20.12.2020
Bu chòir gun tèid Bile ùr a leigeadh le cloinn buidhnean
poblach a thoirt gu cùirt airson briseadh a-steach air na còraichean aca le
bhith a’ corpachadh Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte mu Chòraichean na
Cloinne (UNCRC) ann an lagh na h-Alba a leudachadh gus buidhnean san roinn
phrìobhaidich agus buidhnean saor-thoileach a bhios a’ lìbhrigeadh
sheirbheisean poblach a ghabhail a-steach, tha Buill ag ràdh.
Tha Comataidh Co-ionannachd agus Chòraichean Daonna aig
Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil i a’ cur a taice ri prionnsapalan
coitcheann an reachdais a thathar a’ moladh ach dh’iarr i gun tèid mìneachadh
nan ùghdarrasan poblach a leudachadh gus a dhèanamh cinnteach nach eil
buidhnean leithid sgoiltean prìobhaideach, luchd-taigheadais, luchd-solair
cùraim-fhuirich is cùraim-chloinne a chumail a-mach bho dhleastanasan laghail
a’ Chunnraidh.
Tha Bile Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte nu Chòraichean
na Cloinne (Corpachadh) (Alba) a’ cur mar fhiachaibh laghail air ùghdarrasan
poblach – Ministearan na h-Alba nam measg – meas a thoirt do chloinn agus do
chòraichean dhaoine òga, gan cur fo dhleastanas gun gnìomh a ghabhail nach eil
a rèir Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte.
Anns an aithisg
aig Ìre 1 aice, mhol a’ Chomataidh gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba
comhairle ris a’ phrìomh luchd-ùidhe gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a ghabhadh
am mìneachadh air “ùghdarras poblach measgaichte” teannachadh gus nach èireadh
ceistean mar a dh’èirich le Achd nan Còraichean Daonna 1998, far a bheil na
cùirtean air na briathran a mhìneachadh gu cumhang agus air buidhnean
prìobhaideach no saor-thoileach a nì dreuchdan poblach a shaoradh.
Fon Bhile, faodaidh clann agus riochdairean a’ gnìomhadh
às an leth dùbhlan a thoirt do dh’ùghdarrasan poblach anns a’ chùirt airson
briseadh a-steach air na còraichean aca agus leigidh an reachdas ùr leis na
cùirtean cur às do reachdas nach eil a rèir fheumalachdan sam bith sa
Chunnradh.
Thog beachdan chun na Comataidh ceistean, ge-tà, mun
chothrom a tha aig clann an-dràsta air seirbheisean nan cùirtean is nan
tribiunal agus dh’iarr an aithisg air a’ bhritheamh as àirde dreuchd ann an
Alba beachd a ghabhail air an fhianais seo agus ùrachadh a thoirt seachad mun
adhartas a thathar a’ dèanamh gus siostam chùirtean a tha bàidheil ri cloinn a
leasachadh mar ullachadh airson an reachdais ùir.
Dh’iarr Buill air Riaghaltas na h-Alba cuideachd am Bile
atharrachadh gus an “fheum”, seach am “faod” na cùirtean is tribiunalan teacsa
làn a’ Chunnraidh agus a’ chiad dà phròtacal roghainneach a chur san àireamh
nuair a thathar a’ toirt breitheanas, agus toirt air na cùirtean is tribiunalan
beachdan a’ phàiste iarraidh air dè bhiodh na “leigheas èifeachdach” anns an
t-suidheachadh aca.
Mhol aithisg na Comataidh a bharrachd air sin gun
atharraicheadh Riaghaltas na h-Alba an t-ullachadh mu thòiseachadh aig ìre 2
gus dèanamh cinnteach gun tig am Bile gu buil sia mìosan an dèidh na h-Aonta
Rìoghail.
Tha am Bile cuideachd a’ cur dleastanas air Ministearan
na h-Alba Sgeama Còraichean na Cloinne a dhèanamh gus mìneachadh mar a
ghèilleas iad ri uallaichean Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte Convention, ach
tha Buill ag iarraidh gun tèid an sgeama a neartachadh gus ceuman leithid taic ri
cloinn le comharraidhean air an dìon no buidhnean so-leònte, cothrom air tagradh,
cobhair laghail, foghlam mu chòraichean daonna agus innleachd ghearanan a tha
bàidheil ri cloinn a ghabhail a-steach.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ruth NicUidhir BPA:
“Tha seo na reachdas tionnsgalach dha-rìribh aig a bheil
de chomas còraichean na cloinne a chur aig cridhe co-dhùnaidhean nan
ùghdarrasan poblach. Tha sinn den bheachd, ge-tà, - mar a nochdas an fhianais
chun na Comataidh – gu bheil raointean far an gabh am Bile leasachadh.
“Tha aithisg na Comataidh ag iarraidh air Riaghaltas na
h-Alba rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhas am mìneachadh a tha air
ùghdarras poblach atharrachadh aig ìre 2 gus na buidhnean sin san roinn
phrìobhaidich a bheir seachad seirbheisean poblach a ghabhail a-steach, a rèir
brìgh is rùn a’ Bhile.
“Tha sinn cuideachd a’ dèanamh mholaidhean ag amas air
leasachadh a thoirt air cothrom na cloinne is nan daoine òga air ceartas agus dearbhadh
gum bi leigheasan laghail airson briseadh a-steach air còraichean na cloinne
èifeachdach ann an gnìomh.
“Tha e deatamach fhèin gum bi còraichean na cloinne gan
dìon, gam meas agus gan coileanadh mar chùis èiginneach, agus is e sin as
coireach gun do dh’iarr sinn air Riaghaltas na h-Alba an t-ullachadh mu
thòiseachadh atharrachadh gus dèanamh cinnteach gun tig an reachdas seo gu buil
sia mìosan an dèidh dhan Bhile Aonta Rìoghail fhaighinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear dreach a tha “bàidheil ri cloinn” den aithisg,
a thathar air foillseachadh an cois na h-aithisge aig ìre 1, tro dhuilleag-lìn
Bile na Comataidh.
Ghabhadh ri Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte mu
Chòraichean na Cloinne (UNCRC) le Còmhdhail Choitcheann 1989 agus chaidh a
dhaingneachadh le Riaghaltas na RA ann an 1991, bhon uair sin tha uallach air a
bhith air an RA fon lagh eadar-nàiseanta na còraichean a nochdas anns a’
Chunnradh a thoirt gu buil. Tha e a’ nochdadh nan còraichean catharra,
poilitigeach, eaconamach, sòisealta agus cultarail air a bheil còir aig a’
chloinn uile agus is e an cunnradh mu chòraichean daonna as motha air a
dhaingneachadh anns an t-saoghal.
Tha an RA air làmh a chur cuideachd ri a dhà de na trì
pròtacalan roghainneach: (1) air clann a bhith an sàs ann an strì fo arm; agus
(2) air reic na cloinne, strìopachas-cloinne agus drùiseantachd-chloinne. Cha
do chuir an RA làmh fhathast ris an treas pròtacal, a bheir an cothrom gearanan
a thogail le Comataidh nan Dùthchannan Aonaichte mu Chòraichean na Cloinne. Ged
a tha an RA ceangailte ris a’ Chunnradh anns an lagh eadar-nàiseanta, seach
nach deach an Cunnradh a chorpachadh ann an lagh na rìoghachd, chan eil na
còraichean sin mar phàirt den lagh a ghabhas cur an gnìomh gu dìreach ann an
cùirtean na h-Alba.
Tha na còraichean sa Chunnradh, anns a bheil 54 altan,
gam barantachadh do gach pàiste ge b’ e dè an cinneadh, a’ ghnè, an creideamh,
an cànan, an comas no rud sam bith eile dham buin iad.
Tha Bile Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte mu
Chòraichean na Cloinne (Corpachadh) (Alba) na Bhile le Riaghaltas na h-Alba.
Chaidh a thoirt a-steach le Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit
airson Foghlam agus Sgilean, Iain MacSuibhne BPA ann am Pàrlamaid na h-Alba air 1 Sultain 2020 agus a chur air adhart gu
Comataidh Co-ionannachd agus Chòraichean Daonna (“a’ Chomataidh”) mar phrìomh
chomataidh aig Ìre 1.
Mar thaic ris an sgrùdadh aice air a’ Bhile, sgaoil a’
Chomataidh gairm airson fianaise air 7 Sultain 2020, a thàinig gu crìch air 16
Dàmhair 2020. Fhuair a’ Chomataidh 153 freagairtean sgrìobhte, bha mu dhà
thrian dhiubh seo bho chaochladh bhuidhnean san roinn phoblaich agus san treas
roinn. Far a bheilear air cead a thoirt, tha na freagairtean seo rim faotainn
air an làraich-lìn againn le giorrachadh den fhianais sgrìobhte nan cois.
A bharrachd air an obair-chomhairleachaidh seo, fhuair a’
Chomataidh còrr is 50 de fhreagairtean sgrìobhte air gairm shònraichte airson
beachdan ag amas air cloinn agus daoine òga. Fhuaireadh beachdan bho chloinn
agus bho dhaoine òga mar dhaoine fa leth, no mar phàirt de bhuidhinn mar
bhun-sgoil, àrd-sgoil, phreasantachdan ùra, agus tro ghnìomhachdan le
buidhnean-cloinne eile.
Chuala a’ Chomataidh fianais ann an labhairt mun Bhile
aig ceithir coinneamhan san t-Samhain agus san Dùbhlachd 2020. Tha ceanglaichean
ri aithisgean oifigeil nan coinneamhan sin rim faotainn an
seo.
Fiosrachadh nam Meadhanan
Baktosch Gillan
Email: [email protected]
Tel: 07866 163 636
Conaltradh Text Relay di-beathte
Bidh
Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba a’ giullachd dàta luchd-naidheachd gu
tèarainte gus am bi e air chomas dhaibh aithisg a thoirt mu obair Pàrlamaid na
h-Alba, a rèir nam feumalachdan a tha ann an-dràsta mu dhìon dàta. Tha de chòir
agad tarraing a-mach às aig àm sam bith. Airson barrachd fiosrachaidh,
seallaibh an Sanas mu Phrìobhaideachd
againn.
Fiosrachadh mun chomataidh
[email protected]
Fiosrachadh poblach
·
Loidhne nan ceist: 0131 348 5395 (Gàidhlig) no 0800 092
7500 (Beurla)
·
[email protected]
·
Teacsa 07786 209 888
·
Faighnich ceist air-loidhne air còmhradh
beò
·
Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’
cleachdadh seirbheis Text Relay no Cànan-soidhnidh Bhreatainn tro contactSCOTLAND-BSL.
Faodaidh tu ar leantainn cuideachd air twitter @SP_EHRiC.
agus cumail suas ris a’ Chomataidh, @SP_LocalGovt
Thoir meas dhuinn air Facebook airson
ùrachaidhean air naidheachdan is tachartasan
No faigh a-mach barrachd air YouTube