13.05.2019
Bidh aire
BPA na Comataidh Cultair, Turasachd, na Roinn Eòrpa agus
Cùisean Taobh a-muigh air rèidio malairteach ionadail agus an sgrùdadh aca air a’ chuspair a’
leantainn aig coinneamh an t-seachdain sa tighinn.
San
Dàmhair 2018 chaidh na riaghailtean a bha a’ mìneachadh dè bha ionadail a’
ciallachadh a thaobh rèidio malairteach ionadail atharrachadh leis an
riaghladair OFCOM. Mar thoradh air sin, chaidh an ìre as lugha de phrògraman a
dh’fheumar a dhèanamh gu h-ionadail a lùghdachadh bho 43 uairean a thìde gach
seachdain gu 15 uair a thìde.
A’ leantainn
air an atharrachadh seo, dh’innis Global Radio o chionn ghoirid gu robh iad ag
atharrachadh a’ chlàr phrògraman aca ann an Alba. Dh’fhaighnich a’ Chomataidh
dhaibh sa Mhàrt carson a cho-dhùin iad am prògramadh ann an Alba a lùghdachadh
agus a’ bhuaidh a bhiodh aige air an luchd-èisteachd aca.
Leanaidh
an rannsachadh air Diardaoin 16 Cèitean nuair a chluinneas iad bho OFCOM, DC
Thomson agus Bauer Radio.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Seonag Nic Ailpein BPA:
“Tha e air
leth cudromach gu bheil lìonra craolaidh rèidio ionadail soirbheachail ann an
Alba le tasgadh ann am prògraman a tha gan dèanamh ann an Alba.
“Tha
Bauer Radio agus DC Thomson nan craoladairean cudromach ann an Alba agus leis
na h-atharrachaidhean a chaidh a chur an cèill le Global Radio, tha a’
Chomataidh gu mòr airson cluinntinn bhuapa mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith
air na seanailean aca, air sgàth nan atharrachaidhean a dh’fhoillsich OFCOM o
chionn ghoirid.
Cùl-fhiosrachadh
Seall ris a’ Chomataidh beò air Diardaoin 16 Cèitean. Faigh tuilleadh fiosrachaidh.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- [email protected]
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
