Cruth-atharrachadh a dhìth gus bun-chùram a lìbhrigeadh a tha iomchaidh airson na 21mh linn, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

16.02.2021

Tha ath-chruthachadh radaigeach air bun-chùram deatamach gus dèanamh cinnteach gum faigh an ath ghinealach de shaoranaich an cùram a dh’fheumas iad, a rèir Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh ag ràdh gum feum an t-seirbheis thraidiseanta 9-5, 5 latha san t-seachdain a chur air chùl agus modal ùr a chumadh timcheall air feumalachdan luchd-cleachdaidh. Tha iad a’ cur ìmpidh air seirbheis na slàinte gabhail gu h-iomlan ri teicneòlas airson piseach a thoirt air co-roinn agus sgrùdadh dàta, gus siostam 21mh linn a lìbhrigeadh a tha iomchaidh do euslaintich.

Tha aithisg na Comataidh a’ cur crìoch air sgrùdadh dà-bhliadhna air na tha an dàn do bhun-chùram. Bha buill den phoball aig cridhe an rannsachaidh innleachdaich leis na beachdan aca a’ toirt cumadh air. Nochd a’ chiad ìre den rannsachadh, a chaidh fhoillseachadh san Iuchar 2019, miann agus taic a’ phobaill airson cruth-atharrachadh a thaobh mar a gheibhear seirbheisean agus mar a tha iad air an lìbhrigeadh.

Tha an rannsachadh air cuideam a chur air na cosgaisean agus na h-iarrtasan a tha a’ sìor fhàs air seirbheis na slàinte mar thoradh air sluagh a tha a’ fàs nas sine agus na feumalachdan slàinte nas toinnte aca, a bharrachd air mòr-sgaoileadh tinneasan reamhrachd agus fìor neo-ionannachd slàinte anns na sgìrean as bochda ann an Alba.

Tha aithisg na Comataidh a’ ceasnachadh dealas an Riaghaltais airson co-dhiù 800 dotair-teaghlaich eile fhastadh ro 2030. Tha iad ag ràdh gum bu chòir, an àite sin, an cuideam a chur air gealltainn fastadh iomchaidh de luchd-obrach proifeasanta a dhèanamh thar sgiobaidhean ioma-roinneil (MDTn), a’ toirt a-steach an dà chuid dotairean teaghlaich agus proifeiseanan eile, a bheir seachad na buannachdan ris a bheil dùil do bun-chùram gu h-iomlan.

A’ bruidhinn mar a chaidh an aithisg fhoillseachadh thuirt Neach-gairm na Comataidh, Lewis Dòmhnallach BPA:

“Tha e soilleir nuair a thig e gu bun-chùram nach eil e iomchaidh cùisean a chumail mar a tha iad. Chan e a-mhàin nach eil na dòighean lìbhrigidh cùraim a th’ againn neo-sheasmhach a thaobh ionmhas ach chan eil iad air cumail suas ri beatha an latha an-diugh.

“Feumaidh sinn ath-bheachdachadh bunaiteach a dhèanamh air bun-chùram gus an urrainn dhuinn a bhith cinnteach gum faigh na saoranaich againn an cùram as fheàrr a ghabhas airson ginealaichean ri thighinn.

“Feumaidh sinn gluasad air falbh bho bhith a’ toirt seachad òrdughan-cungaidh gun smaoineachadh agus a dh’ionnsaigh òrdachadh-leighis sòisealta. Feumar gabhail san fharsaingeachd ri modal seasmhach airson cùram a lìbhrigeadh agus feumaidh seirbheis na slàinte gabhail ri teicneòlas ùr.”

“Feumar gluasad bunaiteach cuideachd a thaobh mar a tha am poball agus proifeiseantaich slàinte a’ faicinn Dotairean-teaghlaich. An àite dotair-teaghlaich fhaicinn mar sholaraiche nan seirbheisean uile, bu chòir dòigh-obrach ùr a chleachdadh far am faod proifeiseantaich slàinte eile, a tha gu tric ann an suidheachadh nas fheàrr agus nas uidheamaichte gus daoine a chuideachadh agus taic a thoirt dhaibh, a bhith a' dèanamh sin."

Thuirt e cuideachd:

“Chaidh an rannsachadh againn a stiùireadh le bhith a’ cluinntinn gu dìreach bhon phoball mu na seirbheisean bun-chùraim a tha iad ag iarraidh is a dh’fheumas iad, agus tha a’ Chomataidh airson taing a thoirt do na h-uile a ghabh pàirt anns na fòraman poblach againn agus a thug seachad am beachdan.”

Tha a’ Chomataidh ag ràdh gum feumar fòcas air casg tinneis a phrìomhachasadh agus àbhaisteachadh, ach airson seo a bhith soirbheachail feumaidh e a’ dol nas fhaide na dìreach seirbheis na slàinte. Tha iad a’ nochdadh cho cudromach ’s a tha coimhearsnachdan ionadail ann a bhith a’ lìbhrigeadh deagh thoraidhean slàinte agus ag ràdh gu bheil miann soilleir am measg a’ phobaill airson coimhearsnachdan co-cheangailte, le àiteachan a bheir cothroman do dhaoine a bhith gnìomhach agus sòisealta, agus ceangal ris an àrainneachd nàdarra ionadail.

Chaidh gabhail gu farsaing ri seirbheis comhairleachaidh bhidio ‘Near Me’ ri linn galar lèir-sgaoilte Covid-19 ged a tha a’ Chomataidh air teagamhan a nochdadh gum faodadh neo-ionannachd slàinte a chur am meud nam b' e seo an cleachdadh àbhaisteach.

Cùl-fhiosrachadh

A’ tuigsinn gu bheil grunn leasachaidhean air a bhith ann taobh a-staigh Seirbheisean Bun-Chùraim o chionn ghoirid dh’aontaich a’ Chomataidh gu robh e iomchaidh dhaibh sùil a thoirt air solar sheirbheisean agus dhòighean-obrach. B’ e na prìomh amasan beachdachadh an robh seirbheisean a’ coinneachadh ri feumalachdan gnàthach agus ciamar a bu chòir an toirt seachad san àm ri teachd.

Chaidh an rannsachadh a roinn ann an dà phàirt. Bha Pàirt 1 den rannsachadh ag amas air cluinntinn bho bhuill den phoball mu mar a bha iad a’ faireachdainn a bu chòir seirbheisean a lìbhrigeadh agus cothrom fhaighinn orra.

Thug Pàirt 2 den rannsachadh na beachdan sin gu raon farsaing de phroifeasantaich slàinte a bha an sàs ann am bun-chùram, a’ faighneachd ciamar a bha iad a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh seirbheisean a thighinn air adhart a rèir feumalachdan agus miannan an luchd-cleachdaidh. Gheibhear an aithisg air fad an seo.

Gheibhear pàirt 1 den aithisg an seo 
https://digitalpublications.parliament.scot/Committees/Report/HS/2019/7/3/What-should-primary-care-look-like-for-the-next-generation-#Introduction

Faodaidh tu barrachd fhaighinn a-mach mu obair na Comataidh Slàinte is Spòrs air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Fiosrachadh mheadhanan
Warren Hardie: 0131 348 5479
Fàilte ro ghairmean Text Relay
[email protected]

Fiosrachadh comataidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh air an rannsachadh seo cuir fios air David Cullum, Clàrc na Comataidh Slàinte is Spòrs – dav[email protected] 

Fiosrachadh poblach
• Loidhne-fòn airson cheistean: 0800 092 7500 no 0131 348 5395 (Gàidhlig)
• 
[email protected]
• Teacsa 07786 209 888
• Cuir ceist tro 
live chat
• Cuideachd cuiridh sinn fàilte ro ghairmean tron t-seirbheis Text Relay no ann an Cànan Soidhnidh Bhreatainn tro 
contactSCOTLAND-BSL 

Seanailean sòisealta
Faodaidh tu cuideachd ar leantainn air Twitter @scotparl agus am fiosrachadh as ùire fhaighinn bhon Chomataidh @SP_HealthSport

Dèan like oirnn air
Facebook airson an fhios agus nan tachartasan as ùire

No faigh a-mach tuilleadh air  
YouTube  

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.