Beachdan gan iarraidh mun ùrachadh air Plana Riaghaltas na h-Alba mu Atharrachadh na Gnàth-shìde

16.12.2020

Tha ceithir comataidhean pàrlamaideach air gairm a chur a-mach còmhla airson beachd air plana ùraichte Riaghaltas na h-Alba air mar a bheir e a-mach targaidean na h-Alba mu atharrachadh na gnàth-shìde.

Chaidh an t-ùrachadh air a’ Phlana mu Atharrachadh na Gnàth-shìde (CCPu), a tha na ùrachadh air a’ Phlana roimhe mu Atharrachadh na Gnàth-shìde a chaidh fhoillseachadh ann an 2018, a chur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Nì ceithir comataidhean sgrùdadh air buadhachd a’ phlana, a’ sgrùdadh amas nam molaidhean is nan gnìomhan thar nan roinnean uile.

Tha Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh FearainnComataidh Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangailComataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan agus Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromach uile ag iarraidh bheachdan ron cheann-là mu dheireadh aca air 12 Faoilleach ro na coinneamhan-fianaise a thèid a chumail san Fhaoilleach agus sa Ghearran 2021.

Tha co-ghairm nan Comataidhean ag iarraidh bheachdan air na ceistean a leanas mar a bhuineas iad ris na raointean-ùghdarrais sònraichte aca:

• Adhartas gu ruige seo ann an gearradh bhrùchdaidhean sna roinnean buntainneach agus toirt gu buil nam molaidhean is nam poileasaidhean a nochd sna trì Planaichean roimhe seo aig Riaghaltas na h-Alba mu Atharrachadh na Gnàth-shìde a dh’fhoillsicheadh eadar 2011 agus 2018.
• Ìre nan lùghdachaidhean a tha san amharc sna roinnean agus iomchaidheachd is buadhachd nam molaidhean is nam poileasaidhean sa Phlana gus targaidean bliadhnail mu bhrùchdach a thoirt a-mach agus cuideachadh ris an lùghdachadh de 75% air targaidean brùchdadh nan taighean-uaine ro 2020 agus neoni lom ro 2045.
• Iomchaidheachd nan raointean-ama sa bheilear an dùil gun tig na molaidhean is na poileasaidhean gu buil.
• An ìre dhan nochd na molaidhean is na poileasaidhean beachdan mu atharrachadh air giùlan agus cothroman buannachdan nas fharsainge fhaighinn (mar eisimpleir, àrainneachd, ionmhas agus slàinte) bho ghnìomhan sònraichte ann an roinnean àraidh.
• An ìre dhan lìbhrig am Plana ath-shlànachadh uaine.

Bheir Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn sùil air:

• Sealladh farsaing agus amas, leasachadh a’ Phlana air ùrachadh mu Atharrachadh na Gnàth-shìde
• riaghladh atharrachadh na gnàth-shìde (a’ gabhail a-steach dearcnachadh is measadh)
• atharrachadh air giùlan
• uisge
• cleachdadh ghoireasan
• cleachdadh an fhearainn (a’ gabhail a-steach talamh-mòna agus cleachdadh an fhearainn leis an roinn phoblaich)
• carban-mara/gorm
• caitheamh agus eaconamaidh chearcallach
• ath-shlànachadh uaine mar a tha e a’ bualadh air raon-ùghdarrais na Comataidh seo
• rud sam bith nach eil ga chòmhdach le comataidhean eile

Thuirt Gillian Mhàrtainn BPA Neach-gairm Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn:

“Chuir an sgrùdadh a rinn Comataidh na h-Àrainneachd air Ath-shlànachadh Uaine o chionn ghoirid cuideam air cho buileach cudromach agus a tha e gun tèid beachd a ghabhail air a’ phlana seo mar Atharrachadh Cothromach – a’ dèanamh cinnteach gun toir e seachad modh-gabhail dàna, amalaichte a tha stèidhichte air tàthadh eadar na coimhearsnachdan, fallaineachd agus co-ionannachd. Leis an t-sealladh seo, gabhaidh sinn beachd air, mar eisimpleir, mar a chleachdas sinn ar cuid fearainn is ghoireasan agus dè a bharrachd a nì sinn gus buaidh a thoirt air atharrachadh air giùlan.

“Le co-sgrùdadh, ceasnaichidh na comataidhean againn an Riaghaltas a’ cur deuchainn air na poileasaidhean is na molaidhean aig cridhe greasad ghnìomhan gus eaconamaidh neoni lom a thoirt a-mach. Nach nochd thu do chuid bheachdan rinn gus an dèan sinn cinnteach gu bheil na ceistean a tha cudromach dhut a nochdadh mar as còir anns a’ phlana seo.”

Bheir Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangail sùil air:

• cùisean dùthchail
• àiteachas
• coilltearachd
• còmhdhail
• ath-shlànachadh uaine mar a tha e a’ bualadh air raon-ùghdarrais na Comataidh seo

Thuirt Edward Mountain BPA, Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangail:

“Is e ceist chudromach dhan Chomataidh a tha ann an atharrachadh na gnàth-shìde, gu sònraichte seach gur h-e dà raon ris a bheil i an urra, còmhdhail agus àiteachas, an fheadhainn as motha a chuireas ri brùchdadh a’ charbain, agus tha coilltearachd a’ cuideachadh ri lùghdachadh air CO2 le bhith mar gum biodh na amar-carbain prìseil.

“Tha na roinnean seo, ge-tà, cuideachd a’ toirt seachad chothroman mòra cuideachadh ri Alba na cuid thargaidean adhartach mu atharrachadh na gnàth-shìde. Mar eisimpleir, tha an galar air leigeil fhaicinn gu bheil dòighean-obrach ùra agus còmhdhail nas uaine comasach, ach faodaidh gum bi tasgadh eadar-dhealaichte sa bhun-structar agus roghainnean ùra mu phoileasaidh a dhìth ma tha buaidh bhuan gu bhith aca seo.

“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine agus bho bhuidhnean mu na ceuman a bharrachd a dh’fhaodar gabhail sna raointean seo air fad gus cuideachadh nas fheàrr a thoirt mu lùghdachadh air brùchdadh a’ charbain ann an Alba.”

Bheir Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan sùil air:

• dealbhadh
• taigheadas
• togalaichean
• gainnead connaidh
• ath-shlànachadh uaine mar a tha e a’ bualadh air raon-ùghdarrais na Comataidh seo

Thuirt Seumas Dornan BPA, Neach-gairm Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan:

“Tha e deatamach fhèin gun tèid taigheadas is togalaichean na h-Alba a ghleidheadh an aghaidh na h-ùine romhainn gus na h-amasan adhartach againn mun ghnàth-shìde a thoirt a-mach. Bidh a’ Chomataidh againn a’ sealltainn air a’ chuid as motha ris na dh’fhaodas an àrainneachd air a togail a dhèanamh gus carban a chumail aig neoni agus tha sinn an dòchas cluinntinn bho riochdairean an riaghaltais againn cuideachd..

“Tha fiughair againn ri cluinntinn mu na thathar a’ dèanamh mar-thà gus brùchdadh a’ charbain a lùghdachadh agus dè a bharrachd a nì sinn gus coimhearsnachdan seasmhach a thogail."

Bheir Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chthromach sùil air:

• gineadh an dealain
• gnìomhachas
• a’ lùghdachadh an iarrtais air lùth
• lùth ath-nuadhachaidh (dealan ath-nuadhachaidh agus teas ath-nuadhachaidh)
• ceanglaichean
• ceistean mun Ghriod
• teicneòlas mu lùghdachaidhean àicheil
• ath-shlànachadh uaine mar a tha e a’ bualadh air raon-ùghdarrais na Comataidh seo

Thuirt Gòrdan Lindhurst BPA, Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromach:

“Gus na targaidean mu atharrachadh na gnàth-shìde a tha ann a thoirt a-mach bidh feum air atharrachaidhean nach beag air an eaconamaidh. Tha sinn ag iarraidh gu mòr beachdan a chluinntinn bho ghnìomhachasan agus bho luchd-ùidhe air mar a dh’fheumas Riaghaltas na h-Alba taic a chur riutha gus am bi an ùine romhainn nas uaine.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Plana ùraichte mu Atharrachadh na Gnàth-shìde a chur air beulaibh na Pàrlamaid air 16 Dùbhlachd 2020. Gabhaidh gach Comataidh fa leth beachd air nithean san aithisg a tha a rèir an raoin-ùghdarrais aca agus bheir iad aithisg air ais dhan Phàrlamaid sa Mhàrt.

Fiosrachadh nam meadhanan

Comataidh na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn;
Hilda Stewart; 07583107104; [email protected]

Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangail;
Baktosch Gillian; 07866 163636; [email protected]

Comataidh Riaghaltais Ionadail agus Choimhearsnachdan;
Warren Hardie; 07870361440; [email protected]

Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Obair Chothromach;
Tim Hustler; 07511 670492; [email protected]

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.