m air Diciadain 15 Cèitean. 

Bidh luchd-naidheachd còmhdhail ag iarraidh a bhith mothachail gum bi Comataidh Eaconamaidh Dùthchail agus Co-cheangailteachd cuideachd a’ gabhail cunntas coitcheann as ùr air cùisean còmhdhail, bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Còmhdhail, mus cluinn iad bho Mhgr Gove. Is dòcha gum bi an seisean seo a’ dèiligeadh ri pròiseactan mòra bun-structar còmhdhail (m.e. drochaid ùr Phort na Banrighinn, an AWPR, ath-nuadhachadh an A9 agus an A96, togail shoithichean-aiseig ùra, msaa) a bharrachd air raon chuspairean poileasaidh còmhdhail. Thathar an dùil gun tachair an seisean seo bho 9 gu 10.30. 

Bidh Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta bho luchd-naidheachd ann an dòigh thèarainte air los gum faodar aithriseadh air obair Pàrlamaid na h-Alba, a rèir riatanasan làithreach air dìon dàta. Tha còir agad sgur dhe fo-sgrìobhadh aig àm sam bith. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am Brath Prìobhaideachd againn. 

Comataidh Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid agus Ath-leasachadh Fearainn

Contact information

Media Information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • [email protected]
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.