12.02.2021
Feumaidh Taigh an Ròid mìneachadh nas soilleire a dhèanamh air an obair
sgrùdaidh aige mar fhreagairt do Brexit, a rèir aithisg ùr a chaidh
fhoillseachadh an-diugh.
Tha panail de dh’eòlaichean fiosgail, eaconamach agus
bun-reachdail ag ràdh gu bheil fèin-riaghladh a-nis tòrr nas iom-fhillte, leis
na cumhachdan fiosgail a fhuaras o chionn ghoirid agus atharrachaidhean an
dèidh Brexit, agus gum feum Pàrlamaid na h-Alba an dòigh-obrach aice a thaobh
sgrùdadh atharrachadh às dèidh taghadh 2021.
Gus taic a thoirt don obair seo, tha am panail a’ moladh gum bu
chòir ath-sgrùdadh goirid neo-eisimeileach le raon-ùghdarrais teann a
stèidheachadh, gus aithris air ais don Phàrlamaid cho luath ’s a ghabhas.
Bu chòir fòcas an
ath-bhreithneachaidh a bhith air raointean-ùghdarrais comataidh san ath
Phàrlamaid agus bu chòir dha a bhith a’ toirt a-steach beachdachadh air na
cùisean fiosgail agus cùisean co-cheangailte ri Brexit a thog na h-eòlaichean,
còmhla ri aithisgean dìleib chomataidhean eile.
Beachdaichidh Comataidh an Ionmhais agus Bun-stèidh Thaigh an
Ròid, a bharrantaich an sgrùdadh le panail eòlaichean, air na co-dhùnaidhean an
t-seachdain sa tighinn.
Thuirt ball panail nan eòlaichean an t-Àrd
Ollamh Seumas Mitchell, Oilthigh Dhùn Èideann:
“Tha fèin-riaghladh a-nis tòrr nas iom-fhillte agus nas duilghe a
thuigsinn le cumhachdan Ministearan na h-Alba air an co-roinn le Ministearan na
RA ann am mòran raointean poileasaidh cudromach. Mar eisimpleir, a thaobh
cìs cosnaidh agus ann an iomadh raon poileasaidh a bha roimhe seo fo chomas an
AE. Tha seo a’ ciallachadh gum feum a’ Phàrlamaid a bhith tòrr nas
mothachail air mar a tha reachdas na RA a’ toirt buaidh air raointean
tiomnaichte a’ toirt a-steach an ìre gu bheil e a’ cuingealachadh cumhachdan Ministearan
na h-Alba.
“Aig an aon àm feumaidh a’ Phàrlamaid cumail orra a’ sgrùdadh
leasachaidhean poileasaidh aig ìre an Aonaidh Eòrpaich. An dà chuid a
thaobh buaidh leantainneach aonta malairt na RA-AE air raointean tiomnaichte
agus an ìre gu bheil a' chumhachd 'cumail suas' ga cleachdadh.”
A’ mìneachadh molaidhean panail nan
eòlaichean, thuirt Charlotte Barbour, Stiùiriche Cìseachais, Institiud
Luchd-cunntais Cairte na h-Alba:
“Is e beachd a’ Phanail, ma tha sgrùdadh brìoghmhor gu bhith ann
mu leasachaidhean co-cheangailte ri Brexit, chan urrainn don Phàrlamaid cumail
a’ dol leis an dòigh-obrach a th’ ann an-dràsta a thaobh obair
sgrùdaidh. Tha an eallach sgrùdaidh san àm ri teachd air sgàth Brexit
cho mòr gu bheil an coltas ann nach gabh a dhèanamh gu h-èifeachdach ma thèid a
dhèanamh ann an dòigh ad-hoc.
“An àite sin, tha feum air dòigh-obrach nas eagraichte agus air a
dhealbhadh gu faiceallach, ged a tha feum air sùbailteachd gus dèiligeadh ri
suidheachaidhean caochlaideach. Tha am Panail, mar sin, a’ moladh gum
feum a’ Phàrlamaid ann an co-chomhairle ri Riaghaltas na h-Alba a dhleastanas
sgrùdaidh a mhìneachadh gu soilleir mar fhreagairt do Brexit.
“Gus taic a thoirt don obair seo, tha sinn a’ moladh gum bu chòir
ath-sgrùdadh neo-eisimeileach goirid le fòcas teann a stèidheachadh sa bhad
agus aithris don Phàrlamaid cho luath ’s a ghabhas.
Bu chòir fòcas an ath-bhreithneachaidh a bhith air raointean-ùghdarrais
comataidh san ath Phàrlamaid agus bu chòir dha a bhith a’ toirt a-steach
beachdachadh air na cùisean a thog na h-eòlaichean agus aithisgean dìleib
chomataidhean eile.
“Bu chòir co-dhùnaidhean an ath-bhreithneachaidh cuideachadh le
bhith a’ fiosrachadh aonta air an structar comataidh agus raointean-ùghdarrais
comataidh airson Seisean 6.”
Rinn am panail eòlaichean molaidhean cuideachd airson na comataidh
a thig às dèidh Comataidh an Ionmhais agus Bun-stèidh às dèidh an taghaidh sa
Chèitean 2021:
·
Is e beachd a’ Phanail gu bheil
coltas ann gum bi iarrtas nas motha air ùine pàrlamaid gus beachdachadh air
reachdas chìsean agus mar sin gum bu chòir obair leantainneach na Buidhne-obrach
Reachdail air Cìsean Tiomnaichte a bhith na phrìomhachas tràth ann an Seisean
6.
·
Dh’aontaich am Panail gum bu
chòir don ath chomataidh sgrùdadh a dhèanamh air mar a thug COVID-19 buaidh air
an t-siostam chìsean agus beachdachadh air roghainnean airson ath-òrdachadh nan
cìsean a tha air an tiomnadh, a’ gabhail a-steach dòigh-obrach stèidhichte air
còraichean daonna. Tha am Panail a’ moladh gum bu chòir an rannsachadh seo a
bhith na phrìomhachas don ath chomataidh.
Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais is
Bun-stèidh, Brus Crawford BPA:
“Tha àrd-inbhe a’ phanail eòlaichean againn follaiseach. Tha mi a’
cur fàilte air an anailis lèirsinneach, ùghdarrasach seo. Tha mòran ann air am
faod a’ chomataidh againn agus a’ chòrr den Phàrlamaid beachdachadh. Tha mi
cinnteach gun toir e buaidh air stèidheachadh chomataidhean anns a’ Phàrlamaid
ùr.”
Leugh làn aithisg panail nan eòlaichean an
seo
Chaidh iarraidh air panail nan eòlaichean beachdachadh air:
· Tiomnadh tuilleadh chumhachdan
tro Achd na h-Alba 2016, a’ leantainn molaidhean Coimisean Mhic a’ Ghobhainn.
· Obrachadh Frèam Fiosgail
Riaghaltas na RA/Alba a’ toirt a-steach freagairt do COVID-19.
·
Buaidh bun-reachdail Brexit air
tiomnadh cumhachd
Is iad buill a’ phanail, ann an
òrdugh na h-aibidile:
·
Charlotte Barbour, Stiùiriche
Cìseachais, Institiud Luchd-cunntais Cairte na h-Alba
·
Dùghlas Friseal,
Neach-deasachaidh Gnothaich is Eaconamaidh, BBC an h-Alba
·
An t-Àrd Ollamh Mìcheal
Keating, Ionad air Atharrachadh Bun-reachdail
·
An t-Àrd Ollamh Seumas
Mitchell, Oilthigh Dhùn Èideann
·
Cairistìona O’Neill QC,
Cathraiche, Brodies LLP
·
Màiri Spowage, Leas-stiùiriche,
Institiud Fraser of Allander
·
Marc Mac an Tàilleir,
Stiùiriche Sgrùdaidh Sgrùdadh Alba
·
Dr Hannah White,
Leas-stiùiriche, Institiud Riaghlaidh.
Còmhla riutha bha, an t-Àrd Ollamh Tom Mullen, an t-Àrd Ollamh
Coinneach Armstrong agus Daibhidh Phillips a tha nan Comhairlichean do
Chomataidh an Ionmhais agus Bun-stèidh. Bha an Dr Jim Johnston, Clàrc na
Comataidh, na chathraiche air a’ phanail. Chaidh taic a thoirt seachad le
oifigearan pàrlamaid.
Faigh barrachd fiosrachaidh mu
Chomataidh an Ionmhais agus Bun-stèidh an seo.