17.12.2020
Ann an
aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Àrainneachd,
Atharrachadh Gnàth-thìde agus Ath-leasachadh Fearainn Thaigh an Ròid ag
ràdh gu bheil dìth ceannardais agus comhairle bho Riaghaltas na h-Alba agus Cùisean
Mara na h-Alba, a thaobh adhartas, leasachadh agus buileachadh Planaichean Mara
Roinneil (RMPan)1 ann an Alba.
Mar
thoradh air sin, deich bliadhna air adhart bho Achd na Mara (Alba) 2010, chan
eil adhartas air a bhith ach slaodach a thaobh stèidheachadh Com-pàirteachasan
Dealbhaidh Mara (MPP)2 agus leasachadh RMPan. De na h-aon MPP deug ris
an robh dùil, cha deach ach trì a stèidheachadh3.
Tha
aithisg na Comataidh ag iarraidh air an riaghaltas dealas leantainneach a
nochdadh a thaobh dealbhadh mara roinneil le bhith a’ foillseachadh aithris-lèirsinn
ùr. Bu chòir mion-fhiosrachadh a bhith ann mun obair gus maoineachadh fad-ùine
a dhaingneachadh agus raointean-ama airson MPPan a stèidheachadh san àm ri
teachd.
Chuala
a’ Chomataidh gun deach MPPan fhàgail gus faighinn a-mach iad fhèin ciamar a
leasaicheadh iad planaichean iom-fhillte le glè bheag de chomhairle air a’
chleachdadh as fheàrr, agus gu robh feum air stiùireadh nas soilleire bho
Riaghaltas na h-Alba mu uallaichean is dhleastanasan MPPan agus a’ phròiseas
airson RMPan a leasachadh bhon toiseach-tòiseachaidh.
Chuala
a’ Chomataidh cuideachd gu robh dìth soilleireachd ann am pròiseasan
co-dhùnaidh a lean gu briseadh earbsa eadar luchd-ùidh agus a thug droch
bhuaidh air co-obrachadh.
Thuirt
Neach-gairm Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh Gnàth-thìde agus
Ath-leasachadh Fearainn, Gillian Martin BPA:
“Thòisich
a’ Chomataidh air an rannsachadh seo ag iarraidh cluinntinn bho nas urrainn de
luchd-ùidh agus rinn sinn a h-uile h-oidheirp gus sin a dhèanamh. Chuir sinn
a-mach ciad ghairm bheachdan. Thadhail sinn air Sealtainn, Siorrachd Àir a Deas
agus Arcaibh gus cluinntinn dhuinn fhìn dè as cudromaiche dha na daoine a bha
ag obair aig cridhe chùisean. Bharantaich sinn rannsachadh neo-eisimeileach gus
am biodh sinn a’ tuigsinn làn choimeasan eadar-nàiseanta air dealbhadh mara.
“Chomharraich
an rannsachadh seo gu bheil dealbhadh mara soirbheachail ann an àiteachan mar
Nirribhidh agus Sealan Nuadh air a thoirt gu buil gu ìre mhòr le ceannardas
làidir ionadail agus nàiseanta. Tha sinn a’ creidsinn gun toireadh ceannardas
nas làidire ann an Alba, an dà chuid le Riaghaltas na h-Alba agus Cùisean Mara
na h-Alba, cothrom dhuinne soirbheachadh cuideachd.”
A
bharrachd air sin, tha co-dhùnaidhean na Comataidh a’ daingneachadh gu bheil
comas aig dealbhadh mara roinneil a bhith na phrìomh bhrosnachadh airson Ath-bheothachadh
Uaine agus fàs eaconamach seasmhach ann an coimhearsnachdan cladaich na h-Alba.
Ach, tha e ag ràdh cuideachd gu bheil feum air tuilleadh maoineachaidh.
Thuirt
Gillian Martin BPA:
“Dh'fhaodadh
nach eil na h-ìrean ionmhais a tha rim faighinn bho Riaghaltas na h-Alba
an-dràsta gu leòr airson planaichean mara roinneil a chur an sàs gu
soirbheachail. Chan eil sinn a’ creidsinn gu bheil am maoineachadh riatanach
aig com-pàirteachasan dealbhadh mara gus an gnìomhan reachdail a choileanadh
agus tha am maoineachadh a chaidh a riarachadh ann an Alba ‘gu math nas ìsle’
na eisimpleirean eadar-nàiseanta. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh
cinnteach gu bheil tasgadh gu leòr air a riarachadh fad a’ chuairt
ath-bhreithneachaidh reachdail dealbhadh mara trì-bliadhna.“
A thuilleadh
air sin, feumar barrachd a dhèanamh gus na buannachdan eaconamach fad-ùine bho
phlanadh mara roinneil a chonaltradh an dà chuid do na coimhearsnachdan
cladaich agus do luchd-ùidh eile air feadh na dùthcha. Feumaidh sinn
aithneachadh gu bheil cuantan na h-Alba am measg an fheadhainn as
eadar-mheasgte agus as torraiche san t-saoghal agus, rè ùine, gun cruthaich
riaghladh èifeachdach air àrainneachd na mara eaconamaidh mara shoirbheachail.
Cha bu chòir dìochuimhneachadh gun do chruthaich eaconamaidh mara na h-Alba
£4.3bn ann an luach iomlan ann an 2018 agus thug e cosnadh do 74,200 neach.”
Am measg
mholaidhean a bharrachd a chuir a’ Chomataidh air adhart gus cuideachadh le
ath-bheothachadh agus leasachadh a’ phròiseas dealbhaidh mara roinneil ann an
Alba, tha;
- Riaghaltas na h-Alba gus stiùireadh
nàiseanta fhoillseachadh airson dealbhadh mara roinneil a’ mìneachadh am
measg eile – stiùireadh air cleachdadh as fheàrr airson a bhith a’
leasachadh RMPan agus conaltradh le luchd-ùidh; pròiseasan airson buill
MPP a thaghadh; stiùireadh air dreuchdan agus dleastanasan msaa.
- Riaghaltas na h-Alba gus comharrachadh mar
as urrainn dhaibh inbhe agus cothrom air eòlas dealbhaidh mara ann an Alba
a leasachadh gus coinneachadh ri amasan fad-ùine dealbhadh mara m.e. toirt
a-steach prògram barantaichte CPD airson dealbhadh mara.
- Cùisean Mara na h-Alba gus cùrsa trèanaidh
a thoirt do riochdairean agus luchd-ùidh airson MPPan ùra gus dèanamh
cinnteach gu bheil tuigse shoilleir aca mun phròiseas agus na thathas a'
sùileachadh.
- Bidh cathraichean neo-eisimeileach MPPan
an urra ri fuasgladh connspaid le stiùireadh soilleir air a’ phròiseas air
a shon, a’ toirt a-steach cùisean a chur air adhart gu Cùisean Mara na
h-Alba/Ministearan na h-Alba far a bheil sin iomchaidh.
- Riaghaltas na h-Alba gus amasan is
cinn-uidhe soilleir a shuidheachadh airson RMPan ann a bhith a’ dèiligeadh
ri prìomh chùisean àrainneachd agus sòisio-eaconamach a tha mu choinneimh
roinnean cladaich – a’ sealltainn mar a tha an fhianais shaidheansail as
ùire mu shlàinte àrainneachd mara na h-Alba a’ co-thaobhadh ri rùintean
poileasaidh nas fharsainge leithid Plana Atharrachadh Gnàth-thìde agus
àrd-mhiann airson 'Ath-bheothachadh Uaine'.
- MPPan gus sgrùdadh a dhèanamh air
roghainnean airson a bhith a’ cruthachadh fo-bhuidhnean comhairleachaidh
rannsachaidh gus taic rannsachaidh a stiùireadh agus bunait fianais
saidheansail a stèidheachaidh airson planaichean mara roinneil, agus
Riaghaltas na h-Alba gus maoineachadh sònraichte a thoirt seachad gus taic
a thoirt do rannsachadh.
- Riaghaltas na h-Alba gus ath-sgrùdadh a
dhèanamh air ullachaidhean Achd na Mara (Alba) 2010 gus cothroman a
chomharrachadh airson riochdachadh coimhearsnachd a leasachadh ann an
dealbhadh mara roinneil agus co-dhùnaidhean ceadachd mara.
Nòta do luchd-deasachaidh:
1 Planaichean
Mara Roinneil: cuir amasan agus cinn-uidhe Plana Mara Nàiseanta na h-Alba
an gnìomh aig ìre ionadail, a’ ceadachadh barrachd smachd ionadail a thaobh a
bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean agus a’ dealbhadh mu chùisean sònraichte ann
an àrainneachd na mara agus na h-oirthir.
2 Com-pàirteachasan
Dealbhaidh Mara: a’ faighinn chumhachdan bho Mhinistearan na h-Alba gus
Planaichean Mara Roinneil a leasachadh. Tha MPPan air an dèanamh suas de
luchd-ùidh mara a tha a’ nochdadh ùidhean mara san sgìre aca.
3 San
Ògmhios 2019, dh’aontaich a’ Chomataidh sgrùdadh a dhèanamh air an eòlas de
RMPan a leasachadh agus a bhuileachadh ann an Alba, deich bliadhna air adhart
bho Achd Dealbhadh Mara (Alba) 2010 a thug seachad frèam-obrach airson
Phlanaichean.
Tha an
Achd a’ sùileachadh aon RMP deug uile gu lèir, air an cur ri chèile le MPPan –
tha trì a-nis air an stèidheachadh ann an Sealtainn (2016), Cluaidh (2017) agus
Arcaibh (2020).
Dh'fhoillsich
a’ Chomataidh an aithisg eadar-amail aca air 26 Ògmhios 2020
Lorg aithisg na Comataidh ceangailte airson
luchd-naidheachd poilitigeach rè àm bacadh foillseachaidh.
Fiosrachadh Mheadhanan
Hilda
Stewart: 0131 348 5378
[email protected]