Tiogaidean Poblach airson Comataidhean

  • Gheibh thu a-mach mu na coinneamhan comataidh a tha gan cumail agus na th’ air a’ chlàr-gnothaich bhon Iris Ghnothaichean.
  • Faodaidh daoine fa-leth (1-9 neach) iarraidh airson tiogaidean air a’ char as tràtha 7 làithean ron choinneimh dham bu toil leotha dol. Mar as àbhaist cha bhi an clàr-gnothaich air a rèiteach nas tràtha na 7 làithean ro-làimh.
  • Faodaidh buidhnean de 10-15 tiogaidean a chur air dòigh nas fhaide air thoiseach na 7 làithean ach a-mhàin mas ann air an latha a thagh sibh a bhithear an dùil ri coinneamh comataidh.  
  • Airson coinneamh comataidh, tha Còd Giùlain Luchd-tadhail ris am feumar leantainn, le òrdugh An Oifigeir Riaghlaidh.
  • Nach lion thu am foirm gu h-ìosal gus tiogaidean iarraidh. Is e foirm iarrtais airson tiogaidean a tha seo ’s chan eil e na shiostam clàraidh air-loidhne. Ma bhios tiogaidean rim faighinn cuiridh sinn post-d thugad gus an clàradh agad dhaingneachadh.
  • Air an làimh eile, faodaidh tu fòn no post-d a chur thugainn ag iarraidh tiogaidean. Tha fiosrachadh air mar a chuireas tu fios oirnn sa bhocsa air taobh dheis na duilleige seo.
   
   
   
   
   
   
This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.