Rannsachadh comataidh Thaigh an Ròid: a bheil am maoineachadh Eòrpach luach €940m ag obair, agus dè chuirear na àite?

15.02.2018

Dè cho èifeachdach ’s a tha maoineachadh Eòrpach, luach €940 millean* gu h-iomlan, dha eaconamaidh na h-Alba? Agus dè thèid a chur na àite? Is iad sin an dà phrìomh chùisean a thèid a sgrùdadh ann an rannsachadh comataidh a tha ri thighinn ann an Taigh an Ròid.

Tha Comataidh Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh a chluinntinn nam beachdan is nan draghan a tha aig daoine, gnothachais is buidhnean, agus iad a’ tòiseachadh air an rannsachadh aca air mar a thathar a’ cleachdadh Maoinean Structarail agus In-thasgadh Eòrpach (ESIF) gus taic a thoirt gu leasachadh eaconamach ann an Alba, gach cuid aig ìre nàiseanta agus aig ìre roinneil; agus dè bu chòir a chur an àite ESIF an dèidh don Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Tha Maoinean Structarail agus In-thasgadh Eòrpach (ESIF) a’ toirt taic do bhuidhnean poblach—leithid Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Leasachadh Sgilean na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus cuid dhe obair Riaghaltas na h-Alba fhèin—airson raon farsaing de ghnìomhan, nam measg prògraman sgilean agus trèanaidh, rannsachadh agus leasachadh, taic do ghnothachais agus leasachadh bun-structair.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Gordon Lindhurst BPA:

“Tha an ESIF ag amas air prìomhachais an EU a choileanadh ann an raointean leithid fastadh, tionnsgnadh, foghlam, lùghdachadh bochdainne agus atharrachadh clìomaid is lùths ath-nuadhachail.

“Bu mhath leis a’ Chomataidh a bhith ‘leantainn air an airgead’, le bhith ag èisteachd ri beachdan Riaghaltas na h-Alba agus riaghaltais ionadail, a bharrachd air èisteachd ri daoine fa leth, gnothachais is buidhnean eile air am bi buaidh bho mhaoineachadh ESIF.”

Lean Mgr Lindhurst air:

“Is iad na prìomh cheistean airson na Comataidh: Ciamar a thathar a’ cosg a’ mhaoineachaidh airson 2014-2020, dè na raointean a fhuair buannachd às, agus an robh cùisean sam bith ag èirigh? Ciamar a thathar a’ measadh nam maoinean a thaobh luach an airgid? Ciamar a dh’fhaodas ge be air bith a thèid a chur an àite ESIF a bhith air a chleachdadh gus piseach a chur air fastadh, bun-structar agus dèanadas ann an roinnean na h-Alba? Agus dè na cothroman is cunnartan a gheibhear ann am maoin no prògram sam bith a thèid a chur an àite ESIF?”

Tha an gairm airson fianais bhon Chomataidh a’ dùnadh air Dihaoine 13 Giblean 2018. An dèidh dhaibh an sgrùdadh a choileanadh, bidh Comataidh Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach a’ co-phàirteachadh nan toraidhean aca le Riaghaltas na h-Alba.

Cùl-fhiosrachadh

*Eadar 2014 agus 2020, chaidh €941 millean a riarachadh gu taic airson leasachadh eaconamach ann an Alba. Gu ruige seo, chaidh gealltanasan a thoirt gu pròiseactan airson mu 50 sa cheud dheth sin. Mar thoradh air maoineachadh co-ionann bhon raon phoblach Albannach, faodaidh ESIF in-thasgadh iomlan adhbharachadh ann an eaconamaidh na h-Alba dhe mu €1.9 billean rè an ama 2014-2020. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ riarachadh nam maoinean gu prìomh chom-pàirtichean, leithid bhuidhnean-stiùiridh, buidhnean-gnìomha agus ùghdarrasan ionadail, a bhios an uair sin a’ solarachadh maoineachaidh co-ionann agus ag ath-riarachadh a’ mhaoineachaidh gu pròiseactan fa leth agus gu buidhnean.

Bidh Comataidh an Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach a’ dèanamh sgrùdaidh air raon farsaing de chuspairean a tha taobh a-staigh raon-ùghdarrais Rùnaire a’ Chaibineit airson Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach, a’ gabhail a-steach: poileasaidh lùtha; a’ bhuaidh bho bhòt na Rìoghachd Aonaichte gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail; obair chothromach; agus cùisean ceangailte ri eaconamaidh na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a’ tighinn gu co-dhùnadh an dèidh làn-fhianais fhaighinn bho, agus a’ conaltradh ri, raon farsaing de chom-pàirtichean ‘air an làr’, agus tha i a’ sgrùdadh poileasaidh ann an dòigh a tha ùghdarrasail, ealanta, èifeachdach agus cumhachdach.

Gheibhear dealbhan den Chomataidh agus den Neach-gairm an-asgaidh.

Gairm airson bheachdan – Rannsachadh air Maoinean Structarail agus In-thasgadh Eòrpach

Chuir a’ Chomataidh a-mach gairm choitcheann airson bheachdan air Diardaoin 15 Gearran. ’Se cuspair an rannsachaidh seo na Maoinean Structarail agus In-thasgadh Eòrpach (ESIF).

An-dràsta, tha ESIF a’ cuideachadh maoineachadh a thoirt do ghrunn phrògraman leasachaidh eaconamaich ann an Alba, a’ toirt taic do bhuidhnean poblach—leithid Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Sgilean Leasachaidh na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus cuid dhe obair Riaghaltas na h-Alba fhèin—airson raon farsaing de ghnìomhan, nam measg prògraman sgilean agus trèanaidh, rannsachadh agus leasachadh, taic do ghnothachais agus leasachadh bun-structair.

Rè a’ Chèitein agus an Ògmhios am-bliadhna, bidh Comataidh Eaconamaidh, Obraichean agus Obair Chothromach a' dèanamh rannsachaidh air ESIF agus dè thèid a chur na àite an dèidh don Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Dh’aontaich a’ Chomataidh ris an raon-ùghdarrais a leanas:

“Gus tuigse fhaighinn air mar a thathar a’ cleachdadh Maoinean Structarail agus In-thasgadh Eòrpach (ESIF) gus taic a chur gu leasachadh eaconamach ann an Alba, gach cuid aig ìre nàiseanta agus aig ìre roinneil. Bidh seo a’ cuideachadh cumadh a thoirt dha, agus a leasachadh, beachdan na Comataidh air dè bu chòir a chur an àite ESIF an dèidh don Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Air an adhbhar sin, tha a’ Chomataidh ag iarraidh èisteadh ris na beachdan agus ris an eòlas aig an uiread ’s a ghabhas de dhaoine, gnothachais agus buidhnean, agus tha iad mar sin a’ sireadh thagraidhean sgrìobhte air na cuspairean a leanas:

Prìomhachasan caiteachais agus modhan ceadachaidh a tha ann an-dràsta:

A’ cumail an cuimhne gu bheil Maoinean Structarail air an riaghladh le reachdas agus riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich:

1. Ciamar a rinn Riaghaltas na h-Alba na prìomhachasan caiteachais, agus ciamar a fhuair iad aontachadh, airson nan suimean ESIF làithreach?

2. Dè na modhan a chleachd Riaghaltas na h-Alba gus aonta fhaighinn airson nam planaichean ESIF aca bhon Choimisean Eòrpach?

3. Dè seòrsa com-pàirteachais a bha ann le buidhnean-gnìomha Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus an treas raon aig an ìre seo den phròiseas?

Caiteachas làithreach

4. Ciamar a thathar a’ gabhail cunntas de na feumalachdan diofaraichte aig roinnean na h-Alba anns an raon de phrògraman ESIF a tha ann an-dràsta?

5. Ciamar a thathar a’ cosg maoineachadh nam prògraman 2014-2020, dè na raointean a fhuair buannachd às, agus a bheil cùisean sam bith ag èirigh às na geallaidhean no pròiseasan seo?

6. A bheil tuigse ann air na cùisean làithreach a thaobh cunntachalachd agus toirt cunntas air ais?

7. Ciamar a thathar a’ meas nam prògraman, a tha ann an-dràsta agus a bha ann roimhe, agus a bheil molaidhean sam bith ann a thaobh a’ phròiseas measaidh?

Prògraman ri teachd

8. Ciamar a dh’fhaodadh ge be air bith a thèid a chur an àite ESIF a chleachdadh gus cosnadh, bun-structar agus dèanadas a leasachadh ann an roinnean na h-Alba?

9. Dè an ìre de riaghaltas a bhiodh as fhèarr gus co-dhùnaidhean a dhèanamh air mar a thathar a’ riarachadh maoineachaidh anns an àm ri teachd, agus dè na modhan cunntachalachd a bu chòir a bhith ann?

10. Dè na cothroman is cunnartan a dh’fhaodadh a bhith ann am maoin no prògram a thèid a chur an àite ESIF?

Feuch gum freagair thu ris na ceistean as freagarraiche riutsa no ris a’ bhuidheann agad; faodaidh tu, ge-tà, barrachd fiosrachaidh a chur a-steach nach eil ceangailte ris na cuspairean seo.

Mar a chuireas tu an fhianais sgrìobhte agad a-steach

Mus cuir thu a-steach tagradh, feuch gun leugh thu poileasaidh na Pàrlamaid air mar a bu chòir do Chomataidhean cuspaireil is àithneil dèiligeadh ri fianais sgrìobhte. Ann an co-rèir ris a’ phoileasaidh sin, is àbhaist gum foillsichear tagraidhean air an làraich-lìn againn.

Bu chòir do thagraidhean sgrìobhte a bhith gu reusanta goirid agus air an clò-sgrìobhadh ann an cruth Word. (Is fhèarr leinn gun robh iad nas lugha na 4 gu 6 taobhan de A4 a dh’fhaid.)

Is e an ceann-latha airson cur a-steach tagraidhean sgrìobhte Dihaoine 13 Giblean 2018.

Mar thoradh air an raon-ama àbhaisteach a tha riatanach airson dèiligeadh ri fianais agus sgrùdadh a dhèanamh oirre, cha ghabhar ri tagraidhean fadalach ach le aonta ro làimh bhon chlàrc.

Is fhèarr leis a’ Chomataidh tagraidhean dealanach fhaighinn. Bu chòir an cur ri:

[email protected] 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.